
25/08/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 60
Duration: 05:04
Litir 60: Tha na h-itean as bòidhche air na h-eòin fad à s
“Tha na h-itean as bòidhche air na h-eòin fad à s.” ’S e sin seanfhacal a chuala mi nuair a bha mi ann an Leòdhas o chionn ghoirid. Cha robh sinn a’ bruidhinn air eòin, ge-tà , ach air daoine.
Tha e coltach gu bheil cuid de dh’fhireannaich òga Leòdhais a’ sireadh bean ann an dòigh ùr – air an eadar-lìon. O shean, bhiodh balaich à Barabhas a’ faighinn am mnathan ann an à iteachan mar Shiabost neo Cà rlobhagh neo Nis. Ach an-diugh tha e a cheart cho coltach gum pòs iad tè à Seattle neo Copenhagen neo New Brunswick air an d’fhuair iad eòlas air oidhche-gheamhraidh air a’ choimpiutar.
’S e sin co-dhiù a chaidh innse dhomh. A bharrachd air a sin, tha e coltach gu bheil na fir Leòdhasach, neo cuid aca, dhen bheachd gu bheil na boireannaich thall thairis nas brèagha nan fheadhainn aig an taigh. Tha na h-itean as bòidhche air na h-eòin fad à s.
Uill, feumaidh mi bhith rud beag faiceallach anns na chanas mi mu dheidhinn sin. Phòs mi-fhìn tè às Astrà ilia! Ach, leis an fhìrinn innse, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil na balaich ann an Leòdhas gam mealladh fhèin. Tha iomadach boireannach brèagha ann an Leòdhas, anns gach sgìre dhen eilean, mar a tha na h-òrain Ghà idhlig ag innse dhuinn! Agus, air eagal ’s gum faigh mi mi-fhìn ann an trioblaid, cha chan mi an còrr!
Ach thog an seanfhacal m’ aire ann an dòigh eile. Bha mi dìreach air a bhith aig muir airson ceithir latha, a’ tadhal air Hiort. Agus ’s dòcha gu bheil beagan dhen fhìrinn anns an t-seanfhacal ma tha thu a’ smaoineachadh dìreach air eòin. Chan fhaca mi itean nas bòidhche na chunnaic mi ann an Hiort. Agus tha na h-eileanan sin gu math fad à s.
Bha sin gu h-à raidh fìor mu na sùlairean. Chunnaic mi na mìltean thar mhìltean aca timcheall Bhoraraigh agus na stacan-mara faisg air an eilean sin – an Stac Lì agus Stac an Armainn, agus chan fhaca mi aon eun nach robh a’ coimhead foirfe. Cha b’ ionann sin do na fulmairean, ge-tà . Chunnaic mi feadhainn acasan le beà rn ann far am bu chòir ite a bhith. Tha amharas agam gun do chaill feadhainn an itean do na fasgadairean mòra, na bonxies, mar a chanas iad ann an Sealtainn, eòin mhòra dhonn’ a bhios a’ toirt ionnsaigh air na h-eòin eile.
Agus chan ann dìreach air na h-eòin. Ma thèid thu ro fhaisg air an nead aca, a tha ann am feur goirid air talamh rèidh faisg air mullach nam bearraidhean, an dearbh sheòrsa à ite far am bi daoine a’ coiseachd ann an Hiort, thoir an aire. Chan fhada gus am bi fasgadair mòr a’ tighinn aig astar a-mach às an adhar ort, agus e a’ cuimseachadh a ghob air do cheann. Chan eil na h-itean a cheart cho brèagha air an eun sin, agus ’s iomadh duine a bha toilichte gu bheil iad a’ fuireach fad à s!
Ach ’s dòcha gu bheil an seanfhacal fìor mu Hiort ann an dòigh eile. Anns an ochdamh linn deug agus an naoidheamh linn deug, bha fir, gu h-à raidh fir bho eileanan eile anns na h-Eileanan Siar, dhen bheachd gu robh na boireannaich ann an Hiort air leth brèagha. Sgrìobh an t-Urramach Coinneach MacAmhlaigh gu robh iad “eireachdail nan aodannan ’s nam bodhaigean agus, nam biodh iad air an còmhdach ann an nòs a’ bhaile mhòir agus ag imeachd air srà idean Shasainn, bhiodh iad ainmeil anns na comainn as uaisle." Innsidh mi dhuibh mun tè a bu bhòidhche aca, agus na thachair dhi, an ath sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.