
16/02/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 85
Duration: 04:48
Litir 85: Losgadh a’ chlèibhidh anns a’ Bhroch
An t-seachdain ’s a chaidh, dh’innis mi dhuibh mu dheidhinn losgadh a’ chlèibhidh anns a’ Bhroch, neo Burghead. ’S dòcha gun deach feadhainn agaibh ann. Neo ’s dòcha gu robh feadhainn agaibh ann sna bliadhnaichean a dh’fhalbh. Nan robh, bidh fios agaibh dè thachras aig an deireadh.
Bithear a’ toirt a’ chlèibhidh gu ruige mullach cnuic far an robh seann bhallachan an dùin o shean. Ann a sin, bidh mu dhà mhìle neach a’ tighinn cruinn agus a’ coimhead air an sgioba, a bhios a’ tilgeil tuilleadh theà rr agus crìosot thairis air a’ chlèibhidh, le mòran ghà irdeachais, agus othail gu leòr. Bidh na lasairean a’ leum do na speuran agus bidh am feur tioram air a’ chnoc a’ dol na theine. Mu dheireadh, bidh an sgioba a’ toirt a’ chlèibhidh às a chèile is bidh na daoine a’ falbh gu na taighean-seinnse, agus airson cèilidh air cà ch a chèile.
Chan eil fios aig duine cuin’ a thòisich losgadh a’ chlèibhidh neo cò thòisich e – Cruithnich, Gaidheil, Lochlannaich… Ach bha a leithid ann uaireigin ann am mòran bhailtean air feadh an ear-thuath, air a’ chladach agus air falbh bhon chladach, ann an à iteachan mar Inbhir Athain. Bhathar a’ smaoineachadh gun toireadh an cleachdadh deagh fhortan do dh’iasgairean is do thuathanaich airson na bliadhna a bha romhpa.
Agus chan eilear buileach cinnteach cò às a thà inig am facal “clavie”. Bha an sgoilear Gà idhlig, Iain Og Ile, dhen bheachd gur ann às “cliabh” a thà inig e, is gu robh an clèibhidh car coltach ri cliabh. Anns an tuiseal ghinideach, chanadh daoine “clèibh” neo “clèibhidh” ri cliabh. Mar sin, chanadh iad gu robh iad “a’ losgadh a’ chlèibhidh”.
Chan eil fhios a’m. ’S dòcha gu bheil sin fìor. Ach tha smuain eile ann – gun tà inig e bho fhacal anns a’ Bheurla Ghallda anns an ear-thuath – “clivvie” a tha a’ ciallachadh slat le eag innte airson leus a ghiulain air an oidhche. Agus tha beachd ann gu bheil clivvie co-cheangailte ris an fhacal “clobha” ann an Gà idhlig.
A bharrachd air a sin, tha ceist ann mu ainm a’ chnuic far a bheil an gnothach a’ tighinn gu ceann – Doorie Hill. Tha beachd ann gu bheil Doorie a’ tighinn bhon Ghà idhlig “dubh-ruighe” neo “black slope”. Uill, ’s ann mar sin a tha an cnoc air an là rna-mhà ireach as deidh dha dhol na theine!
Dh’innis mi dhuibh an t-seachdain ’s a chaidh mar a dh’fheuch muinntir na h-Eaglaise o chionn fhada ri stad a chur air losgadh a’ chlèibhidh, air sgà th ’s gur e “cleachdadh pà ganach” a bh’ ann. Dh’fhailnich orra, ach shoirbhich le aon duine ann a bhith a’ cur stad air airson beagan bhliadhnaichean. Bha an duine seo beag ach bha e cumhachdach. Cha chreid mi gu robh cà il a dh’fhios aige mu dheidhinn losgadh a’ chlèibhidh, ge-tà . Innsidh mi dhuibh cò bh’ ann ann an tiotan.
Ach bu mhath leam a rà dh cho math ’s a tha e gu bheil seann chleachdadh mar seo againn fhathast, a tha gar toirt a-mach air oidhche fhuar gheamhraidh, air falbh bhon telebhisean is cultar coimheach a tha a’ bualadh oirnn fad an t-siubhail. Nuair a bhios tu a’ gabhail pà irt anns an fhèill seo, bidh thu a’ faireachdainn gu bheil thu mar phà irt de rudeigin a tha fìor shean agus fìor Albannach.
A-nise – cò an duine a chuir às do losgadh a’ chlèibhidh thairis air bliadhnaichean? Cò ach Adolf Hitler. Bha casg air teintean is solais air an oidhche thar bliadhnaichean a’ chogaidh. Gu fortanach, ge-tà , nuair a bha an cogadh seachad, thòisich seòid a’ bhaile as ùr e. Taing mhòr dhaibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.