
24/03/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 38
Duration: 04:53
Litir 38: Rann-cunntaidh
Gheall mi dhuibh an t-seachdain ’s a chaidh gun toirinn dhuibh facal eile airson meur-craoibhe. Uill seo e – geug. Thuirt mi cuideachd gun innsinn dhuibh rann shnog a bhios freagarrach do chloinn, a bharrachd air luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig. Seo e a-nise, agus cumaibh cluas ri claisneachd airson an fhacail geug. ’S e rann-cunntaidh a th’ann, agus tha e a’ tòiseachadh le aon agus a’ dol suas gu aon-deug.
Aon, dhà , trì
An cat, an cù ’s mi fhìn
A’ ruith ’s a’ leum air feadh a’ ghà rraidh
Gus am fàs sinn sgìth.
Ceithir, còig, sia
Uisg’ neo gaoth neo fèath
Togaidh sinne bothan beag
Le clachan agus crèadh.
Seachd, ochd, naoi
Gheibh mi slat is sreang
’S thèid mi dh’iasgach anns an abhainn
Gus an tig an oidhch’.
Deich is a h-aon deug
Chan e facal brèig
Gun do chunnt mi fichead starrag
Is iad nan suidh’ air geug.
Bidh sibh a’ mothachadh gun tuirt mi “a h-aon deug” is chan e “a h-aon deug” mar a bhiodh nà darrach dhomh. Rinn mi sin gus am biodh e a’ deanamh rann le brèig. Ach ann an cuid de dh’à iteachan, leithid Earra-Ghaidheal, ’s e sin a chanas na daoine gu nà darrach co-dhiù. Aon-deug, dhà -dheug, tri-deug is mar sin air adhart. Agus an à ite “sia”, canaidh iad “sè”. Airson sia-deug, canaidh iad sè-deug. Ach na gabhaibh dragh. Tuigidh daoine air feadh na Gà idhealtachd thu ma chanas tu “sia-deug”.
Chan eil fhios a’m am bi sibh eòlach air an fhacal fèath. Chan eil e uabhasach feumail aig an à m seo dhen bhliadhna! Tha e a’ ciallachadh aimsir chiùin, nuair nach eil gaoth ann. Ma dh’èisteas sibh ri ro-shealladh na h-aimsir, neo na sìde, air na programan-naidheachd air Radio nan Gà idheal, cluinnibh sibh rudan mar – “bidh i na fèath an-diugh”, a’ ciallachadh nach bi gaoth mhòr sam bith ann. ’S truagh nach eil sinn ga chluinntinn nas trice!
Tha mi cinnteach gum bi sibh eòlach, ge-tà , air an fhacal bothan. Tha amharas agam gun tà inig e bhon fhacal Beurla booth bho thùs mar both. Bothan – both beag. Tha e fhathast againn ann an cruth rudeigin eadar-dhealaichte mar bùth, ach tha bothan, a-rèir choltais, air a dhol air ais don Bheurla a-rithist mar bothy.
Seo an rann a-rithist, beagan nas luaithe an turas seo:
Aon, dhà , trì
An cat, an cù ’s mi fhìn
A’ ruith ’s a’ leum air feadh a’ ghà rraidh
Gus am fàs sinn sgìth.
Ceithir, còig, sia
Uisg’ neo gaoth neo fèath
Togaidh sinne bothan beag
Le clachan agus crèadh.
Seachd, ochd, naoi
Gheibh mi slat is sreang
’S thèid mi dh’iasgach anns an abhainn
Gus an tig an oidhch’.
Deich is a h-aon deug
Chan e facal brèig
Gun do chunnt mi fichead starrag
Is iad nan suidh’ air geug.
An do mhothaich sibh am facal geug, aig an fhìor dheireadh? Agus dè bha oirre? Fichead starrag. ’S e a th’ann an starrag – eun mòr dubh is glas. Canaidh feadhainn feannag ghlas ris neo hooded crow ann am Beurla. Cluinnidh tu “Starrag” mar fhrith-ainm neo far-ainm air daoine ann an cuid de cheà rnaidhean na Gà idhealtachd.
Ach ma tha thu a’ leughadh seann stòiridh neo bà rdachd Ghà idhlig, bithibh faiceallach nuair a thig sibh tarsainn air an fhacal “geug”. A bharrachd air branch, tha e, neo bha e, cuideachd a’ ciallachadh “boireannach òg bòidheach”. Is ma tha sibh a’ sgrìobhadh bà rdachd sibh fhèin, thoiribh an aire. Ma sgrìobhas sibh gu robh sibh nur “laighe fo gheugan brèagha” ’s dòcha nach tuig an luchd-leughaidh gu robh sibh dìreach a’ gabhail fois ann an coille air latha samhraidh!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine:
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.