
14/01/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 289
Duration: 05:17
Litir 289: Sìthichean ann an Dùn Bhuirgh
Dè a’ Ghà idhlig a chuireadh sibh air an fhacal Bheurla “fort”? No ’s dòcha gum bu chòir dhomh faighneachd – dè a’ Bheurla a chuireadh sibh air an fhacal Ghà idhlig dùn? Anns an leabhar ùr aig Mìcheal Robson, a tha a’ fuireach ann an Nis ann an Leòdhas, tha an t-ùghdar ag rà dh gur e “fort” a’ Bheurla a th’ air dùn, ach nach e dùn a’ Ghà idhlig air “fort”. Tha Mgr Robson air am facal Gà idhlig a chleachdadh ann am Beurla – agus rachainn leis air a sin. Ma tha thu a-mach, ann am Beurla, air dùin Eilein Leòdhais, chan eil facal nas fheà rr air an son na “dun” fhèin. Tuigidh daoine cò air a tha thu a-mach. Agus ’s e tiotal an leabhair “Forts and Fallen Walls: the duns of northern Lewis”.
Tha na dùin ann an diofar shuidheachaidhean. Tha cuid dhiubh air eileanan ann an lochan, tha cuid air creagan no eileanan là imh ri bearraidhean a’ chladaich, agus tha feadhainn sa mhonadh. Ann am beul-aithris, bha ceangal là idir ann eadar cuid de na dùin agus na sìthichean. Agus bu mhath leam aithris a dhèanamh air sgeulachd a th’ aig Mìcheal Robson anns an leabhar aige mu dheidhinn sìthichean ann an co-cheangal ri Dùn Bhuirgh. Tha sin ann am Borgh air taobh an iar-thuath Leòdhais.
O chionn fhada bha boireannach ann am Borgh a bha air a sà rachadh leis an t-snìomh a bh’ aice ri dhèanamh. Bha i seachd sgìth dhen obair oir cha robh aice ach maide-snìomh no cuigeal airson an snìomh a dhèanamh. Bha seo mus robh cuibhlichean-snìomha aig muinntir Leòdhais. Oidhche bha seo, bha am boireannach sgìth, agus rinn i rud ris an canar “òrdachadh-oidhche”. Thuirt i gum b’ fheà rr leatha gum biodh a’ chlòimh gu lèir aice air a snìomh air an oidhche sin fhèin.
Cho luath ’s a thuirt i sin, nochd buidheann de mhnathan-sìthe anns an taigh. Agus obair a dhèanamh. Bha cuid dhiubh an sàs ann an cìreadh. Rinn feadhainn eile an thòisich iadsan air an cà rdadh. Agus rinn treas buidheann an snìomh. Bha iad cho sgiobalta air an obair, is nach b’ fhada gus an robh a’ chlòimh gu lèir anns an taigh air a snìomh. Cha robh na mnathan-sìthe toilichte a bhith gun obair, ge-tà , agus bha iad an uair sin ri buaireadh.
Dh’fhalbh fear an taighe a chèilidh air bodach glic anns an sgìre, airson comhairle fhaighinn air a’ chùis. Thuirt am bodach nach robh còir aig bean an duine a leithid de dh’òrdachadh-oidhche a dhèanamh. Bu chòir dhuibh, thuirt e, na sìthichean fhà gail far a bheil iad. Ach gheall e thighinn chun an taighe airson faighinn cuidhteas nam ban-sìthe.
Thà inig e gu uinneag agus dh’èigh e, “Dùn Bhuirgh na teine, Dùn Bhuirgh na teine”. Nuair a chuala na mnathan-sìthe seo, thuirt iad, “Mo chreach mhòr is mo dhunaidh, mo bhuilg, m’ ùird is m’ innean.” Bha iad troimh-chèile agus dh’fhalbh iad don à ite-fuirich aca – an dùn.
Thuirt am bodach ri fear is bean an taighe – cho luath ’s a gheibheadh na sìthichean a-mach nach robh teine anns an dùn, gum biodh iad air ais. Agus bha e ceart. Ach mus do thill iad, dhùin na daoine a h-uile fosgladh anns an taigh. Dh’iarr na sìthichean air a’ bhodach an leigeil a-steach.
“Dè tha sibh ag iarraidh?” dh’fhaighnich am bodach.
“Obair”, fhreagair na sìthichean.
“Ma ’s e obair a tha sibh ag iarraidh,” thuirt an seann duine, “thallaibh is cumaibh air falbh na tonnan a tha a’ briseadh air a’ chladach ud thall.” Dh’fhalbh na sìthichean chun a’ chladaich agus chan fhacas san dùn iad bhon uair sin.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.