
11/11/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 332
Duration: 05:38
Litir 332: Tormod MacLeòid
Nuair a nochd Tormod MacLeòid mu choinneamh seisean na h-Eaglais cha do ghèill e. Cha do ghèill am ministear, an t-Ollamh Ros, nas mò. Thugadh fichead là do Thormod mus cailleadh e a dhreuchd mar thidsear. Choisich Tormod a-mach às an taigh.
Ach cha deach e fada. Bha uisge mòr air a bhith ann fad an lĂ agus bha tuil san abhainn faisg air aâ mhansa. Chan fhaigheadh Tormod a-null. ThĂ inig an oidhche. Bha Tormod bog fliuch. Cha bâ urrainn dha cĂ il a dhèanamh ach tilleadh don mhansa. Fhuair e a-steach don chidsin gun fhiosta do dhuine agus bha e ann a sin greis. Ach chaidh a lorg le searbhant.
Thug am ministear cuireadh dha tighinn don t-seòmar-shuidhe far an robh e fhèin is a bhean, feadhainn eile, agus fear de na h-èildearan a bhâ air a bhith ga cheasnachadh tron lĂ . Bha Tormod air a nĂ rachadh. Ach cha bâ urrainn dha a bhith mĂŹ-mhodhail. Agus chaidh fĂ ilte chrĂŹdheil a chur air. Fhuair e cuid oidhche anns aâ mhansa. Fhad âs a bha seo aâ tachairt bha a bhean MĂ iri aâ coiseachd an naoi mĂŹle don abhainn, agus i aâ gabhail dragh nach robh sgeul air an duine aice. Fhuair i fhèin cuid oidhche le nĂ baidh aâ mhinisteir air taobh eile na h-aibhne bhon mhansa.
Ăs dèidh fichead lĂ chaidh an sgoil a ghlasadh agus bha lĂ ithean Thormoid mar thidsear seachad. Bha e fhèin is MĂ iri airson âs gum biodh an leanabh aca, Iain, air a bhaisteadh le Ministear Loch Carrainn, an t-Urramach Lachlan MacCoinnich. Choisich iad ceathrad mĂŹle airson aâ bhaistidh. Ach, nuair a rĂ inig iad Loch Carrann, fhuair iad a-mach gu robh Mgr MacCoinnich airson âs gun tigeadh Tormod agus an t-Oll. Ros gu rèite. Thug e còmhla sa mhansa aigâ iad. Ach cha do dhâobraich e. Bha cus droch fhaireachdainn ann eatarra airson tighinn gu còrdadh. Chaidh Tormod is MĂ iri dhachaigh gun Iain a bhaisteadh.
Thòisich Tormod air beachdachadh air eilthireachd a dhèanamh a dhâAmeireagaidh a Tuath. Ach an toiseach bhiodh aige ris na fiachan a bhâ air a phĂ igheadh. Chaidh e a dhâInbhir Ăige airson iasgach. Bha tuarastal math aige ann a sin. Ro dheireadh na bliadhna, bha e air na fiachan gu lèir aige a phĂ igheadh, agus bha e air gu leòr de dhâairgead a shĂ bhaladh airson MĂ iri is Iain fhad âs a bha esan thall thairis. Anns an Iuchar ochd ceud deug âs a seachd-deug (1817), sheòl e air a Frances Ann a bha aâ dèanamh air Pictou ann an Alba Nuadh.
Bha stoirm mhòr ann fhad âs a bha iad aig muir agus thòisich an soitheach air uisge a leigeil a-steach. Ged a bha a h-uile fear air bòrd aâ gabhail turas air na pumpaichean, cha robh cĂšisean aâ dol gu math. Thug an sgiobair a h-uile duine cruinn. Dhâinnis e dhaibh gu robh e aâ dol a thilleadh a dhâĂirinn. Bha Tormod gu dubh na aghaidh. Bha esan airson cumail a dol. Chaidh e fhèin is an caiptean a-mach air a chèile, agus a h-uile duine eile gan coimhead. Mu dheireadh thall, fhuair Tormod taic an luchd-shiubhail airson cumail orra gu ruige Alba Nuadh. RĂ inig iad Pictou as t-Sultain.
Fhuair Tormod tac far an robh e trang ann a bhith aâ leasachadh na talmhainn. Ach LĂ na SĂ baid, bhiodh e ri searmonachadh. Cha bâ fhada gus an tug e buaidh mhòr air mòran dhen t-sluagh. âCò thâ ann an Tormod [MacLeòid]?â sgrĂŹobh fear. âTha searmonaiche a dhâèirich air a cheann fhèin a tha aâ cumail a-mach nach eil ministear aig CrĂŹosda ann an Eaglais na h-Alba air fad.â
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.