Main content

15/06/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 415
Duration: 05:34
Litir 415: Diarmaid agus GrĂ inne
Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh “Diarmaid agus Grà inne” an-diugh. Bha Diarmaidair cur às don torc nimhe air Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh. Ach bha fios aig Fionn, gedas e gaisgeach là idir a bh’ ann an Diarmaid, gun robh aon laigse aige. Bha ball-dòbhrain aigeair bonn a choise. Nam faigheadh calg aig torc a-steach ann, bhiodh sin ag adhbharachadh abhà is.Dh’iarr Fionn air Diarmaid dhol air ais gu far an robh closach an tuirc.“ A Dhiarmaid,” thuirt e, “tomhais an torc. Cia mheud troigh bho shoc da shà il?” Abheil sibh a’ tuigsinn nam faclan sin? From its snout to its heel. Bho shoc da shà il.Bha Fionn ag iarraidh gum biodh Diarmaid a’ tomhas fad an tuirc le chasan, agus ecasruisgte. Rinn e sin bho shoc da shà il. Ach bha sin leis an fhionnadh. Tha sin a’ ciallachadhwith the lie of the hair or bristles. Leis an fhionnadh.“Tha e sia troighean deug,” thuirt Diarmaid. ’S e torc air leth mòr a bh’ ann!“Tomhais an torc a-rithist,” thuirt Fionn. “An turas seo an aghaidh an fhionnaidh.” Thasin a’ ciallachadh against the lie of the bristles. An aghaidh an fhionnaidh.Rinn Diarmaid sin ach, an turas seo bhris bior cuilg am ball-dòbhrain air bonn a choise.Thuit e. Shaoileadh tu gum biodh Fionn toilichte. Ach ghabh e aithreachas mu na rinn e. “Dèdhèanadh na b’ fheà rr thu, a Dhiarmaid,” thuirt e.“Nam faighinn deoch uisge à bas Fhinn, bhithinn na b’ fheà rr,” fhreagair Diarmaid.Dh’fhalbh Fionn a dh’iarraidh uisge. Cha robh fad’ aige ri dhol. Thog e an t-uisge nalà mhan. Ach nuair a smaoinicheadh e air Grà inne, bhiodh e a’ dòrtadh an uisge. Nuair abhiodh e a’ smaoineachadh air Diarmaid, agus an gaisgeach sin ann an èiginn, gheibheadh etuilleadh uisge. An uair sin bhiodh e a’ smaoineachadh air Grà inne a-rithist agus dhòirteadh ean t-uisge. Cha robh fios aige dè dhèanadh e. Bha e eadar long is laimrig.Chuir an dà il às do Dhiarmaid. Mus do thill Fionn dha ionnsaigh le uisge, bha e marbh.Thill Fionn is a chompanaich don allt far an do choinnich iad ri Diarmaid anns a’ chiad dol a-mach.Choisich iad suas ri taobh an uillt.Rà inig iad an taigh far an robh Grà inne. Chaidh iad a-steach. Chunnaic iad gun robh dà leabaidh ann. Thuig iad gun robh leapannan air leth aig an dithis. Thuig iad gun robh Diarmaidneo-chiontach. Bha iad anabarrach duilich mu na thachair.Tha cuid ag rà dh gun do ghabh Grà inne là mh na beatha fhèin. Tha cuid eile a’ dèanamhdheth gun robh Fionn is a chompanaich cho feargach le Grà inne ’s gun do thog iad teine deghlas-darach agus gun do loisg iad Grà inne gu bàs anns an teine.Mu choinneimh Beinn Ghulbain tha tom air a bheil Bad an Lòin. Agus air pìos dheth sintha, air na mapaichean chun an latha an-diugh, à ite air a bheil The Tomb – an tuam. A rèir beul-aithris, ’s e seo là rach na h-uaghach aig Diarmaid. Chaidh ceithir tursachan a chur suas ann.Agus ma thèid thu gu ceann an ear nan tursachan, is ma choimheadas tu sìos an loidhne a tha iad a’ dèanamh, uill, tha e coltach gu bheil iad a’ comharrachadh an à ite far an do mharbhDiarmaid torc nimhe Beinn Ghulbain o chionn ceudan mòra bhliadhnaichean.
Faclan na Litreach
laigse: weakness; calg: bristle; closach: carcase; tomhais: measure; dĂ il:Â delay; sliseagan: shavings (of wood); neo-chiontach: innocent.
Abairtean na Litreach
bha X air cur às don torc nimhe air Beinn Ghulbain ann an GleannSìdh: X had killed the wild boat on Ben Gulabin in Glenshee; ged as e gaisgeach là idir a bh’ann an X: although X was a strong hero; bha ball-dòbhrain aige air bonn a choise: he had amole on the sole of his foot; le chasan, agus e casruisgte: with his feet, he being bare-footed;bhris bior cuilg X: the point of a bristle broke X; shaoileadh tu: you’d think; ghabh eaithreachas: he regretted; dè dhèanadh na b’ fheà rr thu?: what would make you better?; namfaighinn deoch uisge à bas Fhinn: if I were to get a drink of water from Fionn’s palm; adh’iarraidh uisge: to get water; bhiodh e a’ dòrtadh an uisge: he would pour the water away;ann an èiginn: in an emergency situation; cha robh fios aige dè dhèanadh e: he didn’t knowwhat to do [lit. what he would do]; anns a’ chiad dol a-mach: in the first instance; ri taobh anuillt: beside the burn; gun robh leapannan air leth aig an dithis: that the two had separate beds; anabarrach duilich: extremely sorry; gun do ghabh X là mh na beatha fhèin: that X committed suicide; ’s gun do thog iad teine de ghlas-darach: that they built a fire of peeled oak; ’s e seo là rach na h-uaghach: this is the site of the grave; chaidh ceithir tursachan a chur suas: four standing stones were erected; ceann an ear: the eastern end; ma choimheadas tu sìos an loidhne: if you look along [down] the line; gu bheil iad a’ comharrachadh an à ite: that they point to the spot; o chionn ceudan mòra bhliadhnaichean: many hundreds of years ago.
Puing-chĂ nain na Litreach
nuair a smaoinicheadh e air Grà inne/nuair a bhiodh e a’ smaoineachadh air Diarmaid: when he thought [would think] of Grà inne/when he would be thinking of Diarmaid. Can you tell the different grammatical status of smaoinicheadh and smaoineachadh and how to spell them? The second is the verbal noun (“thinking”) and is used in a construction with the verb “to be” eg bha mi a’ smaoineachadh [lit. “I was at thinking”]. You will find this in a dictionary (although in some places the verbal noun is smaointinn or smuaineachdainn). The first, however, is the conditional form of the verb. It is created by taking the root of the verb which is equivalent to the second person singular imperative ie an order given to a child – smaoinich! (think!) Then you add the suffix – eadh. That explains the different spelling and how to tell them apart.
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Bha e eadar long is laimrig: he was undecided [lit. he was between ship and landing-place].
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.