
28/10/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 330
Duration: 05:52
Litir 330: Na Cuimrich ann an Saskatchewan
Tha e coltach nach eil mòran air fhà gail an-diugh de na Cuimrich ann an Saskatchewan. Tha mi a-mach air na Cuimrich a chaidh a dh’fhuireach ann an Saltcoats ann an Saskatchewan ann an naoi ceud deug ’s a dhà (1902). Nuair a nithear rannsachadh air an eadar-lìon, feuch dualchas Cuimreach a lorg ann, gheibhear fiosrachadh mu chomann air a bheil The English/Welsh Society of Saskatoon. Is cinnteach, nan robh na Cuimrich là idir gu leòr, nach biodh iad air a dhol an co-bhuinn ris na Sasannaich airson comann a dhèanamh.
Carson a tha mi ag rà dh sin? Uill, cha robh na daoine às a’ Chuimrigh a rinn tuineachadh ann an Saskatchewan nan Cuimrich à bhaisteach. Gu dearbh, chan ann às a’ Chuimrigh a bha iad. Bha iad à Ameireagaidh a Deas.
Tha an stòiridh a’ tòiseachadh ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a còig (1865) anns a’ Chuimrigh fhèin. Sheòl ceud is seasgad Cuimreach air an t-soitheach Mimosa, a-mach à Liverpool. Bha iad a’ dol a dhèanamh dachaigh ùr Chuimreach dhaibh fhèin aig ceann thall a’ chuain.
Aig an à m sin, bha iad airson Ameireaga a Tuath a thrèigsinn, oir chunnaic iad mu thrà th gu robh an cà nan aca a’ dol à bith gu luath fo bhuaidh na Beurla. Chuir iad romhpa dhol gu sgìre ann am Patagonia fad air falbh bho Bhuenos Aires, far an robh riaghaltas Argentina a’ tà ladh in-imrichean. Ann a sin, fad air falbh o bhuaidh na Spà inntis is buaidh na Beurla, thog iad coimhearsnachdan Cuimreach. Chuir iad siostam lagha Cuimreach air dòigh, rud nach robh anns a’ Chuimrigh fhèin. Bha a’ Chuimris uile-chumhachdach mar chà nan coimhearsnachd, co-dhiù anns a’ chiad dol a-mach.
Ach anns na naochadan dhen naoidheamh linn deug, thà inig atharrachadh air na bailtean as mò anns an sgìre. Bha iad soirbheachail gu h-eaconamach agus, air sà illeabh sin, chaidh mòran choigreach a dh’fhuireach annta. Cha robh Cuimris acasan. Chan e sin a-mhà in a dh’fhà g cuid de na Cuimrich mì-thoilichte. Bha an riaghaltas ann am Buenos Aires a’ gabhail barrachd gnothaich ris na coimhearsnachdan Cuimreach cuideachd. Bha iad ag iarraidh prìomhachas airson Spà inntis anns na sgoiltean, mar eisimpleir. Thòisich cuid de na Cuimrich air sùil a thoirt a-mach a-rithist – gu dùthchannan eile far am faodadh iad a bhith saor agus Cuimreach.
Chaidh buidheann dhiubh gu Saskatchewan, far an d’ fhuair iad cead grunn sgìrean a thuineachadh. Anns a’ Chèitean naoi ceud deug ’s a dhà (1902), dh’fhà g còrr is dà cheud Cuimreach Patagonia. Sheòl iad gu ruige Liverpool – an dearbh phort às an do sheòl an sinnsearan a dh’Ameireagaidh a Deas. An uair sin, lean iad orra air soitheach eile a Chanada. Rà inig iad Quebec anns an Ògmhios, agus chùm iad orra gu ruige Saskatchewan.
Air clà r an luchd-siubhail air an t-soitheach, tha Patagonia ainmichte mar dhùthaich am breith airson a h-uile Cuimreach, ach chan urrainn gu bheil sin fìor. Feumaidh gu robh cuid dhen fheadhainn a bu shine air am breith anns a’ Chuimrigh fhèin, is gu robh iad air imrich a dhèanamh dà thuras. Car coltach ris na Gà idheil Albannach a chaidh a dh’Alba Nuadh, is an uair sin gu Astrà ilia is New Zealand.
O chionn trì bliadhna, ceud bliadhna às dèidh do na Cuimrich Saltcoats a ruigsinn, chomharraich muinntir an à ite “Bangor Heritage Day”. Ach, eucoltach ris na Cuimrich ann am Patagonia agus anns a’ Chuimrigh fhèin, cha do ghlèidh an fheadhainn ann an Saskatchewan an cà nan, a rèir choltais. ’S iomadh rud a chailleas fear na h-imrich. ’S dòcha gun do rinn Cuimrich Saskatchewan cus dhith.
Faclan na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Abairtean na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.