
07/11/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 227
Duration: 05:10
Litir 227: Stairsneach nan Gaidheal
An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh stòiridh beag à stòras de bheul-aithris à Srath Narann a chruinnich Andaidh MacCuimein nach maireann. Nuair a bha mi a’ coimhead tron chruinneachadh aige de dh’fhiosrachadh air ainmean-à ite na sgìre, mhothaich mi don fhear seo: Stairsneach nan Gaidheal.
Cha do lorg mi an t-ainm seo air na mapaichean ach, a rèir na sgrìobh Andaidh, tha e faisg air a’ Mhòigh, gu deas air Inbhir Nis, eadar an srath aige fhèin agus an ath-shrath air an taobh a deas dheth. Stairsneach nan Gaidheal – the threshold of the Gaels. Carson a bhiodh ainm mar sin ann oir nach robh na Gaidheil air feadh na Gaidhealtachd? Ciamar a bhiodh stairsneach aca, mar gu robh iad air aon taobh dhith, gun a bhith air an taobh eile?
Uill, bha na Gaidheil pailt air feadh na Gaidhealtachd airson mìle gu leth bliadhna ach, ma thèid sinn air ais fada gu leòr, gu à m nuair a bha iad ag à iteach na dùthcha an toiseach, bha cuid de ghlinn is srathan na bu Ghaidhealaiche na feadhainn eile. ’S dòcha gun do dh’èirich an t-ainm aig an à m sin.
Bha Andaidh a’ smaoineachadh gu robh uaireigin diofar chà nan air a bruidhinn ann an Srath Narann bhon tè a bh’ air a bruidhinn anns an ath-shrath. Agus nuair a chluinneas sibh ainm an ath-shratha, ’s dòcha gum bi sibh ag aontachadh ris. ’S e an t-ainm a th’ air – Srath Eireann. Strath of Ireland. Bha Andaidh dhen bheachd, nuair a bha Srath Eireann gu tur Gaidhealach, is Gà idhlig ann mar chà nan an t-sluaigh, gu robh seann chà nan nan Cruithneach fhathast aig muinntir Shrath Narainn. Agus eatarra bha Stairsneach nan Gaidheal.
Airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun chùis, choimhead mi ann an seann phà ipear air ainmean-à ite na sgìre. ’S e am Proifeasair Uilleam MacBhà tair a sgrìobh e, agus cha robh duine na b’ eòlaiche na esan air ainmean-à ite Ceilteach na h-Alba.
Cha robh dad aige mu Stairsneach nan Gaidheal, ach bha fiosrachadh aige mun ainm-à ite Srath Eireann. ’S e an t-ainm a th’ air an abhainn a tha a’ sruthadh tron t-srath Uisge Eire no Uisge Eireann – the Findhorn River. ’S e a’ Ghà idhlig a th’ air baile Findhorn – Inbhir Eireann, agus tha à iteachan eile anns an t-srath air a bheil Dunearn no Dùn Eireann, Nook of Earn no Cùil Eireann agus Earnhill no Cnoc Eireann. Bha MacBhà tair dhen bheachd gur e “Eire” no “Ireland” an t-ainm a bh’ air an sgìre.
A’ coimhead air an ainm Findhorn, thà inig sin bho “Finn-Eire” no White Ireland, leis gu bheil trà igh mhòr bhà n ann aig beul na h-aibhne. Gu sear air an abhainn sin tha tè eile air a bheil an Deveron ann am Beurla. Ann an Gà idhlig, ’s e sin Dubh Eireann no “Dubh Eireann” mar a chanas sinn an-diugh – Black Ireland. Bha MacBhà tair dhen bheachd gun deach seann dùthaich nan Gaidheal a chuimhneachadh anns na h-ainmean sin nuair a thà inig sluagh Gaidhealach a dh’fhuireach ann an Alba.
’S docha, ma-thà , gu robh Andaidh còir ceart, agus gu robh Srath Eireann lan Ghaidheal nuair a bha Srath Narann fhathast là n Chruithneach. Tha e doirbh a bhith cinnteach, agus chan eil an t-ainm Narann, a bh’ air an abhainn an toiseach, a’ toirt mòran fiosrachaidh dhuinn, oir tha e gu math sean. ’S dòcha gu bheil e a’ dol air ais gu linn ro na Cruithnich fhèin. Co-dhiù, tuigidh sinn mar a dh’fhaodadh na Gaidheil “stairsneach” ainmeachadh eadar an dà ghleann. Agus nach eil e iongantach, ùine mhòr mhòr as dèidh là imh, gu bheil an t-ainm sin fhathast aithnichte air aghaidh na dùthcha.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.