
06/08/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 266
Duration: 04:43
Litir 266: Coileach Donn
An t-seachdain sa chaidh thug sinn sùil air pìos bà rdachd do dh’inbhich. Bu mhath leam an t-seachdain seo rann do chloinn a thoirt dhuibh. Agus ma tha clann agaibh ’s dòcha gum biodh e math an rann seo ionnsachadh gus am faigh sibh cothrom a h-aithris còmhla riutha. Chan eil fhios agam co-dhiù tha tiotal oirre – canaidh mi dìreach “Coileach Donn” rithe, oir ’s e sin am beathach a tha a’ nochdadh anns a’ chiad rainn.
Seo a’ chiad rann dhuibh agus, mus tèid sinn air adhart, tha mi airson ’s gum bi sibh comasach air innse dè an tuiseal anns a bheil ainm a’ bheathaich:
Coileach donn, coileach donn, coileach donn aig Sìle,
Coileach donn, coileach donn, chaidh e dhan a dìg oirr’.
A bheil an neach-aithris a’ bruidhinn ris a’ choileach no a bheil e a’ bruidhinn mu dheidhinn a’ choilich? Nan robh e a’ bruidhinn ris, ’s ann don tuiseal ghairmeach no vocative case a rachadh coileach agus chanadh e “a choilich”. Agus leis gum biodh am buadhair ag aontachadh ris an ainmear, bhiodh e air a shèimheachadh is air a chaolachadh. Chanadh e “a choilich dhuinn, a choilich dhuinn”.
Chan e sin a chanas e, ge-tà . Mar sin, tha e a’ bruidhinn mu dheidhinn a’ choilich is dìreach ga ainmeachadh. Tha am facal anns an tuiseal ainmneach no nominative case. Coileach donn, coileach donn.
Bheir mi dhuibha’ chiad rann a-rithist a-nise, agus leanaidh mi orm leis a’ chòrr. Chì sibh gu bheilear ag ainmeachadh beathach eadar-dhealaichte anns gach rainn. Tha rudeigin eadar-dhealaichte a’ tachairt do gach beathach fa leth.
Coileach donn, coileach donn, coileach donn aig Sìle,
Coileach donn, coileach donn, chaidh e dhan a dìg oirr’.
Coinean glas, coinean glas, coinean glas aig Anndra,
Coinean glas, coinean glas, siud e measg nan deanntag.
Cuilean dubh, cuilean dubh, cuilean dubh aig Sìne,
Cuilean dubh, cuilean dubh, cha bhi e eadhon bìdeadh.
Damh breac, damh breac, damh breac aig Iain,
Damh breac, damh breac, ’s e reamhar mun a’ mheadhan.
Eireag thinn, eireag thinn, eireag thinn aig Anna,
Eireag thinn, eireag thinn, dh’fhàs i lag is tana.
Gèadh liath, gèadh liath, gèadh liath aig Seonag,
Gèadh liath, gèadh liath, chaidh e measg nan tunnag.
Lothag bhĂ n, lothag bhĂ n, lothag bhĂ n aig Ruairidh,
Lothag bhà n, lothag bhà n, ruith e sìos is suas leis.
Luchag bheag, luchag bheag, luchag bheag aig Mairead,
Luchag bheag, luchag bheag, siud i anns a’ “larder”.
Piseag gheal, piseag gheal, piseag gheal aig Seumas,
Piseag gheal, piseag gheal, chaidh e leath’ a chèilidh.
Reithe mòr, reithe mòr, reithe mòr aig Iomhar,
Reithe mòr, reithe mòr, cha do chuir e fiamh air.
Searrach luath, searrach luath, searrach luath aig Seòras.
Searrach luath, searrach luath, chaidh e dhan a dròbh leis.
Uircean buidh’, uircean buidh’, uircean buidh’ aig Pà draig,
Uircean buidh’, uircean buidh’, leathann agus là idir.
Sin e. Tha mi an dòchas gun do thuig sibh a’ chuid mhòr dhith. Agus mus fhalbh mi, seo rann bheag eile do chloinn air a bheil “Air Chall”. Cha leig mi leas dad a rà dh mu a deidhinn ach gum buin i do dhòigh-beatha nach eil aig na h-uimhir an-diugh:
Am faca duine MĂ iri
Na dh’fhidreadh idir Mòr
O, cĂ it an deacha PĂ draig,
An d’ fhuaireadh lorg air Pòl?
Cò chartas dhomh a’ bhà thach,
Cò bhleoghnas dhomh a’ bhò,
’S gun sgeul air Mòr no Mà iri
Air Pà draig no air Pòl?
Sin e bhuamsa an t-seachdain seo. Mar sin leibh an-drĂ sta.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Abairtean na seachdaine: nan robh e a’ bruidhinn ris: if he were speaking to it; dè an tuiseal anns a bheil ainm a’ bheathaich?: in which (grammatical) case is the animal’s name?; bhiodh e air a shèimheachadh is air a chaolachadh: it would be lenited and slenderised; chan e sin a chanas e: that’s not what he says; (am) measg nan deanntag: among the nettles; dh’fhàs i lag is tana: she grew weak and thin; cha leig mi leas: I don’t need to; na dh’fhidreadh idir Mòr?: was Mòr searched for?; an d’ fhuaireadh lorg air Pòl?: was Paul found?; gun sgeul air X no Y: without sight or sound of X or Y.
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.