
31/08/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 113
Duration: 04:44
Litir 113: Seanfhaclan
An t-seachdain ’s a chaidh, ann an dreach sgrìobhte na Litreach, anns na notaichean mu dheidhinn grà mair, dh’iarr mi oirbh sùil a thoirt tron Litir airson gnà ths-cainnt a bha a’ cleachdadh an roimheir, à neo à s. Tha mi an dòchas gun d’fhuair sibh lorg air. ’S e a bh’ ann – bhiodh a caraidean a’ tarraing aiste. Tha sin co-ionann ris a’ Bheurla – her friends would tease her.
Bidh sibh a’ tarraing às cuideigin. Is ma chuireas sibh dragh air duine le bhith a’ tarraing à s, is ma tha sibh a’ gabhail aithreachas mu dheidhinn, ’s dòcha gun can sibh ris, “Na gabh dragh. Bha mi dìreach a’ tarraing asad.”
O chionn ceala-deug, thug sinn sùil air an t-seanfhacal, Ruigidh each mall muileann, ach feumadh fear fuireach a bhriseas a chas. Uill, an latha roimhe, ghabh mi beagan spòrs le buidheann-chòmhraidh Ghà idhlig a bha mi a’ stiùireadh, buidheann anns an robh luchd-ionnsachaidh anns a’ mhòr-chuid. Thug mi a’ chiad phà irt dhen t-seanfhacal sin dhaibh – ruigidh each mall muileann – agus dh’iarr mi orra crìoch a chur air, le rud sam bith a thogradh iad.
Seo agaibh eisimpleirean de na fhuair sinn: ruigidh each mall muileann …ach ruigidh each luath e fada nas trà ithe! Neo – ruigidh each mall muileann … ma dh’fhanas tu fada gu leòr. Neo - ruigidh each mall muileann … ach bidh mi am muileann dùinte. Is mar sin air adhart. Agus chuir e smuain neo dhà nam cheann – gum biodh e math a leithid de ghèam a chluich anns an Litir seo.
Bidh sibh eòlach air an t-seanfhacal – Is math an còcaire an t-acras. Ach dè mu dheidhinn – Is math an còcaire … Nick Nairn, neo is math an còcaire … am fear a chuireas siùcar donn air lite. Uill, ’s e sin mo bheachdsan co-dhiù! Ach ’s fheà rr le cuid dìreach bainne is salainn.
Tha seanfhacal ann – Am fear a bhios fad’ aig an aiseag, gheibh e thairis uaireigin. Dè mu dheidhinn – am fear a bhios fad’ aig an aiseag … fà saidh e fuar is greannach. Neo, am fear a bhios fad’ aig an aiseag … bidh e a’ sgrìobhadh gu Caledonian Mac a’ Bhrùthain a’ gearain mu dheidhinn!
’S dòcha gum bi sibh a’ cuimhneachadh an t-seanfhacail air an tug sinn sùil anns an Dùbhlachd o chionn bliadhna gu leth - ’S fheà rr am partan-tuathal na bhith gun fhear-taighe. Thathar a’ gabhail “partan-tuathal” air duine bochd, aig nach robh taigh, a chaidh a dh’fhuireach còmhla ri bean ùr aig an robh taigh. Bidh sibh a’ cuimhneachadh gu bheil e a’ ciallachadh hermit crab ann am Beurla. Ach dh’fhaodamaid atharrachadh gu – ’s fheà rr am partan-tuathal … na bhith gun bhiadh idir. Neo – ’s fheà rr am partan-tuathal … eadar da phìos arain na hamburger bhon bhùth sìos an rathad. Cha chan mi dè a’ bhùth air a bheil mi a’ smaoineachadh!
Agus dh’fhaodadh iad obrachadh anns an dòigh eile. Dh’fhaodainn fhìn seanfhacal nach eil ceart aithris agus iarraidh oirbh am fear ceart a thoirt dhomh. Mar eisimpleir, tha na h-itean as bòidhche air na boireannaich anns na Folies Bérgères. Uill, bidh fios agaibh fhèin, tha mi an dùil, gu robh còir agam a rà dh, tha na h-itean as bòidhche air na h-eòin fad à s, is nach robh còir agam a bhith a’ smaoineachadh idir air na boireannaich sin!
Ma tha sibh fhèin a’ gabhail tlachd le bhith a’ cluich le faclan anns an dòigh sin, carson nach cuir sibh “seanfhaclan ùra”, a tha sibh fhèin air a chruthachadh airson fealla-dhà , thugam. Ma tha iad math, cò aige tha fios nach nochd iad uair neo uaireigin anns a’ phrògram seo.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.