
06/10/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 66
Duration: 05:14
Litir 66: Muirt na h-Apainn
Anns a’ phuing-ghrà mair anns an Litir mu dheireadh, thug sinn sùil air an abairt “is coireach”. Anns an ochdamh linn deug, nuair a bha e anns a’ chùirt fo chasaid de mhurt, chleachd Seumas Stiùbhart, neo Seumas a’ Ghlinne, mar as fheà rr a dh’aithnichear e, an abairt sin. “Cò air bith is coireach,” thuirt e, “is mis’ an creanaiche.” ’S e creanaiche cuideigin a tha a’ fuiling ann an dòigh air choreigin. Bha Seumas a’ ciallachadh gur e cuideigin eile bu choireach airson a’ mhuirt, ach gur e e fhèin a bhiodh ciontach a rèir na cùirte.
Tha e iongantach mar a tha deasbad ann fhathast mu dheidhinn ciont Sheumais Stiùbhairt. Tha mi a’ dèanamh dheth gur e is coireach airson sin gun do chleachd an sgrìobhadair ainmeil, Raibeart Louis Stevenson, a’ chùis anns an nobhail aige, “Kidnapped”. Fà gaidh sinn an leabhar an darna taobh, ge-tà , is bheir sinn sùil air na thachair, cho fad ’s is aithne dhuinn, ann am “Muirt Apainn” ann an seachd ceud deug, dà fhichead ’s a dhà dheug (1752).
Air a’ cheathramh latha deug dhen Chèitean, bha ceathrar a’ dol tro Choille an Leitir Mhòir ann an Apainn, ann an Earra-Ghaidheal. Chualas urchair-ghunna agus thuit fear far an eich a bha e a’ marcachd, agus dà pheilear na dhruim. B’ esan Cailean Caimbeul à Gleann Iubhair.
Bha an Caimbeulach ag obair don riaghaltas mar bhà illidh air na h-oighreachdan a chaidh a ghabhail thairis an dèidh Blà r Chùil Lodair, air sgà th ’s gun tug na cinn-chinnidh taic do Theà rlach Og Stiùbhart. Am measg nan oighreachdan sin, bha Ard Seile ann an Apainn, a bha le Stiùbhartach eile (nach robh cà irdeach don Phrionnsa). An dèidh Blà r Chùil Lodair, theich an ceann-cinnidh don Fhraing agus chaill e a chuid fearainn.
Sia bliadhna as dèidh sin, ’s e Cailean Caimbeul à Gleann Iubhair a bha a’ riaghladh na h-oighreachd, as leth an riaghaltais. Ach bha muinntir an à ite gu math mì-thoilichte. Bha an Caimbeulach a’ feuchainn ri cuid aca fhuadachadh bhon dachannan. Agus bha nà imhdeas air a bhith ann eadar na Stiùbhartaich agus na Caimbeulaich airson uine mhòir co-dhiù.
Chan eil fios le cinnt cò mhuirt Cailean Caimbeul, ach bha amharas ann gur e Stiùbhartach eile, Ailean Breac, a bu choireach. Bha Ailean na shaighdear aig an riaghaltas, ach chaidh e thairis do dh’arm nan Seumasach, agus theich e don Fhraing an dèidh Blà r Chùil Lodair. Thill e a dh’Alba bho à m gu à m, ge-tà , ann an dìomhaireachd, agus tha e coltach gu robh e ann an Earra-Ghaidheal aig à m a’ mhuirt.
Cha d’fhuair an riaghaltas greim air, ach bha iad airson cuideigin a pheanasachadh. Chuir iad casaidean as leth lethbhrà thair a’ chinn-chinnidh, Seumas Stiùbhart, Seumas a’ Ghlinne, gu robh esan an sàs anns a’ mhurt còmhla ri Ailean Breac. Mu dheireadh, nochd e anns a’ chùirt ann an … cà ite? Cà ite, ach Inbhir Aora, prìomh bhaile nan Caimbeulach!
’S e Caimbeulach a bh’ anns an à rd-bhritheamh, agus bha Caimbeulaich anns a’ mhòr-chuid anns an diùraidh. Chan eil e na iongnadh, ma-thà , gun d’fhuair a’ chùirt ciontach e. Chaidh Seumas a chrochadh air croich ann am Bail’ a’ Chaolais, agus chaidh a chnà mhan fhà gail ann a sin, air an cumail ri chèile le ueir, airson bliadhnaichean, mar rabhadh do mhuinntir an à ite.
Shaoileadh tu, nuair a bha e air ais anns an Fhraing, gu robh Ailean Breac air aideachadh don mhurt, ach cha do dh’aidich. Cò, ma-thà , a mhuirt Cailean Caimbeul? ’S dòcha nach bi fios againn air a sin a-chaoidh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.