Main content
Sorry, this episode is not currently available

10/07/2006

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 61

Bha “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige” ann an ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859). ’S e gnothach uabhasach a bh’ ann. Bha Gàidheil is Goill a’ sabaid le chèile air sràidean Inbhir Ùige. Thòisich e le ubhal no ’s dòcha orainsear.

Bha na mìltean de Ghàidheil ann an Inbhir Ùige. Bha iad ann airson an iasgaich. ’S ann à Leòdhas a bha mòran aca. Thòisich sabaid air an àrd-shràid eadar dithis bhalach. ’S ann mu dheidhinn ubhal – no orainsear – a bha an t-sabaid. B’ iad an dithis gille à Inbhir Ùige agus fear òg à Leòdhas.

Bha gu leòr eile a-muigh air an t-sràid. Taobh a-staigh dà mhionaid bha na ceudan a’ sabaid. Thàinig na poilis. Chuir iad eileanach an grèim. Ach bha spàirn mhòr ann.

Chuairtich na h-eileanaich an togalach. Bha iad mì-thoilichte. Bha na poilis dhen bheachd gum b’ e an ceannard aca fear à Leòdhas, Raibeart Dòmhnallach. Thàinig na poilis a-mach. Thug iad Raibeart a-steach don togalach. Bha ùpraid ann. Chaill Raibeart a chuid aodaich anns an ùpraid.

Dh’fhàs a’ mhì-rian na bu mhiosa. Bha dà mhìle gu leth duine an làthair. Bha iad a’ dol a bhriseadh a-steach don togalach. Bha feadhainn a’ sadail chlachan. Chaidh trithead uinneag a bhriseadh ann an Talla a’ Bhaile. Chaidh bhruidhinn ris an t-sluagh ann an Gàidhlig is Beurla. Chaidh iarraidh orra dhol dhachaigh. Ach cha do dh’fhalbh iad.

Chuir an t-Àrd-chonstabal fios gu caiptean an t-soithich, am Princess Royal, a bha anns an sgìre. Bha e cuideachd a’ clàradh fir a’ bhaile mar chonstabalan sònraichte.

Bha dragh air na h-ùghdarrasan mu choinneamh-ùrnaigh faisg air làimh. Bha mìle gu leth duine aig a’ choinneimh-ùrnaigh. ’S e Gàidheil a bh’ annta. Chaidh brath a chur don mhinistear, Mgr MacAoidh. Dh’iarr esan air a’ choitheanal aige dhol dìreach dhachaigh. Chaidh a’ chuid a bu mhotha de na daoine dhachaigh.

Chaidh Mgr MacAoidh fhèin gu làrach na h-aimhreit. Bhruidhinn e ris an t-sluagh airson fichead mionaid. Bha e ag iarraidh orra dhol dhachaigh. Ach cha deach iad dhachaigh.

An uair sin leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit. Agus chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: Sabaid Mhòr Inbhir Ùige: The Great Fight of Wick; ’s e gnothach uabhasach a bh’ ann: it was a terrible affair: bha Gàidheil is Goill a’ sabaid le chèile: Gaels and non-Gaels were fighting each other; thòisich e le ubhal no ’s dòcha orainsear: it started with an apple or perhaps an orange; bha iad ann airson an iasgaich: they were there for the fishing; eadar dithis bhalach: between two lads; b’ iad an dithis gille à Inbhir Ùige agus fear òg à Leòdhas: the two were a lad from Wick and a youngster from Lewis; chuir iad eileanach an grèim: they arrested an islander; spàirn mhòr: a great struggle; chuairtich na h-eileanaich an togalach: the islanders surrounded the building; bha na poilis dhen bheachd gum b’ e an ceannard aca: the police reckoned their leader was; chaill Raibeart a chuid aodaich: Robert lost his clothes; bha iad a’ dol a bhriseadh a-steach don togalach: they were going to break into the building; bha feadhainn a’ sadail chlachan: some were throwing stones; chaidh trithead uinneag a bhriseadh ann an Talla a’ Bhaile: 30 windows were broken in the Town Hall; chaidh bruidhinn ris an t-sluagh: the assembly was addressed (spoken to); chaidh iarraidh orra dhol dhachaigh: they were asked to go home; cha do dh’fhalbh iad: they didn’t leave; chuir an t-Àrd-chonstabal fios gu caiptean an t-soithich: the Chief Constable sent information to the captain of the vessel; a’ clàradh fir a’ bhaile mar chonstabalan sònraichte: registering menfolk of the town as special constables; coinneamh-ùrnaigh: prayer meeting; chaidh brath a chur don mhinistear: a message was sent to the minister; dh’iarr esan air a’ choitheanal aige dhol dìreach dhachaigh: he asked his congregation to go straight home; chaidh Mgr MacAoidh gu làrach na h-aimhreit: Mr Mackay went to the site of the disturbance; leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit: the Sheriff read the Riot Act.

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast