
17/09/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 272
Duration: 05:38
Litir 272: Naomh Ciaran
Bha mi a-mach, an t-seachdain sa chaidh, air an naomh a thathar ag rĂ dh a chuir Ă s do nathraichean ann an Ăirinn, co-dhiĂš air talamh tioram. Bâ esan Naomh PĂ draig. Ach tha e coltach nach bâ e PĂ draig aâ chiad phears-eaglais a sgaoil an soisgeul ann an Ăirinn. Bha Naomh Ciaran ann roimhe, agus bu mhath leam rudeigin innse dhuibh mu dheidhinn.
Rugadh Ciaran, a rèir aithris, ann an eilean beag far cladach a deas na h-Ăireann anns aâ bhliadhna trĂŹ cheud, fichead âs a còig (325). Tha seann lĂ mh-sgrĂŹobhainn aâ dèanamh tuairisgeul dheth mar aâ chiad naomh Ăireannach a rugadh san dĂšthaich. âS e an t-eilean anns an do rugadh e Eilean Clèire no, mar a chanas muinntir an Ă ite, aig a bheil GĂ idhlig na h-Ăireann fhathast, OileĂĄn ClĂŠire. Canaidh iad CiarĂĄn ri Ciaran.
Tha an naomh air a chuimhneachadh gu mòr anns an eilean an-diugh. âS e TrĂĄ ChiarĂĄin a chanar ris an trĂ igh bhig far am bi na bĂ taichean-aiseig aâ tighinn a-steach. Canaidh iad Cill ChiarĂĄin ris an t-seann eaglais faisg air sin, a tha nise na tobhta. Faisg air an eaglais tha Tobar ChiarĂĄin agus GallĂĄn ChiarĂĄin. âS e gallĂĄn a chanas muinntir an Ă ite ri tursa, agus thathar ag rĂ dh gur e Naomh Ciaran fhèin a shnaigh aâ chrois air aâ chloich. Eadhon an lĂ an-diugh, gabhaidh muinntir Eilein Chlèire lĂ dheth air LĂ Fèill Ciarain â an còigeamh lĂ dhen MhĂ rt.
Tha Naomh Ciaran ainmeil ann an Ăirinn oir stèidhich e manachainnean agus sgaoil e an soisgeul mus robh Naomh PĂ draig aâ dèanamh a leithid. Ach chan ann a-mhĂ in ann an Ăirinn a tha e ainmeil. Is esan prĂŹomh naomh na CĂširn, ged a chanas muinntir na CĂširn Naomh âPiranâ ris. Bidh fios agaibh, far an robh âcâ ann an GĂ idhlig gur ann tric a bhiodh âpâ ann an Còrnais is Cuimris.
Agus bha Ciaran ann an Alba cuideachd. An urrainn dhuibh smaoineachadh air Ă ite ann an Alba a tha aâ giĂšlan ainm? Baile ann an taobh an iar-dheas na GĂ idhealtachd. Ann an Cinn TĂŹre. An-diugh ann am Beurla, âs e Campbeltown a chanar ris. Ach ann an GĂ idhlig, âs e an seann ainm a thâ air fhathast â Ceann Loch Cille Chiarain. Stèidhich Ciaran cealla ann a sin, agus tha muinntir Chinn TĂŹre fhathast aâ coimhead air mar naomh sònraichte dhaibh.
Is iomadh sgeulachd a thathar ag innse mu Naomh Ciaran. Bha taobh mòr aige do bheathaichean. Thathar ag rĂ dh gur e torc nimhe a thog a chiad bhothan dha nuair a chaidh e a dhâfhuireach ann an coille mhòr.
Thathar ag innse mun chumhachd Ă raidh a bhâ aige â âs e sin gu robh comas aige daoine marbh a thoirt beò a-rithist. Mar eisimpleir, bha seachdnar chlĂ rsairean aig RĂŹgh Aonghas na Mumhain. LĂ a bha seo, chaidh an seachdnar a mhurt le nĂ imhdean an rĂŹgh. Thilg na murtairean na cuirp ann am boglach agus chroch iad an clĂ rsaich air craobh. Bha Aonghas air leth brònach.
Ach thuirt Naomh Ciaran ris gun dâ fhuair e a-mach cò iad na murtairean agus cĂ ite an do rinn iad aâ chĂšis olc. Chaidh an naomh agus an rĂŹgh don Ă ite còmhla. Sguir Ciaran bho bhith ag ithe fad lĂ agus, thairis air an Ăšine sin, thiormaich aâ bhoglach. Chunnaic Ciaran agus Aonghas cuirp an t-seachdnar agus rinn an naomh Ăšrnaigh. Ged a bha iad air a bhith marbh fad mĂŹos, dhâèirich na clĂ rsairean, agus iad slĂ n fallain a-rithist. Thog iad an cuid chlĂ rsach agus sheinn iad òrain bhinn airson taing a thoirt don naomh agus don rĂŹgh. Sin agaibh Naomh Ciaran agus bidh tuilleadh agam ri rĂ dh mu dheidhinn an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine: I wanted to make a little point about the pronunciation of Scottish Gaelic, in comparison with the Gaelic of Munster, the southern province of Ireland in which OileĂĄn ClĂŠire (Cape Clear Island) is located. Scottish Gaelic is thought to have preserved the ancient stress pattern â that is, the stress almost always goes on the first syllable of a bisyllabic or polysyllabic word, whereas the southern dialects of Irish came heavily under the influence of Norman French, which is considered to be the cause of the terminal stress found there on very similar words. Thus Scottish bradan (salmon) is bradĂĄn in Ireland, amadan (fool) is amadĂĄn, eilean (island) is oileĂĄn and Ciaran is CiarĂĄn. But can you think of any Scottish words (other than recent loan-words from other languages) in which the final syllable is emphasised? An example is carson (why) which arose as a compound of two other words. See if you can think of any others.
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.