
14/07/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 367
Duration: 05:40
Litir 367: Sabaid Mhòr Inbhir Ùige
Bha an Siorram ann an Inbhir Ùige airson a’ mhì-rian anns a’ bhaile, air an robh “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige”, a bha gu ìre mhòr eadar Gà idheil is Goill, a thoirt gu ceann. Chuir e feachd a-mach leis an amas grèim fhaighinn air Raibeart Dòmhnallach, Leòdhasach a bha mòran a’ coireachadh airson na h-aimhreit taobh a-muigh stèisean a’ phoilis seachd latha roimhe.
Ach fhuair Raibeart fios ro là imh agus theich e. Aig Thrumster, gu deas air Inbhir Ùige, ghabh e coidse thairis an aghaidh toil an drà ibheir. Rinn e air Poll Iù, far an do ghabh e bà ta gu ruige na h-Eileanan a-Muigh. Chaidh e am falach ann an Sgìre nan Loch ann an Leòdhas.
Ann an Inbhir Ùige fhèin, chùm an Siorram na saighdearan a-mach à sealladh. Chaidh rabhadh a thoirt don mhòr-shluagh gun a bhith a’ dol air na srà idean agus bha gnothaichean an ìre mhath sìtheil.
Ach aig deich uairean a dh’oidhche, fhuair an Siorram droch naidheachd. Chaidh grunnan a shà thadh le sgeinean ann am Pulteneytown. Chaidh òrdugh a thoirt do na saighdearan agus taobh a-staigh còig mionaidean bha iad air na srà idean. Thà inig saighdearan eile far bhà taichean anns a’ chala. Agus bha iad dìreach ann an à m oir bha an naidheachd a’ sgaoileadh am measg an t-sluaigh. Bha buidhnean de Ghà idheil is Goill a’ dèanamh deiseil airson tuilleadh sabaid.
Ann an trì srà idean, chaidh aona duine deug a shà thadh le sgeinean. ’S iad gillean às a’ bhaile fhèin a bu choireach. Bha iad a’ sà thadh cha mhòr Gà idheal sam bith a bha na sheasamh air stairsneach taighe. Gu fortanach, cha deach duine a mharbhadh.
Ged is iad na saighdearan a chuir an sluagh ma sgaoil, thòisich an ciùineachadh às an aonais. Bha cuid de mhuinntir a’ bhaile air an uabhasachadh leis na bha na còmhlain de ghillean a’ dèanamh, agus chuir iad am buill-airm an dà rna taobh. Chuidich iad an fheadhainn a bh’ air an leòn agus chuir iad fios gu lighichean.
Bha an fhòirneart seachad. Ged a bha poilis is saighdearan a’ coiseachd nan srà idean airson beagan là ithean às dèidh sin, cha robh an tuilleadh mì-rian ann. Chaidh duais luach còig nota fichead a thabhann airson fiosrachadh a leigeadh leis na poilis luchd nan ionnsaighean a chur an grèim. Ach fhuair iad dìreach aon ghille.
Cha do dhìochuimhnich iad mu Raibeart Dòmhnallach ann an Leòdhas, ge-tà . Chaidh barantas air a shon a chur gu ruige Steòrnabhagh ach bha an Dòmhnallach am falach air na Lochan. Chaidh seachdainean seachad is cha do thachair dad. Thòisich Raibeart air a dhol a-mach gu cèilidhean is a leithid. Chuala na poilis mu dheidhinn. Oidhche a bha seo, chaidh dithis phoileas à Steòrnabhagh ann airson a chur an grèim.
Chaidh Raibeart a cheangal le glas-là mh ri fear de na h-oifigearan. Thòisich iad air coiseachd air ais a Steòrnabhagh. Bha mòran de mhuinntir na sgìre nan cois. Air an rathad bha aca ri dhol seachad air loch. Thuirt Raibeart gun leumadh e a-steach don loch is gun toireadh e am poileas leis mura faigheadh e ma sgaoil. Às dèidh spà irn fhuair Raibeart ma sgaoil agus theich e bhon eilean. Thathar ag rà dh gu robh e na mharaiche às dèidh sin agus gun deach a bhà thadh ann an Abhainn Thames timcheall air ochd ceud deug, seasgad ’s a seachd (1867).
A thaobh an iasgaich ann an Inbhir Ùige cha robh fà ilte cho cridheil air na h-iasgairean Gà idhealach às dèidh na Sabaid Mhòir. Bho dheireadh nan caogadan a-mach cha robh na coitheanalan Gà idhlig anns a’ bhaile idir cho mòr ’s a bha iad roimhe.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.