
27/10/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 69
Duration: 04:45
Litir 69: Fionnghal Nic Dhòmhnaill
Tha am feasgar ann. Tha Fionnghal Nic Dhòmhnaill agus Fear Chinnseburg shuas air mullach aâ mhonaidh os cionn Phort Righ. Tha iad nan seasamh air tom fraoich, agus tha iad aâ coimhead sĂŹos air Caolas Ratharsair. Tha iad aâ feuchainn, o Ă m gu Ă m, ri sealladh fhaotainn air an eathar anns a bheil am Prionnsa.
Tha Cinnseburg ag rĂ dh: âTha sibh sgĂŹth. Nach dèan sibh suidhe? Chan eil an t-eathar fhathast anns an t-sealladh.â
Tha Fionnghal aâ freagairt: âTha â tha mi glè sgĂŹth, ach chan eil saorsa fhathast ann. Tha sinn ann an cunnart an seo; dèanaibh suidhe sibh fhèin, air neo chithear sinn gu ro fhurasta le cĂ irdean nan saighdearan shĂŹos anns aâ bhaile.â
Bidh sibh eòlach air an eachdraidh. Tha i mu dheidhinn mar a fhuair TeĂ rlach Og StiĂšbhart air falbh bho na saighdearan dearga anns an Eilean Sgitheanach an dèidh BlĂ r ChĂšil Lodair. Tharraing mi Ă dealbh-chluich GĂ idhlig i, air a bheil âFionnghal Nic Dhòmhnaillâ, a chaidh a sgrĂŹobhadh le fear, I. M. Moffatt-Pender, agus a chaidh fhoillseachadh ann an leabhar ann an naoi ceud deug, leth-cheud âs a ceithir (1954).
Cha robh mi air cĂ il a chluinntinn mu Mhoffatt-Pender mus do cheannaich mi an leabhar agus âs e a ghlac mâ aire gu robh na dealbhan-cluich dĂ -chĂ nanach. Chan e gu bheil GĂ idhlig is Beurla ann, ge-tĂ , ach dĂ GhĂ idhlig - GĂ idhlig na h-Alba is GĂ idhlig na h-Eireann. Thug an t-Ăšghdar dĂ mhĂŹle dhen leabhar seachad an-asgaidh â mĂŹle do chloinn ann an Eirinn, agus mĂŹle do chloinn ann an Alba, gus am faiceadh an dĂ chuid cho faisg âs a tha na cĂ nanan.
Bha Moffatt-Pender anns na SĂŹophortaich anns aâ chiad chogadh, agus âs ann le taic bho shaighdearan anns an rèisimeid sin a thòisich e air GĂ idhlig ionnsachadh. Phòs e tè Ă Melbourne agus, an dèidh aâ chogaidh, thug e seachad mòran tĂŹde ann an AstrĂ ilia. Ach bha e tric a-bhos ann an Alba agus sheas e mar thagraiche-pĂ rlamaid airson nan Eilean Siar ann an naoi ceud deug âs naoi ar fhichead (1929). Ged nach dâfhuair e a-steach, choisinn e cliĂš dha fhèin airson nan òraidean GĂ idhlig aige aig Ă m an taghaidh!
Bha e an sĂ s gu mòr ann am pĂŹobaireachd is dannsa Gaidhealach, sgrĂŹobh e grunn leabhraichean ann an GĂ idhlig is Gaeilge agus bha e cliĂšiteach cuideachd anns aâ Bhreatainn Bhig, far an robh e na âDhraoidhâ anns aâ Ghorsedd. Ann an AstrĂ ilia bha e na cheannard air Comunn GĂ idhlig Bhictoria airson Ăšine mhòir.
Bha e cuideachd uabhasach dèidheil air spòrs. Chluich e rugbaidh airson Alba na òige, bha e math air curling, agus choisich e iomadach mĂŹle air frith-rathaidean na Gaidhealtachd. Ann an AstrĂ ilia, choisich e turas gun stad bho bhaile ris an canar Bendigo gu ruigâ a dhachaigh ann am Melbourne, barrachd na ceud mĂŹle, ann an deich uairean fichead. Bha e còrr is leth-cheud bliadhna a dhâaois aig an Ă m.
Tha còig dealbhan-cluich anns an leabhar a cheannaich mi, agus bhuannaich Moffatt-Pender duaisean le trĂŹ aca aig Mòdan NĂ iseanta. Bhuannaich âFionnghal Nic Dhòmhnaillâ aig Mòd aâ Ghearasdain ann an naoi ceud deug, is dhĂ -dheug ar fhichead (1932).
Tha na dealbhan uile aâ crĂŹochnachadh leis na faclan (òrdughan airson luchd-stiĂširidh an ard-Ăšrlair) â âthig am brat a-nisâ a-nuasâ. Uill, thĂ inig am brat a-nuas mu dheireadh air Moffatt-Pender fhèin, mar a thig air gach fear is tè againn aig aâ cheann thall. Tha an duine fhèin fon fhòid, ach tha ceist agam mu dheidhinn na dĂŹleib a dhâfhĂ g e dhuinn - a dhealbhan-cluich. Saoil am faic sinn air an Ă rd-Ăšrlar a-rithist iad â âs dòcha anns an dĂ GhĂ idhlig â uair neo uaireigin?
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.