
08/06/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 414
Duration: 05:41
Litir 414: Diarmaid agus GrĂ inne
Thòisich mi an t-seachdain sa chaidh air an sgeulachd thraidiseanta “Diarmaid agus Grà inne” aig a bheil ceangal do Bheinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh. Bha Diarmaid air teicheadh le Grà inne, a bha fo ghealladh-pòsaidh do Fhionn. Ach bha Grà inne air a dhol an aghaidh Dhiarmaid. Bha Diarmaid a’ sabaid le Ciofach Mac a’ Ghoill. Stob Grà inne sgian ann an sliasaid Dhiarmaid.
Theich Diarmaid. Dh’fhalbh e bho tholl gu toll, ’s gun air ach gun robh e beò. Dh’fhàs fhalt agus dh’fhàs fheusag. Bha fhalt is fheusag cho fada ’s nach biodh duine ga aithneachadh. Chaidh e taobh na Carraige far an robh Grà inne agus Ciofach a’ fuireach. Bha iasg amh aige. Dh’iarr e cead an t-iasg a ròstadh.
Nise, rud sam bith air an cuireadh Diarmaid a mheuran, bhiodh blas na meala a’ tighinn air. Bha e a’ cleachdadh a mheuran airson an t-iasg a là imhseachadh. Dh’fheuch Grà inne criomag dhen iasg agus mhothaich i blas na meala air. Bha fios aice gur e an strà innsear Diarmaid. Thug Ciofach ionnsaigh air. Ach bha Diarmaid là idir. Mharbh e Ciofach. Agus theich e.
Nuair a chunnaic Grà inne gun robh Ciofach marbh, lean i air Diarmaid. Lorg i e aig briseadh an latha. Bha an sgian a stob i na chois fhathast ann. Cha b’ urrainn dha a toirt à s. Tharraing Grà inne a-mach i. Bha eagal air Diarmaid gum faigheadh an Fhèinn grèim orra. Chùm iad a dol gus an do lorg iad allt. Thog iad taigh an sin. Bha leapannan air leth aca.
Bha Diarmaid a’ dèanamh shoithichean fiodha a-rithist. Bha na sliseagan a bha e a’ dèanamh a’ dol sìos leis an allt. Latha a bha seo bha Fionn is a chompanaich ri sealgaireachd anns an sgìre. Thug Fionn an aire do shliseagan aig bun an uillt.
“Is iad seo sliseagan Dhiarmaid,” thuirt e.
“Chan iad,” fhreagair cà ch. “Chan eil e beò.”
“Glaodhaidh sinn foghaid.” thuirt Fionn. “Tha e mionnaichte ris gum feum e a’ freagairt.” [B’ e foghaid gairm seilg a bhiodh an Fhèinn a’ cleachdadh]
Chuala Diarmaid an fhoghaid. “Siud shìos foghaid na Fèinne,” thuirt e. “Feumaidh mi freagairt.”
“Na freagair, a Dhiarmaid,” thuirt Grà inne. “Chan eil ann ach foghaid bhrèig.”
Ach fhreagair e. Chaidh e sìos gu bun an uillt. Thachair e ri Fionn. Chuir Fionn dùbhlan roimhe oir bha e fhathast ag iarraidh dìoghaltas air Diarmaid airson Grà inne a thoirt air falbh. Dh’iarr e air Diarmaid an torc nimhe air Beinn Ghulbain a mharbhadh. Ghabh Diarmaid ris an dùbhlan.
Lean Diarmaid air an torc airson là ithean mus d’ fhuair e faisg gu leòr air airson a mharbhadh. Bha sin faisg air mullach na beinne. Bha sabaid mhòr ann eatarra. Bhris an torc an sleagh aig Diarmaid. Cha robh aig Diarmaid an uair sin ach claidheamh airson cur às dha. Ach rinn e a’ chùis aig a’ cheann thall.
Thill Diarmaid leis an naidheachd gun robh e air an torc nimhe a mharbhadh. Chan e sin an naidheachd a bha Fionn ag iarraidh cluinntinn. Cha robh fios aige gun robh leapannan fa leth aig Diarmaid is Grà inne. Bha e fhathast feargach is eudmhor mu chall na tè a bha fo ghealladh-pòsaidh aige.
Bha fios aige, ged as e gaisgeach là idir a bh’ ann an Diarmaid, gun robh aon laigse aige. Bha ball-dòbhrain aige air bonn a choise. Nam faigheadh calg aig torc a-steach ann, bhiodh sin ag adhbharachadh a bhà is. Chì sinn mar a rinn Fionn a’ chùis – agus na thachair do Ghrà inne – nuair a chuireas sinn crìoch air an stòiridh anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.