
10/06/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 310
Duration: 05:49
Litir 310: Cha mhist’ a’ ghealach na coin a bhith comhartaich rithe
An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu choin a bhith a’ dèanamh donnal – uaireannan ris a’ ghealaich, nuair a tha a’ ghealach là n. Uill, tha sin fìor, ach uaireannan bidh coin a’ comhartaich ris a’ ghealaich cuideachd.
Tha seanfhacal againn a tha a’ buntainn air sin: Cha mhist’ a’ ghealach na coin a bhith [a’] comhartaich rithe. Cha mhist’ a’ ghealach na coin a bhith comhartaich rithe. Tha sin a’ ciallachadh nach dèan e cron sam bith air a’ ghealaich gu bheil coin a’ comhartaich rithe.
Bha mi ag innse dhuibh mun leabhar ùr aig Raghnall MacIlleDhuibh – The Gaelic Otherworld – a tha stèidhichte air dà sheann leabhar le Iain MacGriogair Caimbeul. Chruinnich an Caimbeulach beul-aithris, am measg eile, a bha co-cheangailte ris an droch-shùil.
Nam fasadh pà iste tinn, gun fhios carson, chuireadh a phà rantan a dh’iarraidh cailleach ghlic. Chuireadh a’ chailleach uisge glan ann am bobhla, agus chuireadh i crotag, sin bonn-airgid leth-thastain, anns a’ bhobhla. Bhiodh i gu sgiobalta a’ cur a’ bhobhla bun-os-cionn. Nan leanadh am bonn-airgid ri bonn a’ bhobhla, bhiodh sin a’ ciallachadh gu robh am pà iste air a chronachadh leis an droch-shùil.
An uair sin dè thachradh? Uill, seo mar a mhìnich fear à Tiriodh an gnothach. “Nuair a bha mi nam bhalach,” thuirt e, “chaidh mi gu taigh nà baidh… Bha pà iste anns an taigh a bha uabhasach tinn. Thug cailleach bobhla a bha leth-là n de dh’uisge, chuir i air a glùin e, agus thòisich i air dranndan a dhèanamh os a chionn… An dèidh greis, thòisich a’ chailleach air mèaranaich agus chan fhaca mi a leithid de mhèaranaich a-riamh. Rinn i mèaran an dèidh mèaran gus an robh mi a’ smaoineachadh gu robh i a’ dol a bhà sachadh. Bhogadh spògan a’ chait anns a’ bhobhla, agus snà ithlean dearg… an dèidh dha a bhith air a bhogadh anns an uisge cuideachd – bha [an snà ithlean] air a chur timcheall amhaich a’ phà iste.”
Tha an Caimbeulach ag innse dhuinn rudeigin inntinneach mu dheidhinn an uisge a bha anns a’ bhobhla. Sgrìobh e gur e “uisge casan an t-sealgair” a dh’fheumadh a bhith ann. Uisge casan an t-sealgair. Mar bu trice, b’ e cat an sealgair a b’ fhasa air am faigheadh na daoine grèim.
’S e an “dranndan” a chuala am balach a’ gheas. Bha a’ chailleach a’ cur an uisge agus an snà ithlean fo gheas. Ach carson a bha a’ chailleach a’ mèaranaich? Uill, a rèir choltais, bha sin a’ tachairt nuair a bha tinneas, a bh’ air a’ phà iste, a’ falbh à s.
Cha robh an tinneas dìreach a’ sgapadh don iarmailt, ge-tà . Bha e a’ dol thairis don chaillich. Is bha an tinneas a’ toirt air a’ chaillich mèaranan mòra a dhèanamh.
Tha mi an dòchas nach eil sibh fhèin a’ mèaranaich an-drà sta. Ma tha, chan eil e a’ ciallachadh gu bheil tinneas oirbh. ’S e dìreach gu bheil mi air a bhith a’ bruidhinn ro fhada. Sguiridh mi a-nise! Beannachd leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.