
13/07/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 106
Duration: 04:41
Litir 106: Sgeulachd Ă AstrĂ ilia
Bha na h-Albannaich is na h-Eireannaich a-riamh math air sgeulachdan innse, agus saoilidh mi gu bheil an sliochd air an aon dòigh. Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astrà ilia chuala mi mu fhear aca, air an robh Mìcheal mar ainm, a bha beò anns an naoidheamh linn deug. Bha e a’ fuireach ann am Bhictoria gu tuath air a’ phrìomh bhaile, Melbourne. Mar a chuala mise eachdraidh, bhuineadh e do shliochd na h-Eireann, agus ’s iongantach mura h-eil sin ceart, oir bha mòran de a leithid anns a’ cheà rnaidh sin aig an à m. Gu dearbh, ’s ann don sgìre sin a bhuineadh am fear a b’ ainmeile de shliochd na h-Eireann ann an Astrà ilia – Ned Kelly.
Co-dhiù, bha Mìcheal math math air stòiridhean innse. Bha e na dhrà ibhear-coidse, a’ toirt a’ phuist eadar bailtean beaga. Dh’fhaodadh an obair a bhith cunnartach, ge-tà , agus robairean a’ feitheamh riutha airson airgead a ghoid. Robairean mar Ned Kelly!
Uaireannan bhiodh luchd-siubhail nan suidhe ri taobh Mhìcheil far an robh e a’ cumail smachd air na h-eich le sriantan. Chòrdadh sin riutha, oir bhiodh cothrom aca èisteachd ris na stòiridhean aige. Bha cliù aige mar an sgeulaiche a b’ fheà rr agus am breugaire a bu mhiosa ann am Bhictoria aig an à m. ’S dòcha gu bheil an dà rud a’ dol còmhla gu nà darrach!
Turas a bha seo, bha boireannach air ùr-nochdadh ann an Astrà ilia bhon t-seann dùthaich. Bha i às ceann a deas Shasainn is cha robh i cleachdte ri dòighean Astrà ilia neo dòighean nan Ceilteach nas motha. Ach bha i air cluinntinn mu Mhìcheal. Shuidh i cuide ris gu h-à rd airson an dùthaich fhaicinn, ach thug i rabhadh dha. “As dèidh gun deach innse dhomh,” thuirt i, “gur sibhse am breugaire as miosa san dùthaich, chan eil mi a’ dol a chreidsinn facal a chanas sibh rium.”
Rinn Mìcheal gà ire. “Chì sinn,” thuirt e ris fhèin.
Chaidh iad greis ann an samchair, agus an uairsin thòisich Mìcheal air innse don bhoireannach mu John, cangarù a bhiodh a’ coinneachadh ris a’ choidse gach trup air an rathad sin. “Tha mi air John a thrèanadh bho bha e òg”, thuirt e, “airson poca puist a thogail bhuam. Falbhaidh e don choille leis, cuiridh e na litrichean is na parsailean a-mach air an talamh, cuiridh e ann an òrdugh iad, agus lìbhrigidh e iad do na diofar thaighean anns an sgìre.”
“Seadh, seadh,” thuirt am boireannach, nach robh a’ creidsinn facal dheth. “Tha sibh ag innse dhomh gu bheil comas leughaidh aig cangarù, gun cuir esan litrichean ann an òrdugh, gun gnog e dorsan nan taighean is gun toir e na litrichean do na daoine.”
“O chan ann mar sin a tha e idir,” fhreagair Mìcheal. “Cha bhi John a’ gnogadh dhorsan. Bidh e dìreach a’ feadaireachd ris na daoine, is a’ fà gail an litrichean air an stairsnich. Tha sin a’ sà bhaladh ùine is tha uiread aige ri dhèanamh.”
“Hut,” ars’ am boireannach Sasannach, “chan eil fìrinn sam bith anns a’ chùis.”
“O, uill, chì sibh,” thuirt Mìcheal, “’s ann aig an ath lùib anns an rathad a bhios John a’ coinneachadh rinn.”
Nuair a rà inig iad an lùb, dè bh’ ann am meadhan an rathaid ach cangarù mòr. Dh’èirich Mìcheal do chasan airson bruidhinn ris, ach cha do stad e a’ choidse. “Chan eil cà il agam dhut an-diugh, John,” dh’èigh e, “faodaidh tu do chasan a thoirt leat.”
Leis a sin, thionndaidh an cangarù air a shà il agus phriob Mìcheal a shùil ris a’ bhoireannach. “Nach do dh’innis mi dhuibh?” thuirt e, agus cha bu bheag a’ ghaire a bh’ air aodann!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.