
28/03/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 195
Duration: 04:53
Litir 195: Coirneal Baillie
Cha chreid mi gun do dh’fhairich mi taibhse idir ach bha e car neònach a bhith ann an toll-dubh anns na h-Ìnnseachan o chionn ghoirid, ged a bha mi ann le mo thoil fhèin, feumaidh mi rà dh! Cha b’ ann len toil fhèin, ge-tà , a bha saighdearan Breatannach, feadhainn Ghaidhealach nam measg, air an cumail ann aig deireadh an ochdamh linn deug.
“Seo a-nisd,” thuirt am bodach a bha gam threòrachadh, “seo an t-à ite far an robh an Coirneal Baillie air a chumail.” Sheas e le dhruim ris a’ bhalla, agus na gà irdeanan aige air an sìneadh a-mach air gach taobh dheth mar gu robh iad ceangailte don bhalla le slabhraidhean. “Seo far an robh an Coirneal Baillie airson bliadhnaichean,” thuirt e gun toileachas no bròn na ghuth.
An là an-diugh tha an toll-dubh glan is leth-fhosgailte don t-solas is don eadhar, ach cuiridh mi geall nach ann mar sin a bha e nuair a bha an Coirneal Baillie ann. Is cinnteach gu robh e teth, dorch is salach – agus gu math mì-chalair. Tha e an-diugh mar phà irt de là rach ghlèidhte co-cheangailte ris an fhear mu dheireadh de na prionnsaichean Innseanach a sheas an aghaidh cumhachd Bhreatainn ann an ceann a deas na dùthcha – Tippu Sultan. Bha Tippu gu math cumhachdach, agus cianail fhèin beartach. B’ e am prìomh bhaile aige à ite mòr mòr air cùl bhallachan à rda tiugha air eilean ann an abhainn faisg air Mysore – baile ris an canar Srirangapatinam.
Rinn na Breatannaich a’ chùis air Tippu aig a’ cheann thall, agus bha saighdearan Gaidhealach gu mòr an sàs anns na cogaidhean na aghaidh. Bha ceithir cogaidhean ann eadar na Breatannaich agus Mysore – rìoghachd na bu mhò na Alba agus, aig an toiseach, bha Tippu agus athair roimhe, soirbheachail gu leòr. Ann an seachd-deug is ochdad (1780) sheas da fheachd na aghaidh, a bha le chèile fo stiùir Albannaich. A bharrachd air a’ Choirneal Baillie, bha feachd eile ann le ceannard Gaidhealach aig a ceann. B’ esan Sir Eachann Rothach a bhuineadh do Thaigh an Fhuamhair ann an Ros an Ear.
Tha mi air a leughadh gun diùltadh an Rothach agus Baillie còd sgrìobhte a chleachdadh nuair a chuireadh iad teachdaireachdan a dh’ionnsaigh chach-a-chèile. An à ite sin, ged nach urrainn dhomh seo a dhearbhadh le cinnt, chaidh aithris gun sgrìobhadh iad ri chèile ann an Gà idhlig. Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil, cha do rinn e cus feum do Bhaillie, oir chaidh an fheachd aige a chuairteachadh le saighdearan Innseanach agus, ged a bha feachd an Rothaich dìreach beagan mhìltean air falbh, cha d’ fhuair e taic bhuapa.
Chaidh feachd Bhaillie a sgrios agus chaidh Baillie fhèin a chur an greim. Chaidh a thoirt gu Srirangapatinam – agus don toll-dhubh anns an robh mi. Fhuair Sir Eachann Rothach air ais a Mhadras gu sà bhailte, ged a chaill e tòrr dhaoine air an rathad, agus saighdearan Mhysore a’ toirt ionnsaigh orra. Lean e na dhreuchd agus chaidh gu math leis ann an seachd-deug, ochdad ’s a h-aon (1781) nuair a rinn e a’ chùis air na Duitsich aig Nagapatinam air costa na dùthcha.
Agus dh’fhà g sin carragh-chuimhne car annasach againn air mullach cnuic air taobh sear na Gaidhealtachd. Air Cnoc Faoighreis, faisg air Alanais, thog Sir Eachann mac-samhail de gheatachan Nagapatinam. Tha e ann fhathast, gabhaidh e faicinn gu furasta bhon rathad mhòr, an A9, agus tha ceum-coiseachd brèagha a’ dol ga ionnsaigh. Cnoc Faoighreis agus Srirangapatinam – à ite fionnar Albannach is fear teth Innseanach, monadh à rd is toll fon talamh, na mìltean de mhìltean air falbh o chèile, ach ceangailte gu sìorraidh le eachdraidh fhuilteach.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.