
30/08/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 165
Duration: 05:03
Litir 165: DĂąthaich MhicAoidh
Halò a-rithist, a chà irdean. An t-seachdain-sa, tha mi airson ur toirt gu sgìre air leth brèagha ann am fìor cheann a tuath na h-Alba – Dùthaich MhicAoidh, ann an Cataibh. Gu deas air baile Thunga, tha beinn à rd air a bheil Beinn Laoghail. Agus eadar am baile agus a’ bheinn tha dà lochan ann.
’S e Lochan na Cuilce am fear as lugha dhiubh. Tha an t-ainm sin furasta gu leòr thuigsinn. Tha e a’ ciallachadh Lochan of the Reeds. Ach am fear as mò, ri thaobh? Air a’ mhap, ’s e Lochan Hakel a th’ air. H-A-K-E-L. Ach tha mi a’ smaoineachadh gur e Lochan Hakon a chanas muinntir an à ite ris. H-A-K-O-N. Chanainn gur e ainm Lochlannach a th’ ann, is cò aige tha fios nach eil ceangal aige don t-seann rìgh Lochlannach a th’ air a chuimhneachadh ann an Caol Àcainn anns an Eilean Sgitheanach?
Co-dhiù no co-dheth, bu mhath leam eachdraidh annasach innse dhuibh mu dheidhinn an lochain seo. Anns a’ Mhà rt, seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746), bha na Seumasaich, agus Teà rlach Òg Stiùbhart, ann an staing. Bha an arm a’ sìor chrìonadh, agus ’s ann anns a’ cheann a tuath a-mhà in a bha iad a’ faighinn taic mhòr sam bith. Ach ’s e aon sgìre anns nach robh iad a’ faighinn taic – Dùthaich MhicAoidh. Bha Clann ’ic Aoidh taiceil do na Hanoibhèirianaich.
Ann am meadhan a’ Mhà irt, chuir Rìgh na Frainge, Louis XV, soitheach – an Hazard – a dh’ionnsaigh Alba le còrr is tri-deug mìle not ann am buinn òir air bòrd. Bha còrr is ceud saighdear air bòrd cuideachd. Dh’fhà g i Dunkirk fo òrdugh an t-òr a thoirt don Phrionnsa ann an Inbhir Nis. B’ fheudar dhi cumail fad air falbh o chosta sear Shasainn ach, nuair a rà inig i Linne Mhoireibh, bha longan cogaidh aig Cabhlach Bhreatainn a’ feitheamh rithe. B’ fheudar don Hazard seòladh gu tuath, feuch faighinn air falbh, agus an soitheach cogaidh, an Sheerness, an tòir oirre.
Thionndaidh an Hazard gu siar nuair a rà inig i an Caol Arcach, ach ghlac an Sheerness i nuair a bha iad faisg air Tunga, agus soitheach nan Seumasach glaiste air oitir. Bha batail ann agus chaidh sgrios a dhèanamh air an Hazard, ach cha b’ urrainn do sheòladairean a Sheerness faighinn air bòrd oirre. Air an oidhche, chaidh aig muinntir an t-soithich Fhrangaich faighinn air tìr, agus thòisich iad air coiseachd a dh’ionnsaigh Inbhir Nis leis an òr airson a’ Phrionnsa.
Ge-tà , chuir seòladairean an Sheerness fios gu ceann-cinnidh Cloinn ’ic Aoidh agus chuir esan feachd an sàs an aghaidh nan Seumasach. Choinnich an dà fheachd faisg air Lochan Hakon. Bha na Seumasaich sgìth agus cha robh comas aca sabaid. Nuair a bha iad a’ teicheadh, thilg feadhainn aca an t-òr aca anns an lochan. Goirid as dèidh sin, ghèill iad agus chaidh an toirt gu prìosan anns an Sheerness.
Agus, mean air mhean, lorg an Riaghaltas an t-òr a bh’ air a thilgeil anns an lochan. No an do lorg? Oir, bhathar ag rà dh gun d’ fhuair mart, a chuir a chasan anns an lochan turas, bonn òir an sàs ann an ladhar aige. Agus bha fathannan ann gun do thiodhlaic cuid de na Seumasaich an cuid òir fon talamh, agus gun d’ fhuair feadhainn buannachd às a sin bliadhnaichean as dèidh là imh. Thathar ag rà dh gu robh teaghlach anns an sgìre – teaghlach bochd aig cìobair – a dh’fhàs beartach gu h-obann! Ach ’s e am fear nach do dh’fhàs beartach – am Prionnsa Òg. Trì seachdainean as dèidh call an Hazard, chaill e gu dubh aig Blà r Chùil Lodair.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.