
07/09/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 114
Duration: 04:23
Litir 114: Fealla-dhĂ
Bidh sibh eòlach air an fhealla-dhà a tha a’ dol rudeigin mar seo, agus duine a’ bruidhinn ris a’ ghille aige: “Dè an uair a tha e?”
“Chan eil fhios a’m.”
“Uill, dè tha d’ uaireadair ag rà dh?”
“Chan eil cà il, ach tuig, tuig, tuig!”
Agus tha sin gam thoirt gu rann mu dheidhinn uaireadair. An robh fios agaibh gu bheil uaireadairean air feadh an t-saoghail a’ labhairt ann an Gà idhlig? Agus tha an rann seo ga dhearbhadh. ’S e an t-ainm a th’ air – “An Gille Beag agus an t-uaireadair”:
Tha uaireadair aig m’ athair-sa
’S chan fhacas riamh na thà mh e.
Cha tèid fois neo fosadh air
A sheachdain neo a ShĂ baid.
Nuair chuireas mi rim chluais e,
Feuch dè tha e ag rà dh rium,
Canaidh e rium gu sgiobalta,
“An tuig, an tuig, an tuig thu mi?
An tuig, an tuig, an tuig thu mi,
An tuig, an tuig, an tuig thu mi,
An tuig thu nis mo chĂ nan?
’Ille bhig, an tuig thu mi?
An tuig thu nise idir mi?
’Ille bhig, an tuig thu mi?
’S mi labhairt anns a’ Ghà idhlig.”
An sin gu clis, canaidh mise ris,
“Tha fhios gu math gun tuig mi thu,
Gun tuig, gun tuig, gun tuig mi thu,
Tha fhios gu math gun tuig mi thu,
’S tu labhairt anns a’ Ghà idhlig.”
Sin rann a dh’fhaodadh sibh cleachdadh le clann, a chòrdadh riutha, chanainn. Agus mus fhà g sinn am facal tuig, tha deasbad ann am measg sgoilearan air co-dhiubh chaidh e a-steach don Bheurla gus nach deach. Ma chaidh, ’s ann ann an dreach gu math faisg air a’ Ghà idhlig a nochdas e ann am Beurla an-diugh, agus le ciall a tha fhathast gu math faisg air a’ Ghà idhlig thùsail. A bheil fios agaibh dè am facal a th’ ann? Have you twigged yet?
Seadh, sin e – twig, a’ ciallachadh – tuigsinn. Tha feadhainn dhen bheachd gur ann às Gà idhlig na h-Eireann a chaidh e a-null, ach tha am faclair Collins agam a’ dèanamh dheth gur e as coltaiche gun deach e a-steach don Bheurla bho Ghà idhlig na h-Alba – bhon fhacal tuig – anns an ochdamh linn deug.
Agus seo tòimhseachan a tha co-cheangailte ris an rann gu h-à rd ann an dòigh. “Ciamar a tha coltas nà rach air uaireadair?” Ciamar a tha coltas nà rach air uaireadair? Uill, tha a dhà là imh an-còmhnaidh air aodann. Dìreach mar a tha cuideigin a tha nà raichte.
Bha mi ag èisteachd ri fear air an rèidio an là eile. ’S ann à Leòdhas a bha e bho thùs, ach tha e air a bhith a’ fuireach anns na h-Eileananan mu Dheas airson bliadhnaichean agus, nuair a chaidh ceist a chur air mu dheidhinn cho fada ’s a bheireadh e ann an cà r eadar dà à ite, thuirt e rudeigin mar “dà uair an uaireadair”, a’ ciallachadh “two hours duration”. Shaoil mi rium fhìn gu robh sin a’ sealltainn gu bheil e a’ bruidhinn uiread Gà idhlig anns a’ choimhearsnachd sa bheil e a’ fuireach, gu bheil e air cainnt nan Eilean mu Dheas a thogail gu ìre mhath. Chan e droch rud a tha sin idir.
Ann an ceann a tuath na Gaidhealtachd, agus ann an ceann a tuath nan Eilean Siar, canaidh daoine, mar as trice, an à ite “uair an uaireadair”, “uair a thìde”. Airson luchd-ionnsachaidh, chan eil e gu diofar dè chanas sibh – tha an dà rna fear a cheart cho math ris an fhear eile. Agus seo ceist dhuibh – dè bhios a’ tachairt an ceann ceud, seasgad ’s a h-ochd (168) uairean a thìde? Uill, bidh mise air ais an uairsin leis an ath Litir do Luchd Ionnsachaidh! Beannachd leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.