
01/09/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 61
Duration: 05:16
Litir 61: Hiort
’S e à ite gu math iomallach a th’ ann an Hiort. Bha na daoine a bha a’ fuireach ann o shean, na Hiortaich, air an cuairteachadh le cunnart. Cunnart aig muir nuair a bha iad a’ falbh a Bhoraraigh neo Sòdhaigh neo Na Hearadh. Agus cunnart air na bearraidhean nuair a bha iad a’ sreap orra, agus iad an tòir air eòin neo uighean.
Ach gu h-annasach, airson à ite a bha cho fad’ air falbh on a h-uile h-à ite eile, ’s dòcha gur ann o dhaoine a thà inig an cunnart a bu mhotha. Bho à m gu à m thigeadh daoine don eilean le droch rùn. Mar sin, nuair a thigeadh bà ta don eilean, ’s ann tric a bhiodh an sluagh a’ teicheadh bhon dachannan.
Bha na Hiortaich gu h-à raidh teagmhach mu dhaoine bhon taobh a-muigh as dèidh sgrios a rinn Fearchar Mòr agus an Dùgan orra. A rèir beul-aithris, b’ iad sin dithis Leòdhasach a chaidh a dh’fhuireach ann an Hiort o chionn fhada. Nuair a bha iad ann, shreap iad gu mullach Oiseabhail, cnoc à rd faisg air a’ bhaile. Thill iad nan deann, agus iad ag èigheachd gu robh cabhlach Sasannach a’ tighinn dhan ionnsaigh.
Chaidh na h-eileanaich am falach ann an seipeil, ach ghlais Fearchar Mòr is an Dùgan a-staigh iad, agus chuir iad teine ris an tughadh. Fhuair a h-uile duine bà s. Gu fortanach, ge-tà , bha aona chailleach a-muigh anns a’ Ghleann Mhòr, air taobh thall an eilein, a’ buachailleachd chruidh. Chaidh i am falach ann an uamh air falbh on dithis shlaoightearan airson beagan mhìosan, ga cumail fhèin beò air uighean is eòin, gus an tà inig bà ta bho na h-eileanan siar as t-samhradh. An uairsin thà inig i a-mach, dh’innis i na thachair, agus chaidh ceartas a dhèanamh as leth muinntir Hiort.
Bha e na chleachdadh do na h-eileanaich as dèidh sin a dhol am falach, chan ann san eaglais, ach air falbh bhon bhaile, nan tigeadh bà ta nach b’ aithne dhaibh don eilean. Air sgà th sin, dh’fhà gadh boireannach òg brèagha am bròn. B’ ise Mòr Bhà n agus bha i beò trà th anns an naoidheamh linn deug.
Bha na boireannaich ann an Hiort air leth brèagha, a rèir choltais. Agus bha Mòr na bu bhrèagha na cà ch. Thadhail duin-uasal à Ile air an eilean agus ghabh e gaol air Mòr. Cha robh e anns an eilean fada, ach bha e fada gu leòr dha airson co-dhùnadh gu robh e airson am boireannach eireachdail sin a phòsadh. Gheall e dhi gun tilleadh e is gun toireadh e a dh’Ile i.
Uill, mar a gheall e, ’s ann a rinn e. Thill e a Hiort, ach ann am bà ta le gunnaichean oirre agus le sgioba de dh’fhir thapaidh na chois. Nuair a chunnaic na Hiortaich an soitheach a’ tighinn, cho-dhùin iad gum biodh iad ann an cunnart nam fanadh iad anns a’ bhaile. Theich iad agus chaidh iad am falach air na bearraidhean is am measg nan creag.
Chaidh an t-Ileach tron bhaile ach bha na taighean fuar agus falamh. Chaidh e air feadh an eilein ach cha robh sgeul air muinntir an à ite. Mu dheireadh, dh’fhalbh iad. Nuair a thà inig an sluagh a-mach o na h-à iteachan far an robh iad am falach, dh’aithnich Mòr Bhà n an suaicheantas a bh’ air crann an t-soithich, a bha a-nise aig muir. Suaicheantas a leannain. Thuig i sa mhionaid gu robh i air a leannan a chall agus nach fhaigheadh i air ais e gu brà th.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.