
11/02/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 32
Duration: 04:17
Litir 32: Ciotach
Bidh cuimhn’ agaibh bhon t-seachdain ’s a chaidh gu bheil am facal deiseil co-cheangailte ris a’ là imh dheis agus ri rudan matha. Ach, air an là imh eile, ma dh’fhaodas mi sin a rà dh, chan eil rudan matha co-cheangailte ris an là imh chlì. Agus tuigidh mi carson a tha daoine leis a’ cheà rrag neo a tha ciotach, mar a chanas iad ann an ceann a deas na Gà idhealtachd, a’ gabhail dragh mu dheidhinn sin.
Chan eil cà il ceà rr orra ach gu bheil an là mh cheà rr aca nas sgileile nan là mh dheas. Agus seallaibh mar a tha am facal ceà rr a’ ciallachadh left agus wrong. Ach tha an aon rud fìor ann an cà nanan eile. ’S e “ciotach” a bha am facal sinister a’ ciallachadh o thùs ann an Laideann.
Bidh cuimhn’ agaibh cuideachd gu robh an là mh dheas co-cheangailte ri slighe na grèine tron adhar – slighe ris an can sinn deiseil. Agus bha mòran chleachdaidhean o shean aig ar sinnsirean anns am biodh iad a’ gluasad gu deiseil a dh’aona-ghnothach airson’s gum biodh deagh fhortan aca.
Nuair a gheibheadh daoine bochda airgead bho chuideigin, rachadh iad trì tursan deiseil timcheall an duine mar bheannachd air. Nuair a rachadh iasgairean gu muir, bhiodh iad ag iomradh a’ bhà ta gu deiseil an toiseach. Agus mura deanadh iad sin, bhiodh iad dhen bheachd gum biodh droch fhortan aca air an latha sin. Chanadh feadhainn an-diugh gur ann saobh-chrà bhach a bha na seann daoine is gu robh na cleachdaidhean sin a’ buntainn ri linn nuair a bha na Gà idheil nam pà ganach. Ach chan eil teagamh nach robh iad a’ creidsinn ann an rudan mar sin gu là idir.
Anns an linn sin, bhathar a’ creidsinn gu robh ifrinn anns a’ cheann a tuath agus, mar sin, gu robh ifrinn fuar reòite. Tha sin gu math eadar-dhealaichte bhon ifrinn theth anns a bheilear a’ creidsinn an-diugh.
Agus bha daoine a’ creidsinn gun d’rachadh iad (neo gun d’rachadh an nà baidhean co-dhiù!) sìos a dh’Ifrinn agus, leis a sin, bha iad a’ coimhead air an à ird a tuath mar à ite ìosal. Agus chanadh iad “tha mi a’ dol sìos gu tuath” neo “tha mi a’ dol suas gu deas” agus chan e “suas gu tuath” agus “sìos gu deas” mar a chanar, anns an fharsaingeachd, ann am Beurla. Agus cluinnidh tu fhathast daoine ann an taobh siar Leòdhais ag rà dh ann an Gà idhlig gu bheil iad a’ dol “sìos a Nis”, sgìre ann am fìor cheann a tuath an eilein.
Ach ’s dòcha gu robh an aon rud fìor uaireigin ann am Beurla, agus gur e luchd nam mapaichean a th’air dealbh dhen t-saoghal a thoirt dhuinn anns a bheil an à ird a tuath aig a’ cheann shuas agus an à ird a deas aig a’ bhonn. Bidh daoine ann an Essex is Hertfordshire, mar eisimpleir, ag rà dh gu bheil iad a’ dol up to London, ged a tha iad a’ fuireach gu tuath air Lunnainn. Tha mi a’ deanamh dheth gur e seann chleachdadh a tha sin, agus gu bheil e a’ dol à bith ann an Sasainn, dìreach mar a tha e ann an Gà idhealtachd na h-Alba.
Ach bu toil leam tilleadh don fhacal ciotach agus fà gaibh mi sibh an t-seachdain-sa le ceist. Bha laoch Gaidhealach ann anns an t-seachdamh linn deug a bha gu math ainmeil. Agus bha e ciotach. Agus tha frith-ainm air ann am Beurla, a bharrachd air Gà idhlig, a tha a’ comharrachadh sin. Agus bha an gille aige na b’ainmeile fiù’s na esan airson gaisge. Cò iad? Innsibh mi sin dhuibh anns an ath litir, a’ chiad tè anns a’ bhliadhn’ ùir. Roimhe sin – ge-tà – Nollaig Chrìdheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.