
16/07/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 263
Duration: 05:49
Litir 263: A Chaora Bhiorach Ghlas
Is fhada o nach robh sgeulachd againn ann an Litir do Luchd-ionnsachaidh, agus bu mhath leam tè innse dhuibh an-diugh. ’S e tè thraidiseanta a th’ innte air a bheil “A Chaora Bhiorach Ghlas”.
Bha Rìgh agus Bà nrigh ann, agus bha nighean aca. Chaochail a’ Bhà nrigh agus phòs an Rìgh teile. Ach bha an tè seo olc. Bhiodh i a’ gabhail air a’ bhana-phrionnsa, agus ga cur a-mach air an doras. B’ fheudar don nighinn falbh a-mach a bhuachailleachd nan caorach fad an t-siubhail. Agus chan fhaigheadh i rud sam bith ri ithe. Bha a’ Bhà nrigh ùr an dòchas gum faigheadh i bàs le cion bìdh.
Ach gu h-iongantach mhair i beò. Cha robh fios aig a’ Bhà nrigh, ach bha aon chaora san treud a’ cuideachadh na h-ìghne. Bha i a’ toirt biadh dhi. B’ e sin a’ chaora bhiorach ghlas.
Cha robh fios aig a’ Bhà nrigh mar a bha an nighean a’ faighinn biadh agus dh’innis i mun dragh a bh’ oirre do chailleach nan cearc. Chuir cailleach nan cearc a nighean fhèin a-mach a bhuachailleachd nan caorach cuide ri nighean an Rìgh, feuch faighinn a-mach ciamar a bha i a’ faighinn biadh. Ach fhad ’s a bha a’ chaileag seo ann, cha tigeadh a’ chaora bhiorach ghlas faisg air a’ bhana-phrionnsa le biadh.
Bha a’ bhana-phrionnsa a’ gabhail fadachd airson a’ bhìdh aice, agus thuirt i ri nighean cailleach nan cearc, “Cuir do cheann air mo ghlùin agus fasgabhaidh mi thu.” Tha sin a’ ciallachadh gun cuireadh i falt na h-ìghne ann an òrdugh. Agus chuir nighean cailleach nan cearc a ceann air glùn an teile. Bha i sgìth, agus chaidil i an sin. Agus fhad ’s a bha i na cadal, thà inig a’ chaora bhiorach ghlas a dh’ionnsaigh nighean an Rìgh le biadh dhi.
Ach bha sùil ann an cùl ceann nighean cailleach nan cearc agus bha i sin fosgailte. Chunnaic an nighean na bha a’ tachairt, ged a bha i na cadal. Nuair a dhùisg i, dh’fhalbh i dhachaigh agus dh’innis do a mà thair gu dè bh’ air tachairt, ’s gur e a’ chaora bhiorach ghlas a bha a’ toirt biadh don bhana-phrionnsa. Agus chaidh cailleach nan cearc don lùchairt airson a’ chùis aithris don Bhà nrigh.
Bha a’ Bhà nrigh feargach, agus thuirt i gum marbhadh iad a’ chaora bhiorach ghlas. Ach chuala a’ chaora mu dheidhinn a’ phlana. Chaidh i a dh’ionnsaigh nighean an Rìgh, agus thuirt i rithe, “Tha iad a’ dol gam mharbhadh. Ach goid thusa mo chraiceann. Trus mo chnà mhan is mo ladhran agus roilig nam chraiceann iad. Agus thig mi beò a-rithist, agus thig mi gad ionnsaigh a-rithist.”
Mar a dh’innis a’ chaora e, ’s ann a thachair e, cha mhòr. Chaidh a marbhadh, agus ghoid a’ bhana-phrionnsa a craiceann is a cnà mhan. Roilig i na cnà mhan sa chraiceann agus theich i. Ach dhìochuimhnich i mu na ladhran. Agus nuair a thà inig a’ chaora beò a-rithist bha i crùbach. Cha robh comas aice tuilleadh biadh fhaighinn airson nighean an Rìgh.
Gu fortanach, bha prionnsa anns an nà baidheachd. Bha e a’ sealg. Thachair e ris an nighinn agus ghabh e gaol dhi. Ach chunnaic nighean cailleach nan cearc e, agus dh’innis i do a mà thair mu dheidhinn. Agus chaidh cailleach nan cearc a dh’innse mu dheidhinn don Bhà nrigh.
Dh’iarr a’ Bhà nrigh air nighean an Rìgh thighinn a-steach don lùchairt airson a bhith na searbhant dhi. Agus chuir i an nighean aice fhèin a-mach a bhuachailleachd, gus an tachradh i ris a’ phrionnsa an ath-thuras a thigheadh e a shealg. Agus innsibh mi dhuibh dè thachair an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.