
31/10/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 226
Duration: 05:10
Litir 226: Andaidh MacCuimein
Chaidh mi a choimhead air uaigh o chionn ghoirid, ann an cladh a-muigh air an dùthaich faisg air Inbhir Nis. Bha mi air taobh an iar na dùthcha nuair a chaochail am fear a bh’ air ùr-thiodhlacadh ann – fear a b’ aithne dhomh a bhuineadh do Shrath Narann. Bha eòlas air leth aige air eachdraidh agus dualchas na sgìre. ’S e an t-ainm a bh’ air Andaidh MacCuimein.
Bha e follaiseach dhomh sa mhionaid dè an uaigh a bh’ aige, oir air tè de na h-uaighean bha flùraichean ùra. Chan e flùraichean na bùtha a bh’ annta, ge-tà , ach feadhainn a chaidh a thogail anns a’ mhonadh le muinntir an à ite. Bha grà dh aig Andaidh air an dùthaich aige. Agus, a bharrachd air na flùraichean, bha na botannan aige agus bratach na h-Alba. ’S e “caractar” a bh’ ann agus chitheadh tu sin anns na bh’ air fhà gail air an uaigh aige.
Bha seo anns a’ chladh ri taobh na seann eaglais aig Dùn Fhlicheadaidh. Ainm-à ite inntinneach a tha sin – Dùn Fhlicheadaidh. Bha beachd aig Andaidh air, mar a bha air iomadach rud co-cheangailte ris an sgìre. Bha cuid de na seann daoine dhen bheachd gun tà inig e à “Dùn an Leth-cheud”, leis gu robh leth-cheud duine air am marbhadh ann am blà r agus gu robh iad air an tiodhlacadh anns a’ chladh. Ma tha sin fìor, chan urrainn dhomh a rà dh cuin’ a thachair e, oir tha e coltach gu bheil eaglais air a bhith air an là rach sin airson co-dhiù mìle is trì cheud bliadhna.
Co-dhiù, cha chreid mi nach robh Andaidh amharasach mu dheidhinn a’ mhineachaidh sin. Bha esan dhen bheachd gun tà inig Flicheadaidh à Fliuch no Fliuchad, a’ ciallachadh gur e à ite fliuch a bh’ ann.
Tha mi gu mòr an comainn Andaidh airson notaichean fhà gail againn air seann stòiridhean is naidheachdan a chruinnich e anns an sgìre, agus bu mhath leam, mar chomharra air a bheatha is air a bhà s, tè bheag dhiubh sin aithris dhuibh an-drà sta. Tha i mu dheidhinn ainm-à ite eile anns an sgìre – Uaigh an Duine Bheò.
Tha e coltach gu robh Clann ’ic an Tòisich agus Clann ’icIlleBhrath an ugannan a chèile mu chrìochan an cuid fearainn. As deidh ùine, dh’aontaich an dà chinneadh gabhail ri beachd bodaich a bha mion-eòlach air dualchas an à ite. ’S e an duilgheadas a bh’ ann gur e fear de Chloinn ’icIlleBhrath a bh’ ann – fear Eòin MacIlleBhrath.
Là a bha seo, chaidh Eòin agus à rd-urrachan an dà chinnidh a-mach còmhla. Gheall e air “a’ cheann a bha fo bhonaid” gur ann le Cloinn ’icIlleBhrath a bha “an talamh fo chasan”. Uill, ’s dòcha gu robh Clann ’icIlleBhrath toilichte le bhreith, ach cha robh Clann ’ic an Tòisich riaraichte idir. Feumaidh gu robh iad amharasach mu dheidhinn na thuirt Eòin. Agus feumaidh gun do rinn iad beagan sgrùdaidh air, oir fhuair iad a-mach gu robh ceann eile fo bhonaid – ceann coilich! Agus am broinn a chuid bhròg, fo chasan, bha talamh a bh’ air a thoirt far fearann aig a’ chinneadh aige fhèin – Clann ’icIlleBhrath. Mar sin, cha robh Eòin breugach, ach cha robh e buileach ag innse na fìrinn na bu mhò!
Co-dhiù, bha Clann ’ic an Tòisich feargach. Chaidh Eòin a thiodhlacadh beò fon talamh mar pheanas agus tha cà rn ri fhaicinn anns an à ite fhathast, air a bheil Uaigh an Duine Bheò.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.