
09/07/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 262
Duration: 05:18
Litir 262: Faclair Ăąr
Tha mi airson innse dhuibh an t-seachdain-sa mu fhaclair ùr a thà inig a-mach o chionn ghoirid. ’S e an t-ainm a th’ air an Teach Yourself: Gaelic Dictionary oir buinidh e don t-sreath leabhraichean Teach Yourself. Tha e gu math feumail, saoilidh mi. Agus tha e ag obair anns an dà dhòigh – Gà idhlig gu Beurla, agus Beurla gu Gà idhlig.
’S iad ùghdaran an fhaclair Boyd Robastan agus Iain MacDhòmhnaill, dithis a tha air leth comasach is foghlamaichte. Agus tha an leabhar ùghdarrasail. Aig dusan not’ ach sgillinn (£11.99), tha a phris reusanta. Chanainn gu bheil e feumail do luchd-ionnsachaidh, ged nach eil e buileach cho mòr ri faclairean eile, leithid Watson agus Mark. Ach tha Watson agus Mark (mar a tha Dwelly) dìreach ag obair anns an aon dòigh – Gà idhlig gu Beurla.
Tha measgachadh math de dh’fhaclan ann a bhuineas an dà chuid don Ghà idhealtachd thraidiseanta agus don t-saoghal ùr anns a bheil sinn beò an-diugh. Gheibh thu tearb is tearbadh, rud a nì croitear airson aon bhuidheann de chaoraich a sgaradh bho bhuidheann eile. Is tha maistreadh ann, rud a dhèanadh na seana-mhnathan nuair a bhiodh iad a’ dèanamh ìm. Mar as trice an-diugh ’s ann a’ ceannach a leithid anns a Cho-op a bhitheas iad.
Air an là imh eile, dè th’ aca airson gnothaichean a bhuineas do choimpiutaireachd? Uill, seo na th’ aca fo website: là rach-lìn. Glè mhath. Surf the net : trà l an lìon. Mmm. Ach dè mu dheidhinn cool? Smodaig. Mmm. Chan eil fhios a’m nach bu chòir dhuinn dìreach aideachadh gu bheil cool air a dhol a-steach don Ghà idhlig cuideachd…
Ach tha duilgheadas an-còmhnaidh ann do dhaoine a tha a’ cruthachadh faclair beag. Dè dh’fhà gas iad à s? Tha Robastan agus MacDhòmhnaill air deagh thaghadh a dhèanamh, chanainn, ach aig à mannan tha rudeigin a dhìth. Mar eisimpleir, smaoinichibh air an t-seantans shìmplidh seo – “Chuir i aiste air a’ bhòrd”. Canaidh mi sin a-rithist. Chuir i aiste air a’ bhòrd. Dè tha sin a’ ciallachadh? Uill, anns an fhaclair ùr, tha “aiste” a’ ciallachadh “from/out of her/it”. Mmm, dè dìreach a rinn a’ chaileag air a’ bhòrd? Ach le faclair nas mò, chì sinn gu bheil aiste cuideachd a’ ciallachadh “composition” no “essay”. Mar sin, ’s dòcha gur e an t-eadar-theangachadh as fheà rr – “she put an essay on the table.”
Tuigidh sibh gu bheil mi a’ gabhail beagan spòrs. Ach bu mhath leam am faclair ùr a mholadh airson gach riochdair roimhearach no prepositional pronoun (mar aiste) a chur ann fa leth mar cheann-fhacal. Nuair a chì thu rud mar aige no aigesan ann an teacsa, tha am faclair seo a’ mìneachadh gu bheil e a’ ciallachadh “his”. Ann an cuid de dh’fhaclairean, tha iad dìreach ag rà dh, “coimhead air aig” agus feumaidh tu an uair sin dhol gu duilleag eile, agus obrachadh a-mach dè tha am facal aigesan a’ ciallachadh.
Agus air an taobh dhen leabhar a tha a’ dol bho Bheurla gu Gà idhlig, tha mi a’ faicinn gu bheil an dà shiostam cunntaidh ann. Mar eisimpleir, airson “sixty” tha iad ag rà dh trì fichead no seasgad. Agus airson “seventy” tha iad ag rà dh, trì fichead ’s a deich no seachdad. ’S e an seann siostam a tha fhathast anns a’ phrìomh à ite ach cò aige tha fios nach atharraich sin anns na deich bliadhna romhainn? Agus mus fhalbh mi, facal feumail eile bhon fhaclair: dè a’ Ghà idhlig a th’ air stereotype? Gnà th-iomhaigh. Sin e bhuam an t-seachdain seo. Beannachd leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine: Aig dusan not’ ach sgillinn: at £11.99. This is the easy and idiomatic way to give prices of this nature. It is easier than “aona nota dheug, ceithir fichead sgillinn ’s a naoi-deug” in the vigesimal system and likewise easier than “aon-deug notaichean, naochad ’s a naoi sgillinn” in the decimal system. Similarly, £5.99 is “sia not’ ach sgillinn” and £2.95 is “trì not’ ach còig sgillinn”.
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.