
04/02/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 31
Duration: 04:49
Litir 31: Tuathal
Gheall mi dhuibh, a chà irdean, gun innsinn tuilleadh dhuibh an t-seachdain-sa mu dheidhinn an fhacail “tuathal” a tha ri lorg ann am “partan-tuathal”. ’S e facal air leth inntinneach a th’ann air sgà th ’s gu bheil e co-cheangailte ris an t-sealladh a bh’aig na Gà idheil, o shean, air a’ chruinne-cè.
Mus robh na Gà idheil air gnothach a ghabhail ri Crìosdachd, nuair a bha iad fhathast nam pà ganach, bha sealladh aca air an t-saoghal a bha stèidhichte air mar a sheasadh duine ann am meadhan cearcaill, a’ coimhead a-mach a dh’ionnsaigh na h-à ird an ear, an à ird far am bi a’ ghrian ag èirigh. Bhiodh an à ird an ear air a bheulaibh, agus bhiodh an à ird an iar air a chùlaibh. Agus ’s e sin a bha na faclan sin a’ ciallachadh anns an t-seann Ghà idhlig – an ear, air do bheulaibh, agus an iar, a’ tighinn as do dhèidh.
Nise, ma tha sibh nur suidhe an-drà sta, èirichibh gu’r casan. Greasaibh oirbh! Greasaibh oirbh! Seadh, tha sin nas fheà rr. Nise, smaoinichibh air combaist. Coimheadaibh a-mach a dh’ionnsaigh na h-à ird an ear, mar a bhiodh an seann draoidh. Togaibh ur là mh dheas. Tha mi’n dòchas gu bheil an tè cheart agaibh! ’S e sin deas, agus ’s e sin ur là mh dheas. Tha deas ann an Gà idhlig a’ ciallachadh an dà chuid, right agus south. South Uist, Uibhist a Deas. South Africa, Afraga a Deas.
Ach dè tha air do là imh chlì air a’ chombaist? ’S e sin an à ird a tuath. An latha an-diugh, ’s e clì neo ceà rr a chanas sinn anns a’ Ghà idhlig Albannaich airson left. Ach, o shean, bha am facal tuath a’ ciallachadh left a bharrachd air north.
Nise cumaibh air ur casan agus smaoinichibh air a’ ghrèin agus air slighe na grèine tron adhar. Bidh i ag èirigh anns an à ird an ear, bidh i a’ gluasad a dh’ionnsaigh na h-à ird a deas agus, mu dheireadh, thèid i fodha anns an à ird an iar. Anns a’ mhadainn, agus tha seo cutromach, anns a’ mhadainn, aig toiseach an latha, bidh i a’ dol a dh’ionnsaigh na h-à ird a deas. Canaidh sinn gur ann “deiseil” a tha i a’ dol. Tha “deiseil” a’ ciallachadh “a’ dol air slighe na grèine” neo, mar as fheà rr a thuigeas daoine an-diugh e, ’s dòcha, “air slighe spòg an uaireadair.”
Agus tha tuathal a’ dol calg-dhìreach an aghaidh sin. Tha tuathal a’ ciallachadh “a’ gluasad an aghaidh na grèine” neo “an aghaidh an uaireadair”.
Ach tha ciall neo dhà eile air na faclan seo, tuathal agus deiseil, neo deas. Bidh fios agaibh gu bheil deiseil a’ ciallachadh “ullamh” neo “crìochnaichte”. Ach tha am facal eile a tha cà irdeach dha, deas, cuideachd a’ ciallachadh “gasta”, neo “snasail” neo “sgileil le do chuid là mhan”. Tha deas co-cheangailte ri dexter ann an Laideann. Tha am facal Beurla dexterous a’ tighinn às a Laidinn.
Agus tha tuathal a’ dol an aghaidh deiseil agus deas anns an t-seadh seo cuideachd. Tha e a’ ciallachadh “deireannach” neo “ceà rr” neo “troimh-chèile” neo “gun a bhith ro sgileil neo sgiobalta”. Carson, ma tha, an e partan-tuathal a chanas sinn ri hermit crab? An e gu robhar a’ deanamh dheth gum biodh am partan-tuathal a’ gluasad an aghaidh slighe na grèine, neo an e dìreach air sgà th ’s gur e beathach car neo-à bhaisteach – beathach “ceà rr” – a th’ann?
Chan eil mi buileach cinnteach mu dheidhinn sin, ach tha mi cinnteach mu dheidhinn aon rud. ’S e sin gu bheil tòrr ri ionnsachadh mu dheidhinn dualchas na Gà idhlig bhon dà fhacal sin – tuathal agus deiseil. Agus bheir sinn sùil a bharrachd air deiseil anns an ath litir. Ach, an-drà sta, tha mi deiseil.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.