
07/07/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 366
Duration: 05:18
Litir 366: Siorram Achd na h-Aimhreit, agus Sabaid Mhòr Inbhir Ăige
Nuair a leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit, agus Sabaid Mhòr Inbhir Ăige aâ dol air srĂ idean aâ bhaile air an t-seachdamh latha fichead dhen LĂšnastal ochd ceud deug, caogad âs a naoi (1859), dhâfhalbh aâ chuid a bu mhotha dhen fheadhainn a bha an sĂ s anns an Ăšpraid. Ach thĂ inig buidheann dhiubh còmhla a-rithist faisg air lĂ imh. Bha seo aig naoi uairean feasgair, mu dhĂ uair a thĂŹde Ă s dèidh don Ăšpraid tòiseachadh.
âS e GĂ idheil a bhâ anns an fheadhainn seo agus bha iad airson briseadh a-steach do stèisean nam poileas airson na companaich aca, a bhâ ann an grèim, a leigeil a-mach. Ach bha na poilis aâ feitheamh riutha. Bha batail ann airson deich mionaidean, ach chaidh na h-iasgairean GĂ idhealach iomain air ais. Sgaoil iad an uair sin. Uile-gu-lèir, aig deireadh na h-oidhche, bha sianar air a bhith an grèim nam poileas. Chaidh aon duine a leigeil ma sgaoil air an oidhche sin, agus bha triĂšir eile gu bhith aâ faighinn an saorsa an lĂ rna-mhĂ ireach.
Ach cha bâ e sin e a thaobh aimhreit. Bha còmhlain de ghillean Ă Inbhir Ăige aâ coiseachd nan srĂ idean, aâ coimhead airson GĂ idheil air an toireadh iad ionnsaigh. Bha iad ag aithneachadh nan GĂ idheal bhon cuid bhonaidean. Bha mòran de na GĂ idheil aâ loidseadh ann am Pulteneytown, gu deas air Abhainn Ăige. Ach gu fortanach, fhuair feadhainn aca taic bho na daoine aig an robh iad aâ loidseadh â airson faighinn air ais gu sĂ bhailte.
Bhiodh aâ chĂširt na suidhe mar bu trice aig naoi uairean sa mhadainn air Diluain. Thòisich feadhainn air tighinn cruinn anns na srĂ idean taobh a-muigh taigh na cĂširte cho trĂ th ri seachd uairean. Cha deach taigh na cĂširte fhosgladh agus aig deich uairean bha an sluagh aâ fĂ s mĂŹ-fhoighidneach. Bha slatan fiodha aig cuid aca. Thòisich feadhainn, a bhâ air a bhith aâ sabaid le chèile oidhche Shathairne, air maoidheadh air a chèile a-rithist. Bha mu cheithir mĂŹle duine ann. Bhruidhinn oifigearan is ministearan riutha ach cha do rinn e diofar. Chaidh an dithis phrĂŹosanach â Raibeart Dòmhnallach agus fear eile â a leigeil ma sgaoil air urras, ach cha do shĂ saich sin an sluagh.
Bha dĂ rud ann a cheannsaich aâ mhĂŹ-rian air an latha sin. Anns aâ chiad dol a-mach bha caiptean aâ Phrincess Royal â soitheach dĂŹon-iasgaich an riaghaltais â an lĂ thair. âS ann Ă Leòdhas a bha e agus bha mòran de na bha an lĂ thair eòlach air. Bha fichead dhen chriutha aige ann cuideachd airson taic a thoirt do na poilis. Agus, a bharrachd air sin, thĂ inig buidheann de shaighdearan don bhaile air eacarsaich.
Sgaoil an sluagh ach cha deach na h-iasgairean gu muir. Thug trĂŹ fichead constabal sònraichte am bòidean, eagal âs gum biodh aimhreit a bharrachd ann. Chuir an Siorram fios do na h-Ăšghdarrasan ann an DĂšn Ăideann. Chaidh glè bheag de bhĂ taichean gu muir DimĂ irt no Diciadain agus cha robh muinntir aâ bhaile air an socair, ged nach robh sabaid a bharrachd ann air na lĂ ithean sin. Dhâfhalbh cuid de na h-iasgairean GĂ idhealach dhachaigh Diardaoin. Bha uiread de mhĂŹ-thoileachas ann agus cha robh iad ag iarraidh a bhith ann tuilleadh.
Ach gu mĂŹ-fhortanach cha robh Sabaid Mhòr Inbhir Ăige seachad. Disathairne, nochd feachdan cogaidh air bòrd nan long â am Prince Consort agus an Jackal. Leis gu robh saighdearan gu leòr aige a-nise, chuir an Siorram roimhe grèim fhaighinn a-rithist air Raibeart Dòmhnallach a chaidh a leigeil ma sgaoil air urras còig latha roimhe. Agus chĂŹ sinn dè thachair, agus mar a thĂ inig an fhòirneart gu ceann, anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.