
10/09/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 271
Duration: 05:30
Litir 271: Naomh Pàdraig
Tha mi a’ dol a chantainn rudeigin connspaideach. Cha do chuir Naomh Pàdraig às do nathraichean ann an Èirinn. Nise, chan eil mi a’ ciallachadh gu bheil adhbhar saidheansail airson a ràdh nach e Naomh Pàdraig a bu choireach nach eil nathraichean anns an eilean sin. Chan e sin a tha mi ag ràdh idir. Tha mi ag ràdh gu bheil nathraichean fhathast ann an Èirinn. Tha fhios agam air a sin, oir bha mi ann o chionn ghoirid agus sheas mi air tè. Dh’fhàg i a puinnsean ann am feòil mo choise. Agus dh’fhairich mi cràdh cho dona ’s a dh’fhairich mi a-riamh air a sàilleamh.
Tha cuid dhen bheachd gu bheil na stòiridhean mu dheidhinn Naoimh Phàdraig is na nathraichean a’ riochdachadh na strì eadar Crìosdachd agus an seann chreideamh a bh’ ann roimhpe. Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil, thathar ag ràdh nach eil nathair sam bith ann an Èirinn an-diugh. Agus bha mi a’ creidsinn sin gus an robh mi ann an Contae Chiarraí air tràigh ghainmhich. Bha seo ann an Gàidhealtachd Chorca Dhuibhne, gu siar air An Daingean.
Bha mi air a bhith a’ snàmh sa mhuir air là brèagha, agus mi casruisgte. Bha mi a’ coiseachd a-mach às an t-sàl, agus tràigh mhòr ann aig an àm, nuair a dh’fhairich mi rudeigin air bonn mo choise. Cha robh e dona an toiseach ach taobh a-staigh leth-mhionaid bha pian mhòr ann.
“Muir-tèachd”, thuirt a’ chlann rium, ach chaidh mi às àicheadh sin. Bha fios agam, gu mì-fhortanach, gu robh mi air mo chas a chur air iasg ris an canar ann am Beurla the lesser weever fish. Bidh an t-iasg seo na laighe fon ghainmhich le direach na dealgan droma aige, a tha co-cheangailte ri poca de phuinnsean, a’ stobadh an àirde. Tha e rudeigin pailt, a rèir choltais, ann an Sasainn is Èirinn, agus tha e ann an Alba cuideachd.
Bha fios agam mu dheidhinn, oir nuair a bha mi òg bha mi air làithean-saora ann an Norfolk còmhla ri teaghlach eile. Chaidh caraid dhomh, a bha na ghille òg, a sgobadh le fear de na h-èisg sin, agus bha e ann an droch staid airson beagan uairean a thìde.
Ach cha robh fios agam de an leigheas a bh’ ann dha. Chuir sinn fòn gu ospadal ann an Trá Lí. Bha an dotair ùr don dùthaich is cha robh fios aige gu robh a leithid de rud ann mar iasg puinnseanta ann an Èirinn. Bha an dearbh rud fìor mun dàrna dotair. Mu dheireadh bhruidhinn sinn ri nurs a bhios a’ surfadh, is cha robh mòran fiosrachaidh aicese na bu mhò. Tha sin na iongnadh dhomh oir nuair a thill mi dhachaigh lorg mi duilleag air an eadar-lìon a chuir buidheann Èireannach – Cumann Sábháilteacht Uisce – a-mach, a’ toirt rabhadh do shnàmhadairean mun “venomous weever fish”.
Ach fuirich ort, Ruairidh, bidh sibh ag ràdh – nach tuirt thu aig an toiseach gun do sheas thu air nathair? Uill, thuirt, agus thuirt airson dà adhbhar. ’S e an t-ainm saidheansail a th’ air an iasg – Echiichthys vipera – “an t-iasg le dealgan a tha coltach ri nathair”. Agus ’s e ainm ann an Gàidhlig – nathair-ghainmhich. Nathair-ghainmhich.
Mar sin, ma chuir Naomh Pàdraig às do na nathraichean ann an Èirinn, bha e soirbheachail dìreach air talamh tioram sìos gu ìre an làin àird. Ach fon ìre sin, tha nathraichean gu leòr ann an Èirinn fhathast. Is tha aon rud eile cinnteach – cha tèid mise a shnàmh a-rithist air tràigh ghainmhich ann an Alba no Èirinn, agus mi casruisgte.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.