Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 422: Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair.

’S i labhair Goill is Gàidheil,

Neo-chlèirich agus clèir,

Gach fear agus bean

A ghluaiseadh teanga am beul.

’S i a labhair Adhamh

Ann a Phàrras fhèin

’S bu shiùbhlach a’ Ghàidhlig

O bheul Ă lainn Eubh.

A bheil sibh ag aithneachadh sin? Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn nas fhaide dhen Litir.

Tha mi cinnteach gun cuala sibh mu Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. ’S e bàrd ainmeil a bh’ ann. Bha e beò anns an ochdamh linn deug.

Ach an cuala sibh mu a bhràthair, Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair? Bha esan ainmeil cuideachd ach chan ann airson a chuid bàrdachd. Bha e ainmeil air sgàth ’s cho làidir ’s a bha e, ged a bha e gu math beag.

Ann an “Sàr-obair nam Bàrd Gàidhealach” tha an t-ùghdar Iain MacCoinnich ag innse stòiridh mu Aonghas. Bha e na bu shine na Alasdair, na bu lugha ach na bu làidire. Latha a bha seo, bha e air bruach Abhainn Lòchaidh ann an Loch Abar. Bha e aig ath, a’ dèanamh deiseil airson a dhol a-null. Bha e a’ toirt a bhrògan is stocainnean dheth. Nochd fear eile – Colla Bàn, fear Dòmhnallach à Bàrrasdal ann an Cnòideart. ’S e fear mòr àrd a bh’ ann.

Bha tòrr uisge anns an abhainn agus thuirt Colla ri Aonghas, “Fhir bhig, cùm ort do bhrògan ’s do stocainnean oir leigidh iad leat coiseachd na b’ fheàrr tron uisge. Thig còmhla riumsa agus cùm air mo chùlaibh. Brisidh mise neart an t-sruth agus nì sin an gnothach nas fhasa dhut.”

Thug Aonghas taing dha. Ach nuair a bha iad ann am meadhan na h-aibhne far an robh an sruth làidir, fhuair Colla e fhèin ann an cunnart a dhol fodha. Bha e airson tilleadh. Ach chaidh Aonghas air thoiseach air agus, leis cho neartmhor ’s a bha e, tharraing e Colla don taobh thall.

An uair sin thuirt Aonghas ri Colla, “Thug thu ‘fear beag’ orm air taobh thall na h-aibhne. Cò as coltaiche air an toirte ‘fear beag’ air an taobh sa? Gabh mo chomhairle. Na toir ‘beag’ air duine gus am bi e dearbhte agad [gu bheil e ‘beag’] agus tomhais gnè duine air barrachd na dìreach a choltas. Cuimhnich, cuideachd, mòr ’s ged a tha thu, mura b’ e duine na bu mhotha na thusa gur dòcha gum biodh tu mar fheòil do na h-easgannan ann an Abhainn Lòchaidh.” Cò chanadh nach eil a’ chomhairle aige cho iomchaidh anns an aonamh linn fichead ’s a bha i ann am meadhan an ochdamh linn deug?

Ged a tha feadhainn an siud ’s an seo a’ cuimhneachadh Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair – is tha mi air beul-aithris a chluinntinn mu dheidhinn, an dà chuid air tìr-mòr agus ann an Uibhist

– tha cuimhne fada nas fheàrr aig a’ mhòr-shluagh air a bhràthair, Alasdair. ’S e sin cumhachd na bàrdachd.

Bha Alasdair na dheagh charaid do ar cànan. Gu dearbh, ann am Moladh an Ùghdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig, sgrìobh e:

’S i labhair Goill is Gàidheil,

Neo-chlèirich agus clèir,

Gach fear agus bean

A ghluaiseadh teanga am beul.

’S i a labhair Adhamh

Ann a Phàrras fhèin

’S bu shiùbhlach a’ Ghàidhlig

O bheul Ă lainn Eubh.

Tha a’ Ghàidhlig ann am meadhan sruth làidir na h-eachdraidh an-dràsta agus tha sinn feumach air daoine a chuireas an cuid neirt an sàs airson taic a thoirt dhi an taobh thall a ruigsinn. Mar a bha Aonghas do Cholla, ’s dòcha gu bheil Alasdair don chànan againn. Tha neart a’ bhàird a’ leantainn fada às dèidh a bhàis.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Adhamh: Adam; Abhainn Lòchaidh: the Lochy River; dearbhte: proven.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: ’S i labhair Goill is Gàidheil: it is her that Lowlanders and Highlanders spoke; neo-chlèirich agus clèir: laity and clergy; ann a Phàrras fhèin: in his Paradise; bu shiùbhlach a’ Ghàidhlig o bheul àlainn Eubh: fluent was the Gaelic from Eve’s beautiful mouth; nas fhaide dhen Litir: further on in the Litir; chan ann airson a chuid bàrdachd: not for his poetry; air sgàth ’s cho làidir ’s a bha e: because he was so strong; na bu shine na Alasdair, na bu lugha ach na bu làidire: older than Alasdair, smaller [than him] but stronger; aig ath, a’ dèanamh deiseil airson a dhol a-null: at a ford, making ready to cross over; à Bàrrasdal ann an Cnòideart: from Barrisdale in Knoydart; leigidh iad leat coiseachd na b’ fheàrr: they’ll allow you to walk better; cùm air mo chùlaibh: keep behind me; brisidh mise neart an t-sruth agus nì sin an gnothach nas fhasa dhut: I’ll break the strength of the current and that will make it easier for you; ann an cunnart a dhol fodha: in danger of going under; tharraing e Colla don taobh thall: he dragged Coll to the other side; cò as coltaiche air an toirte ‘fear beag’ air an taobh sa?: who would more appropriately be called ‘little man’ on this side?; tomhais gnè duine air barrachd na dìreach a choltas: measure a man by more than just his appearance; mura b’ e duine na bu mhotha na thusa: if it weren’t for a bigger man than you; mar fheòil do na h-easgannan: as meat for the eels; cumhachd na bàrdachd: the power of [the] poetry; airson taic a thoirt dhi an taobh thall a ruigsinn: to help her to reach the other side; fada às dèidh a bhàis: long after his death.

Puing-chĂ nain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Fhir bhig, cùm ort do bhrògan ’s do stocainnean: little man, keep on your shoes and socks. Fhir is the vocative singular of the masculine noun fear. Masculine nouns and masculine personal names generally slenderise and lenite in the vocative singular eg “a bhalaich!”, “a Sheumais!” Any associated adjective behaves in the same way eg “a bhalaich amaidich!”, “a Dhòmhnaill Bhig!”, “a Sheumais Mhòir”; “a laochain bhig!”

GnĂ ths-cainnt na Litreach

Gnàths-cainnt na Litreach: Thug thu ‘fear beag’ orm: you called me “little man”.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast