
21/10/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 329
Duration: 05:51
Litir 329: Clasaichean GĂ idhlig
Bha uair ann nuair a bhithinn a’ teagasg na Gà idhlig ann an clasaichean feasgair fo sgeama nà iseanta. Tha mi a’ ciallachadh le “sgeama nà iseanta” gu robhar a’ toirt seachad teisteanas. Bha agam ri cumail ri curraicealam, agus bha aig na h-oileanaich ri deuchainnean a shuidhe. Ach am b’ urrainn dhaibh còmhradh a chumail a dol ann an Gà idhlig? Bha na h-ùghdarrasan teisteanais coma mu dheidhinn sin. Ach cha robh mise.
Bha liosta agam de na sgilean a dh’fheumadh a bhith aig na h-oileanaich a chaidh tron chùrsa. Dh’fheumadh iad a bhith comasach air biadh òrdachadh agus ticead rèile a cheannach ann an Gà idhlig. Uill, chan ann tric a dh’òrdaich mi fhìn biadh ann an Gà idhlig, feumaidh mi aideachadh. Agus dè cho tric ’s a cheannaich mi ticead airson trèana sa chà nan? Cha do cheannaich a-riamh. Bidh a’ chuid as mò de Ghà idheil a’ cur seachad am beatha gu lèir, chanainn, gun a bhith a’ ceannach ticead rèile ann an Gà idhlig.
’S e a’ phuing a tha mi a’ dèanamh nach bu chòir cùrsaichean airson mion-chà nan mar a’ Ghà idhlig a bhith co-ionann ri cùrsa airson cà nan mòr mar Spà inntis no Fraingis. Bhiodh e gu math feumail do dhuine comas a bhith aige ticead trèana a cheannach ann an Spà inntis no Fraingis, oir bidh an sgil sin riatanach ma thèid e do dhùthaich mar an Spà innt is an Fhraing.
Air an aon dòigh saoilidh mi nach eil leabhraichean de dh’abairtean Gà idhlig stèidhichte air modal airson chà nanan cèin cho feumail ri feadhainn a chaidh a sgrìobhadh a dh’aona-ghnothach airson na Gà idhlig. Tha mòran a’ nochdadh annta a tha rudeigin coimheach.
Thà inig leabhar a-mach an-uiridh bhon chompanaidh Geddes and Grosset air a bheil an t-ainm Gaelic Phrasebook. Tha dà rud math mu dheidhinn – a’ phrìs (trì not’ ach sgillinn) agus an t-ùghdar – am fear-naidheachd Sgitheanach, Mà rtainn Dòmhnallach, aig a bheil Gà idhlig bhrèagha. Tha mòran rudan ann a tha sìmplidh gu leòr, agus glè mhath do luchd-ionnsachaidh. Mar eisimpleir Cà ite bheil iuchar an dorais seo? Nach brèagha an là a th’ ann? Agus... Tha mi uabhasach duilich –’s e coigreach a th’ annam...! A, uill, ’s dòcha nach bi am fear mu dheireadh cho feumail, ma tha thu a’ bruidhinn Gà idhlig ri fear-bùtha sna Hearadh!
B’ fheudar do Mhà rtainn teamplaid eadar-nà iseanta a leantainn, oir tha an aon dreach air an leabhran ann an iomadach cà nan, agus sin far a bheil na h-annasan a’ nochdadh ann. Chan eil fhios a’m dè cho tric ’s a chanadh tu, chòrdadh bòrd rinn air a’ bharraid no dè th’ ann am marag dhubh? ach tha abairtean eile ann a tha feumail, leithid chan eil airgead gu leòr agam no bha am biadh air leth.
Bha aig Mà rtainn ri bhith modhail. Airson the toilet is blocked, sgrìobh e tha na goireasan tachdte. Agus bha aige ri ceist annasach dha-rìreabh a chur ann: bheil neach-treòir le Beurla ann? Chan urrainn dhomh suidheachadh sam bith a chruthachadh nam inntinn nuair a bhiodh an abairt sin gu feum!
Ach dh’fhaodadh an earrann dhen leabhar mu dheidhinn siubhal air bà taichean-aiseig a bhith feumail oir a rèir Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn, ma bhruidhneas tu ann an Gà idhlig ri fear no tè dhen chriutha a thuigeas an cà nan, feumaidh iad freagairt ann an Gà idhlig. Ach saoil am faigheadh tu freagairt onarach do cheist mar am bi am bà ta tulgadh cus ri droch shìde?!
Agus – mar a bhiodh dùil – tha an abairt seo ann a bhios gu feum ann an stèisean rèile – bileag shingilte gu Glaschu, ler toil. Bidh na h-ùghdarrasan teisteanais toilichte mu dheidhinn sin!
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.