
09/03/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 88
Duration: 05:05
Litir 88: Uilleam Ros
Bha e na bhriseadh-cridhe don bhà rd, Uilleam Ros, nuair a chuala e gu robh a leannan, Mòr Ros, air pòsadh, agus gu robh i air a dhol a dh’fhuireach ann an Sasainn còmhla ris an duine aice. Sgrìobh e an uairsin an dà n, neo òran, air an do chuir e “Oran Cumhaidh” mar ainm. Gu dearbh, ’s e cumha a th’ ann.
Tha còig rannan deug anns an òran mar a sgrìobh am bà rd e. Agus sgrìobh e e airson a bhith air a sheinn, air an fhonn “Robai dona gòrach”. Tha cuid de na rannan nach bi aithnichte idir don mhòr-shluagh an-diugh, ach ’s ann tearc a tha na Gaidheil nach aithnich an deicheamh rann. ’S e sin, mar as trice, a’ chiad rann dhen òran mar a tha e air a sheinn an-diugh. Bheireadh e cus ùine na còig rannan deug gu lèir a sheinn.
Is truagh nach d’ rugadh dall mi, gun chainnt is gun lèirsinn. Sin mar a tha e a’ tòiseachadh. ’S dòcha gu bheil sibh ga aithneachadh. Seo an rann gu lèir:
Is truagh nach d’ rugadh dall mi,
Gun chainnt is gun lèirsinn.
Mus fhac’ mi d’ aghaidh bhaindidh,
Rinn aimhleas nan ceudan.
O’n chunna’ mi air thùs thu,
Bu chliĂąiteach do bheusan,
Gum b’ fhasa leam am bà s
Na bhith là thair as d’ eugmhais.
’S ann mar sin a tha na briathran nuair a tha an t-òran air a sheinn. Ach chan ann buileach mar sin a chaidh an sgrìobhadh. Anns a’ chiad loighne, an à ite Is truagh nach d’ rugadh dall mi, sgrìobh Ros, Carson nach d’ rugadh dall mi..? Agus tha diofar ann cuideachd anns an dà loighne mu dheireadh. Sgrìobh am bà rd, “Chan fhasa leam nam bà s, a bhith là thair as d’ eugmhais.” Ach, ged a tha an diofar sin ann, chan eil diofar mòr sam bith air a’ bhrìgh. Mar a sgrìobh am bà rd ann an rann eile…
…cha d’fhuair mise sgeul
Ann am Beurla neo GĂ idhlig,
A dh’innseadh dhomh mar dh’fhaotainn
An gaol ud a smĂ ladh
’S toil leam am pìos seo cuideachd a tha, mar as trice, air a sheinn mar dharna rann:
Gur binne leam do chòmhradh
na smeòrach nan geugan,
Na cuach sa mhadainn MhĂ ighe,
’s na clà rsach nan teudan,
Nan t-Easbaig air Latha Dòmhnaich,
’s am mòr-shluagh ga èisteachd,
Neo ged a chunntadh stòras
na h-Eòrpa gu lèir dhomh.
Anns an òran thùsail tha am bà rd a-mach tric air fear Cormac, ged nach bi seo a’ nochdadh anns an òran a th’ air a sheinn.
Ach siud mar sheinneadh Cormac,
’s e dearmad a chiad ghaoil…
Bha an Cormac seo na chlà rsair Eireannach a bha ainmeil, aig an à m ud, ann am beul-aithris. Gu bitheanta air a’ Ghaidhealtachd anns an dà dhùthaich – Eirinn agus Alba – bhiodh na clà rsairean a’ siubhal bho à ite gu à ite is, gu dearbh, bho dhùthaich gu dùthaich, mar gur e aon dùthaich a bh’ ann, a’ dèanamh am bith-beò eatarra. Agus thà inig Cormac a dh’Alba, far an do chuir e seachad bliadhnaichean còmhla ri ceann-feadhna Clann ’icLeòid ann an Leòdhas. Agus ann a sin … uill … chan urrainn dhomh innse dhuibh an-drà sta gu dè dh’èirich dha. Cha cheadaich an ùine mi.
Ach cluinnidh sibh an sgeul an ath-sheachdain, agus tuigidh sibh an uairsin carson a rinn am bà rd, Uilleam Ros, coimeas eadar e fhèin is an clà rsair, Cormac. Agus tuigidh sibh carson a bha e duilich, ann an dòigh, nach robh Ros na chlà rsair, seach bà rd. Ach an-drà sta, leigidh mi soraidh leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.