
09/02/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 397
Duration: 05:34
Litir 397: Call na h-Eileanan Flannach
Air an latha às dèidh Latha na Nollaige anns a’ bhliadhna naoi ceud deug (1900) rà inig an soitheach Hesperus na h-Eileanan Flannach. B’ ise an soitheach a bha a’ frithealadh nan taighean-solais. Bha fios aig Bòrd nan Taighean-solais gun robh rudeigin ceà rr. Cha robh an solas anns an taigh-sholais ag obair.
Bha ceathrar luchd-obrach ann. Bhiodh triùir còmhla anns an eilean aig an aon à m, leis a’ cheathramh duine a’ gabhail fòrladh. Bha am fear a bh’ air a bhith air fòrladh, Iòsaph Moore, air an Hesperus. Ach nuair a rà inig iad an t-eilean, cha robh sgeul air duine. Chuir iad lasair-bhoillsgean suas. Ach cha do nochd duine.
Bha doras an taigh-sholais dùinte. Bha sèithear anns a’ chidsin air a chliathaich. Cha robh an gleoc a’ dol. Bha aon seata oillsginean ann. Ach anns a h-uile dòigh eile, cha robh cà il a-mach às an rathad. Bha na lampaichean glan agus là n connaidh. Bha uidheamachd a’ chidsin glan. Dè bh’ air tachairt, ma-thà , don triùir – Seumas Ducat, Tòmas Marshall agus Dòmhnall MacArtair?
Dh’fhuirich Iòsaph Moore agus triùir de chriutha an Hesperus anns an taigh-sholais. Thill an Hesperus a Bhreascleit ann an Leòdhas, far an robh ionad aig Bòrd nan Taighean-solais. Chuir caiptean an Hesperus telegram don Bhòrd, ag innse dhaibh gun robh tubaist air a bhith ann. Leis nach robh an gleoc a’ dol anns an taigh-sholais, bha e dhen bheachd gun do thachair an tubaist seachdain roimhe.
Rinn an ceathrar anns an eilean rannsachadh mòr. Bha e follaiseach gun robh stoirm mhòr air a bhith ann. Mar eisimpleir, bha bogsa aig ceud is deich troighean os cionn na mara briste, is stuth air a sgaoileadh mu a thimcheall. Bha rèilichean iarainn air an lùbadh. Bha clach mhòr de chuideam còrr is tonna air gluasad bhon à ite aice. Aig mullach a’ bhearraidh, còrr is dà cheud troigh os cionn na mara, bha an stoirm air sgrathan a reubadh far na talmhainn trithead troigh air falbh bhon oir.
Ach – bha oifigearan an taigh-sholais air fios mun a seo a chur anns an leabhar-aithris aca. Thachair am milleadh mus deach na daoine à fianais.
Bha beachdan de gach seòrsa ann mu na thachair. Bha cuid dhen bheachd gun do mhuirt fear aca an dithis eile is an uair sin gun do ghabh e là mh na bheatha fhèin le bhith a’ leum don mhuir. A rèir cuid eile bha iad air an toirt am bruid le daoine à dùthaich chèin. Is iomadh smuain a rinn ceangal eadar an tubaist agus gnothaichean os-nà darrach.
Air an naoidheamh latha fichead dhen Dùbhlachd chaidh Raibeart Muirhead, oifigear aig Bòrd nan Taighean-solais, ann. Cho-dhùin esan gun robh an triùir air a dhol a-mach a cheangal bogsa anns an robh ròpan. Bha am bogsa ann an eag sa bhearradh, ceud is deich troighean os cionn na mara. Bha Dòmhnall MacArtair air a dhol a-mach gun a chuid oillsginean air. Chaidh tonn mòr thairis air an triùir. Chaidh an sguabadh air falbh.
Tha feadhainn fhathast dhen bheachd gun robh Dòmhnall MacArtair anns an taigh-sholais nuair a bha an dithis eile a-muigh, agus gum fac’ e rudeigin – ’s dòcha tonn mòr a’ tighinn. Ruith e a-mach ann an cabhaig airson rabhadh a thoirt don dithis eile. Bhiodh sin a’ mìneachadh mar nach robh oillsginean air agus mar a bha an sèithear air a chliathaich. Ach ’s iongantach gum bi fios againn a-chaoidh air dè dìreach a thachair air an latha uabhasach sin anns na h-Eileanan Flannach.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.