
28/11/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 230
Duration: 05:25
Litir 230: Dròbhairean ann an Coire Bhran
Halò a-rithist, a chà irdean. An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh gun tigeadh dròbhairean cruinn ann an Coire Bhran mus rachadh iad còmhla thar Monadh Miongaig, agus iad a’ toirt an cuid cruidh eadar Bà ideanach agus Athall. ’S e as coireach gun do rinn iad sin gu robh na h-uachdarain agus na h-ùghdarrasan-stà ite mì-thoilichte gu robh iad fhathast a’ gabhail slighe tro na beanntan. B’ fheà rr leothasan gun gabhadh na dròbhairean “Rathad an Rìgh” thairis air Druim Uachdair, oir bhiodh aca ri cìs a phà igheadh an uair sin ann an Dail na Ceà rdaich.
Anns an naoidheamh linn deug, bhiodh aig dròbhairean ri còig sgillinn a phà igheadh airson gach fichead beathach cruidh, agus dà sgillinn airson gach fichead caora a bh’ aca nuair a ruigeadh iad Dail na Ceà rdaich. Bha sin an coimeas ri dà thastan airson carbad a bh’ air a tharraing le dà each – an seòrsa rud a bha a-mhà in aig daoine beartach. Ach do dhròbhairean ’s e cìs mhòr a bh’ ann agus, airson a seachnadh, ghabhadh iad an seann rathad eadar Ruadhainn agus Blà r Athall – thairis air Monadh Miongaig – a bha gan toirt seachad air Dail na Ceà rdaich saor an asgaidh.
Bha na h-uachdarain is na h-ùghdarrasan ag iarraidh stad a chur orra, agus ’s e sin a bu choireach gun rachadh na dròbhairean air an rathad còmhla. Aig à mannan chaidh iarraidh orra cìs a phà igheadh air an rathad sin agus, mar bu trice, bhiodh iad a’ diùltadh, ag rà dh gur e rathad poblach dualchasach a bh’ ann is gu robh là n-chead aca a chleachdadh. Is bha iad na bu là idire còmhla.
As t-Sultain ochd ceud deug is naoi ar fhichead (1829), chaidh faisg air sia ceud beathach cruidh air rathad Monadh Miongaig ann an trì là . Agus leis an fhìrinn innse, bhiodh na dròbhairean a’ faighinn taic bho na geamairean is cìobairean a bha a’ fuireach anns na glinn. Gheibheadh iadsan buannachd às na dròbhairean, oir bhiodh iad a’ reic uisge-beatha dhaibh.
Lean an dòigh-beatha sin tron naoidheamh linn deug agus thà inig i gu crìch mu thoiseach an fhicheadamh linn. Agus, ged nach eil crodh is caoraich a’ falbh air an rathad sin tuilleadh, dh’fhà g na dròbhairean, agus muinntir na Gaidhealtachd a bhiodh ga choiseachd, dìleab dhuinn, leis gu bheil an t-slighe aithnichte mar chòir-slighe – ’s e sin rathad air a bheil là n-chòirichean aig an t-sluagh a choiseachd bho cheann gu ceann.
Uill sin mar a tha, ach thig an t-acras nas trice na aon uair. Agus aig deireadh an fhicheadamh linn dhiùlt uachdaran mòr Athall gabhail ri inbhe mar chòir-slighe dìreach mar a dhiùlt na sinnsearan aige. Anns na naochadan bha Monadh Miongaig na chuspair-còmhraidh ann an Taigh nan Cumantan, agus am Ball Pà rlamaid, Dennis Canavan, a’ cur gluasad air adhart, a’ cà ineadh Diùc Athall airson feuchainn ri stad a chur air daoine bho bhith a’ coiseachd air an rathad.
Gu fortanach chan eil a leithid de dhol a-mach ann an-diugh. Mus deach mi air an rathad, chuir mi fòn gu maoir-dhùthcha na h-oighreachd, aig a bheil oifis ann am Blà r Athall, airson faighinn a-mach an robhar a’ sealg nam fiadh far an robh mi ag iarraidh dhol. “Ca’ bheil sibh a’ dol?” dh’fhaighnich am boireannach. “Rathad Monadh Miongaig,” fhreagair mi. “Rathad Monadh Miongaig?” thuirt i. “Tha sin fosgailte a h-uile là dhen bhliadhna.”
Seadh, uill, sin nuair a cheadaicheas sìde a’ gheamhraidh! Co-dhiù, tha sinn an comainn nan daoine o shean a choisich rathaidean-monaidh na Gaidhealtachd, len cuid cruidh agus às an aonais, agus a dh’fhà g na còirichean againn a bhith a’ falbh orra mar a thogras sinn an-diugh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.