
23/02/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 86
Duration: 05:07
Litir 86: Na fir-chlis
Am faca sibh na fir-chlis am bliadhna? Sin a’ Ghà idhlig air na solais a chì sibh, bho à m gu à m, anns an adhar air oidhche gheamhraidh. ’S dòcha gum bi sibh eòlach orra mar the northern lights. Ann an Laidinn, canaidh daoine an aurora borealis riutha. Chunnaic mi-fhìn aon turas iad air a’ gheamhradh seo. Bha iad coltach ri fras-uisge dearg anns na speuran dorcha.
Tha mi air na fir-chlis fhaicinn gu tric, ach tha e annasach nach e an aurora borealis a bu mhotha a chòrd rium, ach an fheadhainn aig ceann thall an t-saoghail – an aurora australis. O chionn mòran bhliadhnaichean, chunnaic mi iad anns a’ bhaile mhòr as fhaide deas ann an Astrà ilia – Hobart. Bha mi a’ fuireach anns a’ bhaile sin aig an à m agus, oidhche a bha seo, bha mi a-staigh leis na cùrtairean dùinte. Sheirm am fòn. Thog mi e agus ’s e caraid dhomh a bh’ ann.
“An robh thu a-muigh a-nochd?” dh’fhaighnich e.
“Cha robh airson greis,” fhreagair mi.
“Uill, cuir am fòn sìos,” thuirt e, “agus thalla a-mach.”
Rinn mi mar a dh’iarr e orm, agus abair an sealladh a bha a’ feitheamh rium air an taobh a-muigh. Bha e mar gu robh cuideigin air a bhith a’ peantadh cùrtairean mòra – purpaidh is uaine - anns na speuran, agus gu robh e fhathast ann, ’s gan crathadh gun sgur. Bha iad a’ falbh ’s a’ tighinn, ’s a’ falbh, ’s a’ tighinn. Purpaidh is uaine, thairis air na speuran gu lèir. Bha e iongantach. Agus bòidheach.
Nuair a thill mi a-staigh, thug mi taing do mo charaid, agus chaidh mi a-mach a-rithist. Choimhead mi air na fir-chlis airson ’s dòcha leth-uair a thìde eile. Chan fhaca mi a-riamh cho math iad, ’s a chunnaic mi iad air an oidhche sin. Agus tha sin iongantach, oir chan eil Hobart idir cho fada gu deas air crios meadhan an t-saoghail ’s a tha Alba gu tuath air. Agus, mar as fhaide air falbh a tha thu bho chrios meadhan an t-saoghail, ’s ann as fheà rr a tha an sealladh agad dhen fhir-chlis, mar as trice. Chunnacas iad aig crios meadhan an t-saoghail dìreach dà thuras anns an fhicheadamh linn, fhad ’s is fiosrach leamsa co-dhiù. Bha sin ann an naoi ceud deug ’s a naoi (1909) agus naoi ceud deug ’s aon ar fhichead (1921). Ach chìthear gu math tric iad faisg air na pòlaichean, tuath agus deas.
Tha luchd-saidheins ag innse dhuinn gur iad smùirneanan dealanaichte ann an ceann shuas an à ile a dh’adhbharaicheas an rud iongantach a tha seo. Chanadh na Gaidheil o shean, ge-tà , gu robh na fir-chlis nan dannsairean. Agus, uaireannan, thigeadh an dannsa gu sabaid. Chanadh iad “nuair a bhios na fir-chlis ri mire, ’s gann nach dèan iad milleadh” neo, ann am Beurla, “when the merry dancers play, they are like to slay.”
An ath thuras a chì sibh na fir-chlis, thallaibh a-mach air an latharna-mhà ireach, agus coimheadaibh air creagan faisg air an taigh agaibh, ma tha feadhainn ann. Coimheadaibh air dath a’ chrotail. Ma tha e a’ coimhead nas ruaidhe nan à bhaist, neo fiù ’s rud beag dearg, bidh sin na dhearbhadh air na chreideadh clann na Gaidhealtachd o shean. A’ coimhead air a’ chrotal, chanadh iad “thug na fir-chlis fuil à cach a chèile a-raoir”. An turas a chunnaic mis’ iad air a’ gheamhradh seo, bha iad cho dearg ’s gu bheil e furast’ a chreidsinn gu robh iad a’ toirt fuil à cach a chèile anns na speuran fhèin. Tha mi an dòchas nach fhada gus am faic sinn a-rithist iad.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.