Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 39: Rann-cunntaidh

Bidh sibh a’ cuimhneachadh, thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, gun tug mi dà rann-cloinne dhuibh. Tha mi a’ dol a chur crìoch air an t-sreath an-diugh le rann-cunntaidh eile. Tha an tè seo gar toirt suas bho dha-dheug gu fichead. Agus mar a rinn mi an t-seachdain ’s a chaidh, ’s e “deug” a chanas mi an àite “deug”. Seo e:

Dhà-dheug agus trì-deug

Fhuair na mèirlich fìor-leug

Nuair a bhris iad a-steach don chaisteal

Ann am baile Strìmeig

Ceithir-deug ’s a còig-deug

Cheannaich Iain bò bheag

Fhuair e ìm is gruth is bàrr

Is dh’òl na cearcan tòrr mèag

Sia-deug agus seachd-deug

Dheasaich Anna breacag

Thugadh i air falbh ’on bhord

Cò ghoid i? Cha robh beachd aic’.

Ochd-deug, naoi-deug, fichead

Thall air cĂąl an lios ud

Fhuaireadh nead le uighean gorm

’S mòr mo dhèidh nach bris iad.

Bheir sinn sùil air cuid de na faclan anns an rann. ’S e a th’ann am fìor-leug rudeigin beag prìseil mar dhaoimean neo seud de sheòrsa eile. Uaireannan ’s e dìreach leug a chì sibh agus, ann am bàrdachd, bidh e uaireannan a’ ciallachadh boireannach brèagha. Ach chan eil càil a dh’fhios agam ca’il baile Strìmeig is cha d’fhuair mi lorg air air map sam bith. ’S dòcha nach eil e ann an àite sam bith, ach anns an inntinn fhèin.

Tha an darna earrann a-mach air obair a’ bhainne. As deidh dha a’ bhò a cheannach, fhuair Iain ìm is gruth is bàrr. ’S e a th’ann an gruth an stuth tiugh geal a gheibhear nuair a dh’atharraicheas bainne, neo nuair a bhinndicheas e. Tha gruth a’ ciallachadh curds. ’S e a’ Ghàidhlig air curdling – binndeachadh. Agus tha fhios agaibh dè tha bàrr a’ ciallachadh, nach eil. An rud a thig am bàrr, a thig suas don uachdar. Ann am bainne, ’s e an rud a thig am bàrr – am bàrr - neo mar a theirear ann am Beurla, the cream. Agus ’s e facal cumanta eile ann air a shon – uachdar.

Ach dè mu dheidhinn an fhacail mèag? ’S e sin an stuth a th’air fhàgail nuair a chuireas tu an gruth air an darna taobh. Whey, mar a theirear ann am Beurla – mèag neo mèag neo meòg.

Agus dheasaich Anna breacag. ’S e sin cèic neo bonnach neo pancake. Agus an loighne mu dheireadh - ’s mòr mo dhèidh nach bris iad. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil mi ag iarraidh gu mòr nach bris na h-uighean gorm’ anns an nead. Canaidh mi an duan air fad a-rithist, beagan nas luaithe nan turas mu dheireadh:

Dhà-dheug agus trì-deug

Fhuair na mèirlich fìor-leug

Nuair a bhris iad a-steach don chaisteal

Ann am baile Strìmeig

Ceithir-deug ’s a còig-deug

Cheannaich Iain bò bheag

Fhuair e ìm is gruth is bàrr

Is dh’òl na cearcan tòrr mèag

Sia-deug agus seachd-deug

Dheasaich Anna breacag

Thugadh i air falbh ’on bhord

Cò ghoid i? Cha robh beachd aic’.

Ochd-deug, naoi-deug, fichead

Thall air cĂąl an lios ud

Fhuaireadh nead le uighean gorm

’S mòr mo dhèidh nach bris iad.

Agus is mòr mo dhèidh, ma tha sibh nur pàrant, gum feuch sibh ris na rannan a thug mi dhuibh ionnsachadh is gun innis sibh do ur cuid cloinne iad nuair a tha iad aig an aois cheart. Nuair a smaoinicheas sibh air duain Bheurla mar “four and twenty blackbirds” agus an spòrs a ghabh sibh le sin nuair a bha sibh òg, nach biodh e math an aon seòrsa spòrs a bhith aig ur cloinn le Iain ’s a bhò agus na mèirlich a ghoid an fhìor-leug agus a’ bhreacag. Beannachd leibh.

Faclan na seachdaine

mèirlich: burglars,robbers; fìor-leug,leug,seud: jewel,precious stone;cheannaich: bought; dheasaich: prepared,cooked; daoimean: diamond; uaireannan: sometimes;inntinn: mind; tiugh: thick; duan: ditty.

Abairtean na seachdaine

tha mi a' dol a chur crìoch air: I am going to finish; tha [i] gartoirt suas bho X gu Y: it takes us up from X to Y; an t-seachdain 's a chaidh: last week; nuaira bhris iad a-steach don chaisteal: when they broke into the castle; dhòl na cearcan tòrrmèag: the hens drank much whey; thugadh e air falbh on bhòrd: it was taken away from thetable; cò ghoid i?: who stole it?; cha robh beachd aic': she didn't know (she didn't have anopinion); thall air cùl an lios ud: over behind yonder garden; fhuaireadh nead le uigheangorm: a nest was obtained with blue eggs in it; 's mòr mo dhèidh nach bris iad: great is mydesire that they shall not break; chan eil càil a dh'fhios agam cail X: I have no idea whereX is (colloquial).

Puing ghrĂ mair na seachdaine

Thairis air a' cheala-deug a dh'fhalbh: over the past fortnight(ie the fortnight that left). Ceala-deug is a corruption of ceithir latha deug (14 days)and is more commonly used in speech than the equivalent dà sheachdain (two weeks). Anotherequivalent form is cola-deug which appears to be a corruption of còig latha deug (15 days)although today it means the same as ceala-deug. Càit' am bi thu an ceann ceala-deug?(where you will in a fortnights time?). Tha mi a' dol don Spainn airson ceala-deug anns anÒg-mhìos (I am going to Spain for a fortnight in June). Try and work this phrase into yournext Gaelic conversation so that it sticks in your mind.

GnĂ ths-cainnt na seachdaine

's e an rud a thig am bĂ rr: the thing that comes to thesurface is BĂ rr has a vast number of meanings but this is a common use of the word. It canalso be used conceptually eg ThĂ inig e am bĂ rr an-raoir gu robh X ri cealg (it became knownlast night, ie it came to the surface, that X was involved in deceit.)

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast