
17/06/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 311
Duration: 05:40
Litir 311: Sgoltaidh farmad na creagan
An cuala sibh a-riamh an seanfhacal “Sgoltaidh farmad na creagan”? Sgoltaidh farmad na creagan. Anns an leabhar The Gaelic Otherworld, tha Iain MacGriogair Caimbeul ag innse dhuinn mu thachartas a tha a’ dearbhadh an t-seanfhacail. Bha fear ann a bha gu math dìcheallach. Bhiodh e a’ dèanamh is a’ reic barrachd cà ise na duine sam bith eile anns a’ choimhearsnachd. ’S ann tric a bhiodh e a’ coiseachd seachad air taighean a nà baidhean air an rathad gu margaidh, le cà bag ann am poca air a dhruim. ’S e cà bag cnap mòr cruinn cà ise. Bhiodh na nà baidhean là n farmaid, a rèir choltais, oir cha robh cà bagan mar sin acasan.
Là a bha seo, bha fear na cà baig a’ coiseachd seachad air taighean a nà baidhean. Ach an à ite cà bag, bha clach-mhuilinn ann am poca air a dhruim. Bha na nà baidhean a’ coimhead air le farmad, agus iad a’ smaoineachadh gu robh cà bag eile aige. Cha robh fios acasan gur e clach, seach cà ise, a bha anns a’ phoca.
Nuair a rà inig an duine a’ mhargaidh, dh’fhosgail e am poca. Ach dè lorg e? Bha a’ chlach-mhuilinn air a briseadh ann an dà phìos. Bha i air a sgoltadh. A rèir a’ Chaimbeulaich, bha sin a’ dearbhadh na fìrinne anns an t-seanfhacal. Sgoltaidh farmad na creagan.
Ged a rugadh Iain MacGriogair Caimbeul anns an Apainn, bha e na mhinistear ann an Tiriodh, agus ’s ann anns an eilean sin a fhuair e cuid mhath dhen bheul-aithris a chruinnich e. Bha e anns an eilean nuair a bha muinntir na Gà idhealtachd an sàs ann an strì airson còraichean fearainn agus cha robh cùisean buileach sìtheil. Eadhon nuair a bha Achd na Croitearachd air a cur an gnìomh, bha cuid mì-thoilichte. B’ iad sin na coitearan – na daoine aig nach robh còraichean air an fhearann.
Nuair a chuala coitearan Thiriodh gun d’ fhuair croitear tuathanas math air mà l, bha iad feargach. Chuir iad stad air a’ chroitear bho bhith a’ cur stoc air an fhearann. Chuir na h-ùghdarrasan feachd bheag de phoilis gu ruige Tiriodh, ach chuir muinntir an à ite stad orra.
An dèidh sin, chaidh feachd mhòr de cheithir cheud duine a chur ann, feuch na coitearan a chur an grèim. Am measg sin bha dà cheud gu leth saighdear-mara. Chuir na pà ipearan-naidheachd luchd-aithris don eilean cuideachd. Air an là mu dheireadh dhen Iuchar – ’s e Disathairne a bh’ ann – choisich na saighdearan timcheall an eilein, ach cha robh muinntir an à ite deònach innse dhaibh cò na daoine a bha a’ briseadh an lagh. Thuirt fear-aithris an Scotsman ris an luchd-aithris eile gum bu chòir dhaibh uile fuireach gu Diluain airson an aithrisean a chur gu tìr-mòr. Cha bu chòir dhaibh an t-Sà baid a bhriseadh.
Ach gu h-os ìosal, chuir e fhèin calman gu tìr-mòr le aithris sgrìobhte mun a h-uile dad a thachair. Ach cha d’ fhuair an calman fada. Chuir sgaoth de dh’fhaoileagan stad air agus thill e a Thiriodh. Bha duilleagan fear an Scotsman air an sgaoileadh air feadh an eilein, agus tha e coltach gun do chòrd sin gu mòr ri muinntir an à ite.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.