
07/01/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 288
Duration: 05:23
Litir 288: Beantainn
Halò a-rithist. Agus fà ilte chrìdheil oirbh don chiad Litir dhen bhliadhna 2005. Tha fichead bliadhna air a dhol seachad am-bliadhna bho sheas a’ chiad duine air a h-uile mullach as à irde anns gach mòr-thìr air an t-saoghal. B’ esan Dick Bass, fear Ameireaganach a tha beò fhathast, agus rà inig e mullach na tè mu dheireadh – Beinn Everest – anns a’ bhliadhna ochdad ’s a còig.
Am measg nan seachd mullaichean sin, tha tè dhiubh air a bheil ainm Gà idhealach. Cò an tè? Uill, tòisicheamaid anns an Roinn-Eòrpa – le Elbrus no Mont Blanc, a rèir mar a thathar a’ comharrachadh crìochan na Roinn-Eòrpa. Kilimanjaro ann an Afraga. Beinn Vinson anns an Antartaig. Carstenz ann am Papua an Iar no Beinn Khosciusko ann an Astrà ilia, a rèir do bheachd air crìochan Astrà ilia no Astralà isia.
Dè th’ air fhà gail? Aconcagua ann an Ameireagaidh a Deas, Chomolungma no Beinn Everest ann an Àisia agus … aha … an tè mu dheireadh – an tè as à irde ann an Ameireagaidh a Tuath. Tha i ann an Alasga. Beinn MhicFhionnlaidh a chanamaid rithe ann an Gà idhlig, ach bidh daoine nas eòlaiche oirre mar Mt. McKinley.
Chaidh a h-ainmeachadh le fear Uilleam Dickey a bha a’ rannsachadh creagan Alasga airson stuthan prìseil. Chuir esan ainm fear de bhuill an t-Seanaidh air a’ bheinn – Uilleam MacFhionnlaidh. An dèidh sin, dh’èirich MacFhionnlaidh gu bhith na Cheann-suidhe do na Stà itean Aonaichte. B’ esan fear de na cinn-suidhe a chaidh a mhurt fhad ’s a bha e fhathast na dhreuchd. Thachair sin ann am Buffalo ann an stà it New York ann an naoi ceud deug ’s a h-aon (1901).
Ged a tha an t-ainm sin fhathast air a’ bheinn, tha an t-ainm dùthchasach a’ nochdadh nas trice an là an-diugh – Denali – a’ ciallachadh “am fear mòr” ann an cà nan nan Ameireaganach dùthchasach a bhuineas don sgìre, agus cò chanadh nach eil sin iomchaidh? Tha Beinn MhicFhionnlaidh ann am meadhan Pà irc Nà iseanta Denali.
Ach bu mhath leam Alasga fhà gail is tilleadh gu Astrà ilia. Aig dà mhìle, dà cheud is trithead (2,230) meatair os cionn na mara – sin beagan is seachd mìle troigh – chan eil Beinn Khosciusko uabhasach à rd – agus tha i furasta a streap. Agus tha cuid ann an Astrà ilia dhen bheachd nach i a’ bheinn as à irde san rìoghachd aca co-dhiù. Oir tha eilean anns a’ Chuan a Deas, faisg air an Antartaig, air a bheil beinn a ruigeas dà mhìle, seachd ceud, ceathrad ’s a còig (2,745) meatair os cionn na mara – còig ceud meatair nas à irde na Kosciusko.
Tha sin air Eilean Heard agus ’s ann le Astrà ilia a tha an t-eilean. Airson greis bhathar a’ smaoineachadh gur e maraiche Breatannach (tha dùil a’m gu robh e Albannach) a lorg an t-eilean anns an Fhaoilleach ochd ceud deug, leth-cheud ’s a ceithir (1854). B’ esan an Caiptean Uilleam Dòmhnallach, a bh’ air bòrd an t-soithich, an Samarang.
Chunnaic e an t-eilean, agus eileanan eile faisg air là imh, agus chaidh an ainmeachadh gu lèir mar “Eileanan an Dòmhnallaich” no the “McDonald Islands”. Ach thà inig e am bà rr gu robh fear Ameireaganach, an Caiptean Iain Heard, ann as t-Samhain ochd ceud deug, leth-cheud ’s a trì (1853). Agus, leis gu robh esan ann an toiseach, ’s e Eilean Heard a chanar ris an eilean sin an-diugh.
Ach ’s e an t-ainm a th’ air a’ bheinn air Eilean Heard – Big Ben. Tha fhios gur e sin A’ Bheinn Mhòr ann an Gà idhlig. Tha na h-eileanan sin fada bho Alasga is Alba, ach tha rudeigin ann a cheanglas na trì à iteachan sin ri chèile – dualchas nan ainmean Gà idhealach a th’ air a’ mhap an là an-diugh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.