
23/08/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 164
Duration: 04:51
Litir164: Pulpit Rock
Air bruach an iar Loch Laomainn, faisg air an rathad A 82, gu deas air baile Àird Laoigh, tha clach mhòr ainmeil ann. Air a’ mhap, ’s e Pulpit Rock a th’ oirre. Tuigidh sibh gu robh i air a cur gu feum uaireigin mar chùbaid.
Bha sin bho ochd-deug, fichead ’s a còig (1825) a-mach, as dèidh do mhuinntir an à ite gearain don mhinistear aca gu robh aca ri coiseachd ro fhada don eaglais air an t-Sabaid. “Uill,” thuirt am ministear, an t-Urramach Peadar Proudfoot, “ma thogas sibh cùbaid is seòmar-culaidh dhomh ann am badeigin, thig mi a-mach agus searmonachaidh mi dhuibh ann a sin.”
Agus ’s e sin a thachair. Chleachd na daoine stuth spreadhaidh agus chladhaich iad toll anns a’ chloich, a bhiodh mòr gu leòr airson a’ mhinisteir. Aig a’ cheann thall, bha e mòr gu leòr airson triùir – am ministear, eildear agus fear a chuireadh a-mach an loighne nuair a bhathar a’ gabhail nan salm.
Chaidh doras a chur air beul an tuill agus, air a chùlaibh, bha an seòmar-culaidh. Bha à rd-ùrlar air a thogail air aghaidh na cloiche, air beulaibh an dorais. Bhiodh cùbaid air a cur air an à rd-ùrlar sin nuair a thigeadh am ministear air an t-Sà baid. Bhiodh muinntir an à ite a-muigh ag èisteachd ris an t-searmon, ann an deagh shìde is droch shìde – cleachdadh a bha cumanta gu leòr ann an eachdraidh na h-Alba.
’S ann mar sin a bha e airson seasgad ’s a còig bliadhna gus an deach eaglais bheag a thogail ann an Àird Laoigh aig deireadh an naoidheamh linn deug. Chaidh an t-à rd-ùrlar agus an dòras, a bh’ air an dèanamh le fiodh, a chleachdadh mar chonnadh le luchd-siubhail, agus dhìochuimhnich a’ chuid mhòr dhen t-sluagh mu dheidhinn na cloiche. Tha coille mhòr dhorcha air fàs suas mu a timcheall.
’S ann mar sin a bha e gus o chionn ghoirid nuair a chum am ministear, an t-Urramach Dane Shepherd, searmon aig a’ chloich. Tha buidheann coimhearsnachd a-nise ag iarraidh na craobhan mu a timcheall a leigeal agus à ite-pà ircidh a thogail ri a taobh. Tha e coltach gum bithear a’ brosnachadh cuid de na daoine, a bhios a’ tadhal air Pà irce Nà iseanta ùr Loch Laomainn is nan Tròisichean, a dhol a dh’fhaicinn na cloiche.
Nise, saoil dè a’ Ghà idhlig a th’ air Pulpit Rock? Clach na Cùbaid, ’s dòcha? Uill, chan e, oir bha ainm Gà idhlig oirre fada fada mus robh guth air cleachdadh na cloiche airson searmon. Tha an t-ainm Beurla oirre a’ buntainn ri cleachdadh Crìosdail, ach tha an t-ainm Gà idhlig a’ dol air ais gu dualchas nas sine na sin. ’S e an t-ainm a th’ oirre ann an Gà idhlig Clach nan Tarbh.
Tha sgeulachd co-cheangailte ris an ainm, a th’ air aithris le Mìcheal Newton anns an leabhar mhath aige, “Bho Chluaidh gu Calasraid”. Bha tarbh mòr dearg à Sasainn a thà inig a dh’Alba airson an dùthaich a mhaslachadh. “Is truagh an dùthaich!” ghlaodh e nuair a bha e gu h-à rd os cionn Loch Laomainn.
Bha tarbh dubh nan Albannach feargach agus thug e an aghaidh air an tarbh dhearg. Bha iad a’ strì an aghaidh a chèile shuas à rd air Beinn Mhurlaig agus phut iad thairis clach mhòr. Ruith a’ chlach sìos a’ bheinn don à ite far a bheil i an-diugh ri taobh an locha. Agus rinn an tarbh dubh Albannach a’ chùis air an tarbh dhearg Shasannach. Tha mi an dòchas, nuair a dh’innseas muinntir na Pà irce Nà iseanta do luchd-turais mu dheidhinn na cloiche, nach dìochuimhnich iad an t-ainm Gà idhlig, agus an dualchas a tha co-cheangailte ris.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine: Did you notice the three uses of the adverb a-mach in this week’s Litir? It appears first, meaning “from 1825 onwards” in bho 1825 a-mach. Secondly, it occurs in perhaps its most obvious circumstance, meaning simply “out” in thig mi a-mach agus searmonachaidh mi (I will come out and preach). And thirdly it appears in fear a chuireadh a-mach an loighne (lit. a man who would put out the line, meaning the precentor who would lead the psalm-signing). In the early stages of learning Gaelic, you would have been told that a-mach means “out”, usually expressing movement eg leum e a-mach às a’ chà r (he leaped out of the car), dh’fhalbh i a-mach o chionn 5 mionaidean (she went out 5 minutes ago); choimhead mi a-mach air an uinneig (I looked out of the window). But be aware that this adverb is employed in a vast array of expressions and idiom, and that you will often come across it in situations where it cannot be translated simply as “out”. Here are some examples: bha iad a-mach air a chèile (they were having a heated argument, they fell out with each other); abair dol a-mach a bh’ aige! (eg what a ridiculous way to behave!); anns a’ chiad dol a-mach (in the first instance); tha iad a’ cumail a-mach gu bheil … (they maintain that…); bha i a-mach air cho math ’s a bha a’ Ghrèig (she was going on about how good Greece was); chuir mi a-mach trì tursan (I vomited three times).
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.