
29/06/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 104
Duration: 05:09
Litir 104: Am Pìobaire Dall
Rugadh Iain MacAoidh, am Pìobaire Dall, ann an Geà rrloch anns a’ bhliadhna sia ceud deug, caogad ’s a sia (1656). Bha e ri bà rdachd, a bharrachd air pìobaireachd, agus choisinn e cliù dha fhèin mar bhà rd. Gu mì-fhortanach, chan eil air fhà gail againn an-diugh ach sia de na dà in aige.
Tha a’ chuid as motha de dhaoine a tha eòlach air a bhà rdachd dhen bheachd gur e an dà n as fheà rr aige “Cumha Choir’ an Easain”. Cha do sgrìobh e ann an Geà rrloch e, ge-tà , ach ann an Dùthaich MhicAoidh, ann an ceann a tuath Chataibh, dùthaich a shinnsearachd air taobh athar. Rugadh athair, Ruairidh Dall MacAoidh, anns an sgìre sin.
Ann an cuid de bhà rdachd-nà dair ann an Gà idhlig bidh uaireannan sreath fhaclan, sreath bhuadhairean, a’ nochdadh fear as dèidh a chèile gun cha mhor facal de sheòrsa sam bith eile eatarra. Seo eisimpleir dheth às “Cumha Choir’ an Easain” – an dà loighne mu dheireadh de rann agus an dà loighne aig toiseach na h-ath rainn:
Mangach, maghach, aghach, tèarnach,
Grà dhach, croiceach, fradharc frìthe.
Neòineanach, gucagach, mealach
Lònanach, lusanach, ìmeach….
Sin dà bhuadhair deug le dìreach dà ainmear – “fradharc frìthe” nam measg, agus saoilidh mi nach ann tric a bhios sinn a’ leughadh bà rdachd de a leithid ann am Beurla. Chan e sin a-mhà in, ach seo toiseach na rainn a tha a’ leantainn air na dhà sin:
Seamragach, sealbhagach, duilleach,
Mìn-leacach, gorm-shlèibhteach, gleannach,
Biadhchar, riabhach, riasgach, luideach…
Is mar sin air adhart! ’S dòcha nach eil e furasta leughadh, ach tha e a’ togail iomhaigh glè shnog dhen à ite ann an inntinn an leughadair. Tha rudeigin ann a tha a’ cur bà rd eile nam cheann. Bha am Pìobaire Dall na bhodach nuair a rugadh Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir, agus tha rudeigin ann an “Cumha Choir’ an Easain” a tha a’ toirt an dà in “Coir’ a Cheathaich” aig Donnchadh Bà n gu mo chuimhne:
Gu molach, dubh-ghorm, torrach, lĂąisreagach,
Corrach, plĂąranach, dlĂąth-ghlan grinn,
Caoin, ballach, dìtheanach, cannach, mìsleanach,
Gleann a’ mhilltich, ’s an lìonmhor mang.
Chanainn gu bheil “Coir’ a Cheathaich” nas fheà rr. ’S dòcha gun deach am foghlam os cionn Mhic Cruimein.
As dèidh do dh’Iain Dall a bhith ann an sgoil na pìobaireachd anns an Eilean Sgitheanach, thill e dhachaigh a Gheà rrloch far an do ghabh e dreuchd mar phìobaire don uachdaran – “Triath Gheà rrloch” mar a bh’ aige fhèin air. Sgrìobh e bà rdachd dha cuideachd, agus tha dà n air fhà gail againn air a bheil “Beannachadh Bà ird do Shir Alasdair MacCoinnich”. Tha amharas agam gun do sgrìobh e fad a bharrachd de a leithid nach deach a ghlèidheadh.
Co-dhiù, sin gu leòr dhen bhà rdachd an-diugh. Bu mhath leam an Litir a chrìochnachadh an t-seachdain-sa le rudeigin eadar-dhealaichte. Bha mi a’ leughadh cruinneachadh de sheann tòimhseachain agus dubh-fhaclan an latha eile, agus chòrd feadhainn aca rium glan. Ge-tà , chan eil iad uile “PC”, mar gu canadh tu.
Seo fear aca: Ciamar a tha mac-talla coltach ri boireannach? Seadh? Bidh am facal mu dheireadh aige, ge b’ oil leat! Tuigidh sibh gur e fear a chuir an cruinneachadh ri chèile agus cha do lorg mi gin mar sin a’ cur sìos air fir! Seo a-nise tòimhseachan eile, is tha mi a’ dol ga fhà gail agaibh airson meòmhrachadh air: Is truagh an fheadhainn aig a bheil iad. Is truagh an fheadhainn aig nach eil iad. Cò iad? Bheir mi am fuasgladh dhuibh an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
Puing ghrà mair na seachdaine: chan eil iad uile “PC”, mar gu canadh tu: they are not all “PC” as one says. Modern Gaelic often adopts English acronyms and initials even where there is an accepted Gaelic equivalent for the full term. An example is UN (United Nations). In Gaelic this is na Dùthchannan Aonaichte, but you would never hear it referred to as “na DA”. You would only hear the full Gaelic term or the English initials (eg thachair sin aig a UN). Other examples are SNP (Scottish National Party) instead of PNA (Pà rtaidh Nà iseanta na h-Alba), SNH (Scottish Natural Heritage) rather than DNA (Dualchas Nà dair na h-Alba) and SFA (Scottish Football Association) rather than CBA (Comann Ball-coise na h-Alba). The “PC”above, of course, stands for “Politically Correct”. Gaelic has not come under the same influence of political correctness as English, and there is, as far as I am aware, no Gaelic term for “political correctness” (unless it’s in the new Parliamentary dictionary about to be published!) You will commonly hear Gaels simply using “PC” as the Gaelic equivalent eg Chan eil sin uabhasach “PC” (that’s not very politically correct).
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.