
13/08/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 267
Duration: 05:25
Litir 267: Am fuaim a tha coileach a’ dèanamh
Dè am fuaim a tha coileach a’ dèanamh ann an Gà idhlig? Bidh fios agaibh, tha mi an dùil, gur e “cock-a-doodle-doo” a chanas e ann am Beurla agus “coquerico” ann am Fraingis. Uill, tuigidh sibh dè tha mi a’ ciallachadh oir chan aithne dhomh aon choileach aig a bheil Beurla no Fraingis! No Gà idhlig, gu dearbh!
Ach canaidh na Gà idheil gur e an rud a tha coileach ag rà dh, “gog-a-ghuidh-ghaoidhe”. Gog-a-ghuidh-ghaoidhe. Bidh caoraich ag rà dh “mè” ann an Gà idhlig, seach “baa”, agus canaidh cù “uf” an à ite “woof”.
Bhiodh na Gà idheil a’ cluinntinn rudan eadar-dhealaichte bho bheathaichean seach na chluinneadh luchd na Beurla, agus tha sin fìor mun a h-uile cultar air an t-saoghal. Bhiodh rannan aca airson innse dè bha beathaichean, is gu h-à raidh eòin, ag rà dh. Is aithne dhomh fear ann an Srath Spè aig a bheil stòras math fhathast de na seann rannan Gà idhlig sin.
Tha naidheachd èibhinn mu a leithid agam an t-seachdain seo, agus tha i à Barraigh. Tha i à cruinneachadh de stòiridhean is naidheachdan a chaidh innse le Iain Mac a’ Phearsain nach maireann no “An Codaidh” mar a b’ fheà rr a dh’aithnicheadh e. ’S e an t-ainm a th’ oirre “An Smeòrach”.
Bha fear, air an robh Iain, là a bha seo ann am Bagh a’ Chaisteil. Is bha botal uisge-bheatha na chois. Bha e a’ coiseachd dhachaigh Rathad THangasdail agus thà inig sgìths no buaidh na dighe, no an dà chuid, air. Stad e agus ghabh e norrag ri taobh an rathaid. Nuair a dhùisg e, bha a’ mhadainn ann. Bha Iain ann an staid cho truagh, agus an ceann-daoraich air, gun tug e bòid nach gabhadh e deoch là idir a-chaoidh tuilleadh.
Ach mus robh e air dùsgadh buileach ceart, chuala e ceilearadh binn. Bha smeòrach a’ seinn dha. Bha e deimhinne mu dheidhinn sin, oir thuig e na faclan aice: “Iain mac Iain, ’s tu tha tioram, ’s tu tha tioram, ’s tu tha tioram, Iain mac Iain ’s tu tha tioram.” Cheileirich i sin grunn tursan.
An dèidh dha sin a chluinntinn, leig Iain osna. Thuirt e ris fhèin, “Uill tha an smeòrach bhochd ag innse na fìrinn agus, eadhon ged a gheall mi dhomh fhìn nach gabhainn tuilleadh dhramaichean, feumaidh mi balgam beag a ghabhail.”
Ghabh e balgam beag. Goirid às dèidh sin, mhothaich e gu robh fonn ùr aig an smeòraich. Agus bha faclan ùr aice. Bha i an uair sin ag rà dh, “Iain mac Iain, gabh balgam eile, gabh balgam eile, gabh balgam eile, Iain mac Iain, gabh balgam eile.” Uill, shaoil Iain gum bu chòir dha comhairle ghlic na smeòraich a ghabhail, agus ghabh e balgam eile dhen uisge-bheatha.
A-nise cha robh mòran uisge-bheatha air fhà gail anns a’ bhotal. Bha Iain a’ coimhead air na bha air fhà gail, nuair a chuala e an smeòrach a-rithist. Fonn eile an turas seo. Le faclan ùra. “Iain mac Iain, cuir crìoch air, cuir crìoch air, cuir crìoch air, Iain mac Iain, cuir crìoch air.” Ghabh Iain a’ chomhairle bhon smeòraich, agus dh’òl e a h-uile dad a bh’ air fhà gail anns a’ bhotal.
Agus an uair sin, shaoil e gum biodh e na b’ fheà rr dha tilleadh a Bhagh a’ Chaisteil, seach a dhol dhachaigh. Thill e agus b’ esan fear dhen chiad fheadhainn a nochd aig an taigh-sheinnse air an là sin.
Agus ’s e sin stòiridh na smeòraich. Ach faodaidh sibh fhèin an co-dhùnadh a dhèanamh an robh an t-eun dha-rìreabh a’ bruidhinn ris an duine no an robh an duine a’ cluinntinn na comhairle a bu mhiann leis?!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.