
23/06/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 364
Duration: 05:31
Litir 364: Coitheanal Inbhir Ùige
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh de chaogadan an naoidheamh linn deug cà ite an robh na coitheanalan Gà idhlig a bu mhotha air an t-saoghal? Tha mi a’ ciallachadh coitheanalan eaglaise. Ann an Steòrnabhagh, ’s dòcha? No Port Rìgh? No Inbhir Nis? Uill, tha e cinnteach gu robh coitheanalan mòra anns na h-à iteachan sin. Ach tha amharas agam nach robh gin aca na bu mhotha na coitheanal Inbhir Ùige.
Seadh – Inbhir Ùige. Ged a bha Gà idhlig ga bruidhinn ann an taobh an iar is ceann a deas Ghallaibh, b’ i a’ Bheurla Ghallda cà innt muinntir Inbhir Ùige. Ach bha gnothaichean cà nain a’ bhaile ag atharrachadh ann an seusan an iasgaich. Nuair a bha an t-iasgach a’ dol, bha na h-uibhir de Ghà idheil a’ dol ann, gu h-à raidh bhon Eilean Sgitheanach is na h-Eileanan Siar.
Bhiodh suas ri ceithir mìle duine a’ tighinn cruinn còmhla ann am pà irc ann an Inbhir Ùige air an t-Sà baid airson seirbheis Ghà idhlig. Bhiodh suas ri triùir mhinistearan a’ frithealadh a’ choitheanail oir bha e ro mhòr airson aon duine.
Bha gnìomhachas an iasgaich air leth mòr ann an Alba aig an à m sin. Agus bha Inbhir Ùige am measg nam bailtean a bu chudromaiche san dùthaich airson iasgach – gu h-à raidh iasgach an sgadain. Bha na h-iasgairean à iomadh à ite. Bhiodh bonaidean Gà idhealach air na h-iasgairean Gà idhealach agus bhiodh sin gan comharrachadh mar eadar-dhealaichte bho chà ch.
Bhiodh geansaidhean orra uile, ach bha diofar beag ann eadar na geansaidhean à diofar sgìrean. Bha dà sheòrsa de gheansaidh aig gach iasgair – fear obrach agus fear airson gnothaichean sòisealta, a’ gabhail a-steach frithealadh na h-eaglaise. Bha diofar eadar an dà sheòrsa. Cha robh putanan air an fheadhainn a bhathar a’ cleachdadh airson iasgach. Bhiodh putanan cunnartach. Dh’fhaodadh iad a bhith air an glacadh sna lìn. Bha na cinn-mhuinichill air na geansaidhean sin fada teann – airson blà ths a chumail a-staigh. Bha na geansaichean fada air an cùlaibh cuideachd – airson dubhagan nan iasgairean a chumail blà th.
Ach bha na geansaidhean airson gnothaichean sòisealta na bu spaideile. Bha putanan orra a leigeadh leis an duine an geansaidh a thoirt dheth gun a bhith a’ sìneadh a’ bhann-mhuineil. Bha na putanan air na guailnean.
Bhiodh suas ri ceithir putanan air gach gualann aig geansaidhean iasgairean bhon chosta an ear. Bha e comasach do dhaoine dèanamh a-mach dè am port dham buineadh iasgair, le bhith a’ coimhead air na putanan air a gheansaidh. Mar eisimpleir, bhiodh ceithir putanan air gualann chlì iasgairean à Inbhir Ùige, agus an t-aon astar eatarra. Bhiodh dìreach aon phutan, no dhà no thrì, air geansaidhean iasgairean a bhuineadh do chuid de phuirt eile.
Bha na putanan uaireannan na chuideachadh nuair a bhathar a’ feuchainn ri iasgair a chaidh a bhà thadh aithneachadh.
Bha a’ Ghà idhlig gu math là idir ann an Inbhir Ùige ann am mìosan an t-samhraidh. Tha mi cinnteach gu robh cuid de mhuinntir a’ bhaile ann nach robh ro chofhurtail mun t-suidheachadh. Bho à m gu à m, bhiodh droch-rùn a’ tighinn am follais eadar an dà shluagh.
B’ e an tachartas a bu mhiosa dhiubh sin an aimhreit air an robh, agus air a bheil, “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige”. Thachair sin ann an ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859), agus innsidh mi dhuibh mu a deidhinn an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.