
20/08/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 268
Duration: 05:34
Litir 268: Iomain
An toigh leibh iomain? Tha mi an dòchas gun toigh l’, oir tha ceangal là idir là idir ann eadar spòrs nan Gaidheal agus an cà nan. Eadhon an là an-diugh ’s i a’ Ghà idhealtachd fhathast an sgìre as mò far a bheilear a’ cluich iomain. Ach tha e iongantach mar a bha i air a cluich ann am mòran à iteachan eile ann am Breatainn, agus thall thairis, far an robh Gà idheil a’ tighinn cruinn.
Ann an Astrà ilia is Canada, ann an New York is Cape Town, a bharrachd air Birmingham, Manchester, Lunnainn is mòran à iteachan eile, bhiodh muinntir na camanachd a’ dol air a’ phà irc len camain. An là eile, thà inig mi tarsainn air aithris mu gheam a chaidh a chluich ann an Ameireagaidh a Deas, air pà irc mhòr aig bonn na beinne ann am Montevideo, prìomh bhaile Uruguay. Bha seo ann am meadhan an naoidheamh linn deug.
Thachair e air a’ cheathramh là dhen Ghiblean oir b’ e sin là fèille sa bhaile. Chuir na Gà idheil a bha a’ fuireach ann romhpa geama iomain a chumail. Bha droch choltas air an t-sìde ach tha fhios nach do chuir sin stad air muinntir na camanachd a-riamh. Chaidh na cluicheadairean a-null ann am bà taichean bhon bhaile gu ruige bà gh air an taobh thall. Bha sin faisg air a’ phà irc. Eadar am port agus a’ phà irc, choisich iad mar chòmhlan, agus pìobaire aig an ceann. ’S e am fonn a bh’ aig a’ phìobaire “The Campbells are Coming”. Bha mòran thall mu thrà th, a’ feitheamh riutha.
Mus do thòisich an cluich, chaidh na sgiobannan a thaghadh. Bhiodh sin a’ tòiseachadh le ainmeachadh sgiobair airson gach taobh. Chanadh fear dhen dithis a tha sin, “Buaileam ort” agus bhiodh e a’ tilgeil a chamain don fhear eile, a ghlacadh e. Chuireadh an dithis an lamhan, tè ma seach, suas an caman, agus ’s e am fear mu dheireadh aig an robh grèim fhathast air a’ chaman a gheibheadh a’ chiad taghadh de chluicheadair. Chanadh e an uairsin, “Leigeam leat”, agus bhiodh cothrom aig an sgiobair eile a’ chiad chluicheadair aigesan a thaghadh.
Chan eil an aithris ag innse cuin’ a thòisich an geama, ach lean e gu ceithir uairean feasgar. Nuair a sguir e, shuidh na cluicheadairean air an fheur agus bha cuirm mhòr aca. ’S ann nuair a leughas tu na dh’ ith iad a thuigeas tu gur ann an Ameireagaidh a Deas a bha iad. Fhuair iad asado de carvo con cuero – ’s e sin mairtfheòil ròsta leis a’ bhian oirre. Ach ’s ann Albannach a bha an deoch – uisge-beatha.
As dèidh na dìnnearach bha an t-à m ann airson dannsadh. Bha measgachadh ann de dhannsa Gà idhealach agus ruidhleachan. Tha e coltach gur e rud Albannach a bh’ ann air fad, ged a bha cuid nach robh nan Albannaich an là thair cuideachd. Aig leth-uair an dèidh seachd, thill na seòid do na bà taichean is rinn iad aiseag a-null don bhaile a-rithist. Ach cha robh an gnothach deiseil. Chaidh na Gà idheil airson an suipearach ann an taigh-òsta far an do ghabh iad deoch-slà inte don Teaghlach Rìoghail agus do Cheann-suidhe Poblachd Uruguay.
An uair sin rinn an cathraiche òraid a bha a’ dol eadar Beurla is Gà idhlig. Agus bha deoch-slà inte eile aca – agus rud gu math iomchaidh – gu “Tìr nam Beann, ’s nan Gleann, ’s nan Gaisgeach.” ’S e sin rud nach cluinnear ach glè ainneamh an là an-diugh – Tìr nam Beann, ’s nan Gleann, ’s nan Gaisgeach. Bhiodh e math sin a chluinntinn na bu trice. Co-dhiù, tha mi an dòchas gu bheil e fìor is gu bheil gaisgich againn fhathast air a’ Ghà idhealtachd.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.