
21/11/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 229
Duration: 05:10
Litir 229: Dròbhairean ann an Coire Bhran.
Tha mi a’ dol a thòiseachadh na Litreach seo le tòimhseachan: Ciamar a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh a dhìochuimhneachadh? Seo e a-rithist: Ciamar a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh a dhìochuimhneachadh?
Uill, tha an fhreagairt sìmplidh gu leòr: dh’fhalbh i às a’ cheann. Dh’fhalbh i às a’ cheann.
Tha aon rud nach fhalbh às mo cheann-sa airson ùine mhòir, ge-tà . ’S e sin an dà là a thug mi seachad o chionn ghoirid, a’ coiseachd air rathad Monadh Miongaig eadar Blà r Athall agus Ceann a’ Ghiuthsaich. Mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, b’ e sin fear de na seann rathaidean eadar Bà ideanach agus Athall, agus tha e a’ dol thairis air talamh à rd. Nuair a bha mise ann, bha cur is cathadh ann. Bha mi leam fhìn agus cha robh e furasta an rathad a lorg ann am pà irtean, oir bha an sneachd ga chòmhdachadh. Agus ann am pìosan, chan eil sgeul air an rathad co-dhiù, a rèir aithris, eadhon as aonais sneachda.
Chan ann mar sin a bha e o shean nuair a bhiodh dròbhairean a’ toirt crodh gu margaidh thairis air Monadh Miongaig. ’S e rathad ceart a bh’ ann an uair sin. Ach cha bhiodh na dròbhairean ga chleachdadh gu ìre mhòir sam bith anns a’ gheamhradh agus, gu dearbh, chan eil Monadh Miongaig uabhasach taitneach aig à mannan ann an droch shìde. Thathar ag innse fhathast mu bhuidheann de shaighdearan dearga a chaill am beatha ann, agus iad a’ dèanamh air Gearastan Ruadhainn, faisg air Ceann a’ Ghiuthsaich, ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745). Chaidh an glacadh ann an stoirm anns a’ mhonadh.
’S e an à irde a ruigeas Monadh Miongaig as coireach ris an droch shìde a bhios ann. Tha e a’ ruigsinn còrr is dà mhìle is seachd ceud troigh os cionn na mara. Agus, air sgà th sin, nuair a bhathar a’ togail rathad mòr ùr, far a bheil an A9 an-diugh, chaidh slighe eile a thaghadh, ged a tha i deich mìle nas fhaide. Aig a’ bhealach as à irde, aig Druim Uachdair, tha an A9 a’ ruigsinn dìreach mìle agus còig ceud troigh – mìle is dà cheud troigh nas ìsle na Monadh Miongaig. Ged a bhios e sneachdach aig à mannan anns a’ gheamhradh, chan eil e idir cho sneachdach ri Monadh Miongaig.
Tha aon à ite ann aig mullach Monadh Miongaig a tha air leth brèagha, agus anns am faighear beagan fasgaidh, ma tha sin a dhìth. Thà inig mi air a-mach às a’ cheò, agus mo chuid aodaich còmhdaichte le sneachd. Mu mo choinneamh bha allt a bha a’ sruthadh gu socrach tro chlais, le cluaintean feurach air gach taobh dheth. Anns an allt bha trì lachan – cearc agus dà isean. Ghabh iad eagal am beatha nuair a chunnaic iad mi, agus mi a’ coimhead coltach ri yeti!
Tha an t-allt cama-lùbach, agus ’s e an t-ainm a th’ air Caochan Lùb. Cha b’ urrainn à ite na b’ fheà rr a lorg air monadh fosgailte airson crodh ionaltradh no airson beagan fasgaidh fhaighinn. Is iomadh dròbhair anns an t-seann aimsir a bhiodh toilichte Caochan Lùb fhaicinn, tha mi cinnteach.
Faisg air mullach Monadh Miongaig tha coire ann air a bheil Coire Bhran. Bha e ainmeil o shean a chionn ’s gum biodh dròbhairean à mòran à iteachan anns a’ cheann a tuath a’ tighinn cruinn ann, agus iad a’ dèanamh deiseil airson a dhol thairis air a’ mhonadh gu ruige Athall còmhla. Carson a rachadh iad ann còmhla? Uill, innsidh mi sin dhuibh anns an ath Litir.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
Tòimhseachan na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.