
04/04/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 196
Duration: 04:44
Litit 196: Nan NicFhionghain
An-uiridh, ann an Litir ceud, seachdad ’s a trì (173), thug mi sgeulachd ghoirid dhuibh a fhuaradh bho bhoireannach ann am Bhatarsaigh – Nan NicFhionghain, Nan Eachainn Fhionnlaigh, a chaochail o chionn beagan is fichead bliadhna. Cha robh dùil agam gun tillinn thuice cho luath, ach bha mi aig òraid mu a deidhinn o chionn ceala-deug, agus bu mhòr a chòrd i rium. Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh air Nan grunn tursan bhon uair sin.
’S e an t-Ollamh Iain MacAonghais a thug an òraid aig Comunn Gà idhlig Inbhir Nis, mu dheidhinn cuid de na seanfhaclan is gnà thsan-cainnt a chlà r daoine ann an còmhraidhean le Nan. Bha Iain eòlach oirre agus chruthaich e dealbh don luchd-èisteachd de bhoireannach laghach coibhneil aig an robh stòras a bha mòr is beartach, ach a bha a’ buntainn ri farsaingeachd saoghal nan Gaidheal. Ged a bha i a’ fuireach air eilean iomallach, bha a cridhe aig cridhe na Gaidhealtachd.
Dh’innis Iain grunn de na seanfhaclan aice a th’ air clà ran ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, ach chan eil iad air an cur ri chèile fhathast mar chruinneachadh ceart. ’S dòcha gun tachair sin uaireigin mar phà irt dhen phroiseact ris an canar Tobar an Dualchais, a tha a’ cur seann stuth mar sin ann an cruth diodsaideach.
Ach an-drà sta, bu mhath leam stòiridh beag laghach eile aig Nan aithris dhuibh, ged a tha mi air a dhèanamh beagan nas sìmplidhe. ’S ann mu dheidhinn bodach is cailleach anns an Eilean Sgitheanach a tha e. Bha am bodach a’ call a chuimhne ach bha e cho brogail ’s gun rachadh e don mhonadh a h-uile là . Co-dhiù, là a bha seo, agus e a’ tilleadh às a’ mhonadh, lorg am bodach sporan air an talamh. Bha e là n notaichean.
Nuair a rà inig e an taigh aige, chaith e an sporan a smùr na mònadh, agus cha do smaoinich e air tuilleadh, oir bha e a’ call a chuimhne. Cha do leig a’ chailleach oirre gun robh i a’ faicinn dad às an rathad, ach dè rinn i là rna-mhà ireach ach fhuair i leabhar beag agus chuir i am bodach dha sgoil còmhla ris na gillean òga.
An ceann deannan là ithean as dèidh sin, cò thà inig mun cuairt ach am bà illidh. Thachair e ris a’ bhodach agus thuirt e ris, “An là a bha mi a’ togail a’ mhà il mu dheireadh, chaill mi sporan.”
“O,” ars’ am bodach, “fhuair mise sporan.” Bha e a’ tighinn gu chuimhne mar a lorg e e.
“O, an d’ fhuair?” ars’ am bà illidh. “Dè rinn thu leis?”
“Cha do rinn mi ach a chaitheamh ann am smùr na mònadh,” ars’ am bodach.
“Uill, ma thà ,” ars’ am bà illidh, “tha e an sin fhathast.”
“Tha,” ars’ am bodach, “tha mi cinnteach gu bheil.”
Chaidh am bodach dhachaigh còmhla ris a’ bhà illidh agus thòisich iad air rùileach smùr na mònadh. Ach, ged a bhiodh iad a’ rùileach fhathast chan fhaigheadh iad an sporan. Thionndaidh am bà illidh ris a’ bhodach agus thuirt e ris, “Cò là a fhuair thu an sporan?”
“An là mun deach mi dha sgoil,” thuirt am bodach.
“O Mhic an Ànraidh!” ars’ am bà illidh, “an là mun deach thusa dha sgoil, cha do rugadh mise an uair sin no fad’ as a dhèidh.”
Dh’fhalbh am bà illidh is cha d’ fhuair e sporan no dad eile. Bha an sporan agus an t-airgead aig a’ chaillich, ge brith gu dè mar a chosg i e.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.