
03/11/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 70
Duration: 04:41
Litir 70: ’S iomadh nì a chailleas fear na h-imrich
Tha deagh chuimhn’ agam air an latha a thà inig là raidh mhòr sìos an rathad cumhang a dh’ionnsaigh an taigh anns an robh mi-fhìn, mo bhean is ar dithis chloinne a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach. Bha tòrr stuth againn fhèin na broinn, nach robh sinn air fhaicinn fad mhìosan. Beagan à irneis, aodach gu leòr, acfhainn de dh’iomadh seòrsa, leabhraichean, dèideagan is mòran rudan eile. Thà inig iad uile dusan mìle mìle thar a’ chuain bho Astrà ilia far an robh sinn a’ fuireach roimhe.
Bha taigh againn ann am baile beag brèagha an cois Loch Eiseort ann an ceann a deas an eilein – baile ris an canar Heasta. ’S e rathad singilte a th’ ann eadar Heasta agus an t-Ath Leathann agus tha e gu math cumhang airson là raidh mhòr. Gu dearbh, bha drà ibhear na là raidh, a bhuineadh do Ghlaschu is a bh’ air a bhith glè ainneamh air taobh siar na Gaidhealtachd, gu math mì-chinnteach gu robh an rathad a’ dol a dh’à ite sam bith!
Thachair mi ris air an rathad nuair a bha mi a’ falbh a dh’obair anns an Ath Leathann. Stad mi an cà r, fhuair mi a-mach agus chaidh mi a bhruidhinn ris. Thuirt e gu robh e a’ coimhead airson fear “Ruairidh MacIlleathain”, ged a thuigeas sibh gur ann anns a’ chà nan eile a bha an còmhradh.
“Mi-fhìn a th’ ann,” thuirt mi ris.
“Thus’?” dh’fhaighnich e. Bha e follaiseach gu robh droch bheachd aige orm. “Dè rinn thu?”
“Dè tha sibh a’ ciallachadh?” fhreagair mi, “dè rinn mi?”
“Feumaidh gun do rinn thu rudeigin,” thuirt an drà ibhear. “Dh’fhà g thu Astrà ilia is tha thu a-nise a’ fuireach ann am meadhan a’ mhonaidh, sìos an rathad a bu chuinge a chunnaic mi a-riamh! Tha e follaiseach gu bheil thu a’ ruith air falbh. A bheil fios aig a’ phoilis gu bheil thu an seo?!”
A-nise bha e a’ dèanamh nà dar de ghà ire mar a bha mi-fhìn. Ach lean e air. “Dè thug ort Astrà ilia fhà gail airson tighinn a dh’fhuireach an seo?” Choimhead mi timcheall. Bha mi air mo chuairteachadh le bòidhchead – sliabh, beinn, coille is muir – agus beanntan Rois is Chnòideirt a’ coimhead cho brèagha ri à ite sam bith air an t-saoghal ann an solas na grèine. Ach feumaidh nach robh an drà ibhear a’ faicinn na dùthcha mar a bha mise.
Co-dhiù, dh’innis mi an fhìrinn dha. “Tha mi an seo,” thuirt mi, “airson na Gà idhlig.” Uill, nan robh e a’ smaoineachadh gu robh sglèat a dhith orm roimhe, bha e deimhinne às an deidh dhomh sin a rà dh ris! Bha e fhathast a’ crathadh a chinn nuair a chunnaic mi mu dheireadh e, agus e a’ drà ibheadh air falbh a dh’ionnsaigh Heasta.
Bha sin o chionn deich bliadhna, agus ’s e an rud a tha iongantach mu dheidhinn gu bheil mi fhathast, bho à m gu à m, a’ smaoineachadh “cà it’ an do chuir mi an rud sin neo an rud eile?”
Agus uaireannan tha e a’ tighinn a-steach orm nach fhaca mi a-riamh e bho dh’fhà g mi Astrà ilia. Ged a bha luchd mòr anns an là raidh cha robh a h-uile rud innte a bha sinn an dùil.
Tha seanfhacal againn ann an Gà idhlig a tha a-mach air an dearbh rud. ’S iomadh nì a chailleas fear na h-imrich. Tha sin a’ ciallachadh, nuair a tha sinn a’ dèanamh imrich, a’ gluasad stuth bho à ite gu à ite, neo bho thaigh gu taigh, gu bheil sinn tric a’ caill rudeigin. ’S iomadh nì a chailleas fear na h-imrich. Innsidh mi dhuibh mar a chaidh an seanfhacal a chruthachadh an ath sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.