
08/09/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 62
Duration: 05:14
Litir 62: Aithnichear duine air a chuideachd
Tha seanfhacal ann â âAithnichear duine air a chuideachdâ â a man will be known by his company. Aithnichear duine air a chuideachd. Dhâfhaodamaid an seanfhacal atharrachadh rud beag airson âs gum biodh e fĂŹor mun GhĂ idhlig a bharrachd air daoine. âS ann tric a tha luchd-ionnsachaidh aâ faighneachd dhiom, âciamar a dhâaithnicheas mi facal a tha fireann is facal a tha boireann.â Agus âs i an fhreagairt as fheĂ rr â le a chuideachd.
Seo an âseanfhacalâ Ăšr agam â âaithnichear gnè an ainmeir air a bhuadhairâ â the gender of a noun will be known by its adjective. Aithnichear gnè an ainmeir air a bhuadhair. Tha mi aâ ciallachadh le sin, gu bheil e cuideachail ainmear agus buadhair ionnsachadh còmhla. Bòrd mòr, uinneag mhòr, doras beag, eala bhĂ n is mar sin air adhart.
Ma tha am buadhair air a shèimheachadh (neo lenited) tha an t-ainmear boireann. Mura h-eil, tha e fireann. De mu dheidhinn âcaoraâ, mar eisimpleir? An canadh tu âcaora mòrâ airson big sheep neo âcaora mhòrâ? Uill, chanadh tu âcaora mhòrâ, nach canadh? Mar sin, âs e facal boireann a thâ ann an âcaoraâ.
Tha dòighean eile airson gnè fhaclan a chuimhneachadh, agus gheibh sibh sin ann an leabhar-grĂ mair sam bith, ach bu mhath leam an-diugh sĂšil a thoirt air cuid de dhâfhaclan a bhios ag atharrachadh an gnè bho Ă ite gu Ă ite, agus bho thuiseal gu tuiseal.
Tha âmuileannâ na eisimpleir de dhâfhacal a dhâatharraicheas a ghnè bho sgĂŹre gu sgĂŹre. Tha caraid dhomh ann an Siorrachd Rois aâ fuireach ann am Bailâ aâ Mhuilinn. A bheil muileann boireann neo fireann ann a sin? Uill, tha mi an dòchas gun do dhâobraich sibh a-mach gu bheil e fireann. Airson âthe millâ, canaidh daoine âam muileannâ.
Ach tha loch ann an SgĂŹre Uigâ ann an Leòdhas air a bheil âLoch na Muilneâ mar ainm. Anns an sgĂŹre sin, tha âmuileannâ boireann, agus airson âthe millâ, canaidh daoine âaâ mhuileannâ. Far nach eil GĂ idhlig lĂ idir mar chĂ nan dĂšthchasach an-diugh, leithid ann an Inbhir Nis, agus far nach eil e follaiseach dè chanadh muinntir an Ă ite o shean, bidh sin aâ fĂ gail taghadh aig na Gaidheil. Mar eisimpleir, airson âMillburn Academyâ, bidh cuid ag rĂ dh âArd-sgoil Allt aâ Mhuilinnâ. Ach tha feadhainn ann a chanas âArd-sgoil Allt na Muilne.â A thaobh grĂ mair, tha an dĂ chuid ceart.
âS e âtobarâ eisimpleir eile de dhâfhaclan a dhâatharraicheas an gnè bho sgĂŹre gu sgĂŹre. Agus, mar an ceudna, âceòâ agus âdealbhâ. Ach tha cuid de dhâfhaclan GĂ idhlig nas duilghe na sin, leis gu bheil iad atharrachadh an gnè bho thuiseal gu tuiseal. ThĂ inig seo gu mâ aire o chionn ghoirid nuair a bha mi aâ bruidhinn ri buidheann o thall thairis mu dheidhinn ainmean-Ă ite ann an Alba.
âDè,â dhâfhaighnich fear aca a bha rudeigin feallsanachail, âdè an gnè a thâ aig an fhacal GĂ idhlig airson âearthâ. An robh na Gaidheil o shean aâ coimhead air âMother Earthâ mar rud boireann?â Uill, bâ fheudar dhomh smaoineachadh airson mionaid! âS e am facal a thagh mi airson âearthâ â âtalamhâ. Canaidh sinn talamh tioram, is chan e talamh thioram. Bâ fheudar dhomh innse dha gur e facal fireann a bhâ ann.
Ach fuirich mionaid! Ciamar a chanas sinn âthe surface of the earthâ? Uachdar na talmhainn. Mar sin, anns an tuiseal ghinideach, neo genitive case, tha talamh boireann! Tha amharas agam gum bi mo charaid fhathast aâ beachdachadh air dè tha sin aâ ciallachadh! Dhomhsa, tha e aâ ciallachadh gu feum sinn a bhith mothachail nach eil riaghailt-ghrĂ mair sam bith ann nach gabh briseadh!
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine:
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.