
06/07/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 105
Duration: 05:07
Litir 105: Tòimhseachain
An t-seachdain ’s a chaidh, thug mi tòimhseachan dhuibh. Agus seo e a-rithist: Is truagh an fheadhainn aig a bheil iad. Is truagh an fheadhainn aig nach eil iad. Cò iad? ’S e an fhreagairt - clann. Is truagh an fheadhainn aig a bheil clann, agus is truagh an fheadhainn aig nach eil clann! Uill, tha sin a rèir an tòimhseachain co-dhiù. Mar phà rant, chan eil beachd sam bith agamsa air a’ chùis!
Bidh tòimhseachain a’ còrdadh rium, agus tha mi an dòchas gu bheil sibh fhèin a’ faighinn tlachd asta. Ach chan eil mi idir cho dèidheil orra ri fear a chunnaic mi ann am fiolm an latha roimhe. ’S e a bh’ ann dotair Gearmailteach, an Dotair Lessing, agus bha e uabhasach dèidheil air tòimhseachain. Bhiodh e a’ cur seachad oidhcheannan, gun chadal, agus e a’ feuchainn ri fuasglaidhean fhaighinn airson feadhainn dhoirbh.
Ged a bha an Dotair Lessing Gearmailteach, bha am fiolm fhèin air a dhèanamh anns an Eadailt. Bha e ann an Eadailtis, le fo-thiotalan ann am Beurla, agus ’s e an t-ainm a bh’ air “La Vita è Bella”. Tha sin a’ ciallachadh, “Tha a’ Bheatha Brèagha”. ’S e fiolm air leth math a bh’ ann, air a stiùireadh le Roberto Benigni.
Anns a fiolm bha an tòimhseachan seo: “Can m’ ainm agus chan eil mi ann tuilleadh. Cò mi?” Can m’ ainm agus chan eil mi ann tuilleadh. Cò mi? Agus ’s e an fhreagairt – tosd. Ma chanas sibh am facal “tosd”, chan eil tosd ann.
Chaidh na Gaidheil a thosdachadh ann an iomadach à ite ann an Alba far am b’ à bhaist don chà nan aca a bhith là idir. Ach, far a bheil dualchas Gaidhealach aig sgìre, is far a bheil na h-ainmean-à ite ann an Gà idhlig, is far a bheil cothrom aig clann Gà idhlig ionnsachadh anns an sgoil, chan eil iad buileach tosdach.
Tha Baideanach is Srath Spè rudeigin mar sin. Tha aonad Gà idhlig ann am Bail’ Ur an t-Slèibh, is tha mòran dhen bheachd gu bheil an t-à m ann an cà nan a phiobrachadh gu mòr anns an sgìre, gu h-à raidh an cois na pà irce nà iseanta a tha gu bhith sa Mhonadh Ruadh an ceann ùine nach bi fada.
Chuala mi clà r o chionn ghoirid de dhaoine à Srath Spè a’ bruidhinn ann an Gà idhlig agus bha e air leth inntinneach. Bha aon phìos dhen chòmhradh mu mhaigheach bhà n, neo geà rr bhà n, mar a thuirt iad fhèin. Tha iad bà n anns a’ gheamhradh leis gu bheil an dath gam falachadh anns an t-sneachd a tha a’ còmhdachadh nam beann.
Bha e an aghaidh an lagh geà rr a mharbhadh, agus bhiodh na geamairean gu math trom air poidsearan. Ach bu choma leis na balaich sin. Bha biadh gann agus ghlac iad geà rr. Chuir iad ann am poit air an teine i mus deach iad a-mach a dh’obair. Bhiodh i deiseil airson an diathaid nuair a thigeadh iad dhachaigh aig meadhan-latha.
Ach nuair a thill iad, cò bha nan cois ach an geamair?! Agus cha b’ urrainn dhaibh faighinn cuidhteas e. Chan fhaigheadh iad biadh fhad ’s a bha esan a-staigh. An uairsin, chuimhnich fear dhiubh nach bu toil leis a’ gheamair salchair sam bith. Dh’fheumadh a h-uile nì a bhith glan dha.
Thog e bobhla. “Gabhaidh sinn ar biadh,” thuirt e. “Feumaidh mi am bobhla a ghlanadh, ach chan eil clobhd agam.” Choimhead e air a chù. “Trobhad,” thuirt e ris. Thog e earball molach salach a’ choin, agus ghlan e am bobhla leis. Dh’fhalbh an geamair sa bhad, agus dh’ith na balaich feòil na gearra. Ged a bha am bobhla salach, chòrd an fheòil riutha glan!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.