Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 25: An SgĂ than

An robh sibh a’ coimhead anns an sgàthan an-diugh? Tha fhios gu robh – a’ chiad char anns a’ mhadainn, agus sibh a’ cur ur falt ceart airson a dhol a dh’obair, neo don sgoil, neo airson coimhead brèagha do chàch aig bòrd na bracaist. Agus dè chunnaic sibh anns an sgàthan? Nàdar de Phierce Brosnan, ’s dòcha, neo faileas brèagha mar a chìtheadh Catherine Zeta-Jones? Uill, tha fhios a’m air aon rud: chanamaid uile an aon rud mu dheidhinn – “chunnaic mi mi-fhìn.”

Tha mi’n dòchas gu bheil sibh air obrachadh a-mach gur ann air tòimhseachan na seachdain ’s a chaidh a tha mi a’ bruidhinn. A bheil cuimhn’ agaibh air? Seo mar a chaidh e:

Is mi mi-fhìn,

Is mi gach duine

Ach sgrìob mo dhruim

’s cha mhi duin’ idir.

Agus ’s e sgàthan a bh’ann. Tha faileas de gach duine a’ nochdadh ann nuair a sheasas gach duine mu a choinneamh. Ach ma sgrìobas tu druim an sgàthain, far a bheil am peant airgid, caillidh e a chomas faileas ceart a dhèanamh – agus, an uairsin, cha nochd d’fhaileas ann idir nuair a sheasas tu mu a choinneamh. Bha e sìmplidh, nach robh?!

Chan aithne dhomh gu bheil am facal “sgàthan” a’ nochdadh gu tric idir ann an gnàthsan-cainnt neo seanfhaclan Gàidhlig, ach ’s aithne dhomh aon seanfhacal anns a bheil e. Agus, nam bheachd-san, tha an seanfhacal sin gu math ciallach, agus gu math snog. Is math an sgàthan sùil caraid. Tha e a’ ciallachadh gum faod sinn deagh iomhaigh fhaicinn dhinn fhèin ann an sùilean caraid. Chì sinn tro shùilean caraid mar a chì daoine eile sinne.

Agus nach e sin an gnothach air an robh am bàrd ainmeil Gallda, Raibeart Burns, a’ meòmhrachadh nuair a sgrìobh e a dhàn, To a Louse. “O wad some Pow’r the giftie gie us,” sgrìobh e, “tae see oursels as ithers see us.”

Tha an sgàthan a’ nochdadh gu tric ann am beul-aithris na Roinn-Eòrpa agus, mar is trice, tha e gu math onorach, ’s dòcha nas onoraiche na tha daoine. Agus chan eil an sgàthan diùid. Bidh e ag innse na fìrinn, co-dhiù tha sin a’ toileachadh an duine a tha a’ coimhead ann neo nach eil.

Bidh sibh uile eòlach air an t-seann sgeulachd Ghearmailtich a chaidh a chruinneachadh leis na bràithrean Iacob agus Wilhelm Grimm. Ann an Gàidhlig ’s e “Ròs Bhàn agus na Seachd Troichean” a th’oirre; ach ’s dòcha gum bi sibh eòlach oirre mar “Snow White and the Seven Dwarves.”

Anns an sgeulachd sin, tha sgàthan ann a tha ag innse don Bhànrigh olc gur ise am boireannach as brèagha a th’ann. Agus tha sin ga toileachadh. Ach an ceann greis, tha an tè òg, Ròs Bhàn, a’ tighinn gu ìre agus tha ise, a-rèir choltais, cho brèagha ris an tè ainmeil anns na sgeulachdan againn fhèin – Deirdre. Chanadh iad mu dheidhinn Deirdre gur ise am boinne-fala a bu mhaisiche a bh’ann eadar grian agus talamh agus nach do rugadh tè a-riamh a bha cho maiseach rithe.

Uill, chan eil fhios a’m, ach ’s dòcha gu robh Ròs Bhàn cho brèagha ri Deirdre. Co-dhiù b’e sin beachd an sgàthain – gur i Ròs Bhàn an tè a bu bhoidhche air an t-saoghal gu lèir. Agus, anns an sgeulachd, nuair a dh’fhaighnicheas a’ Bhànrigh dhen sgàthan cò as maisich’ a th’ann, tha an sgàthan a’ freagairt “Ròs Bhàn”. Chan eil a’ Bhànrigh toilichte.

Ach ’s dòcha, an àite a bhith a’ fàs feargach mu bheachd an sgàthain, gu robh còir aig a’ Bhànrigh a ràdh ris gu robh i coma. Dh’fhaodadh i seanfhacal eile a ràdh ris an sgàthan mar dhearbhadh gu robh i coma – “Cha toir a’ bhòidhchead goil air a’ phoit.”

Faclan na seachdaine

sgàthan: mirror; falt: hair; càch: the others (in a group or family);faileas,d’fhaileas: reflection, your (sing) reflection: a’ nochdadh: appearing; diùid: shy;troich: dwarf; olc: evil; maiseach: beautiful; feargach: angry.

Abairtean na seachdaine

a chiad char anns a’ mhadainn: first thing in the morning; nàdarde Phierce Brosnan: a Pierce Brosnan-type (of reflection); mar a chìtheadh X: as X wouldsee; tha fhios a’m (“a’m” is short for “agam” and is very common in speech – listen out forit): I know; chanamaid uile: we would all say; tòimhseachan na seachdain ’s a chaidh: lastweek’s riddle; mu a choinneamh: opposite, in front of it (masc); caillidh e a chomas: it(masc) loses its ability; co-dhiù tha sin a’ toileachadh X neo nach eil: whether that pleasesX or not; a chaidh a chruinneachadh: which was collected; tha X a’ tighinn gu ìre: Xreaches maturity; am boinne-fala a bu mhaisiche: lit. the most beautiful drop of blood –this is an old Gaelic expression, found in traditional stories, for a woman of exquisitebeauty; an tè a bu bhoidhche: the most beautiful (woman); mar dhearbhadh gu robh icoma: as proof that she was indifferent (to the mirror’s opinion).

Puing ghrĂ mair na seachdaine

gum faod sinn deagh iomhaigh fhaicinn (dhinn fhèin):that we can see a good (ie accurate) image (of ourselves). When a clause (a bit of asentence containing a verb) contains two verbs, the second, which is in the form of a(lenited) verbal noun, generally goes at the end. Failure to observe this “rule” is acommon mistake made by learners. eg am faod mi a’ cheist a fhreagairt? (may I answer thequestion?) NOT am faod mi freagairt a’ cheist? Similarly, an urrainn dhut sin a dhèanamh?(can you do that?) NOT an urrainn dhut dèanamh sin? And dh’iarr e orm an copan alìonadh (he asked me to fill the cup) NOT dh’iarr e orm lìonadh an copan. Wrongphraseology of this nature grates badly on the ears of fluent speakers even though theyunderstand what is meant. But, like all “rules” there are exceptions. In this case, note thatwith rach (“go”) this inversion does not take place eg tha mi a’ dol a dhèanamh sin (I amgoing to do that) NOT tha mi a’ dol sin a dhèanamh. Chaidh mi a dh’fhuireach ann anGlaschu (I went to live in Glasgow) NOT chaidh mi ann an Glaschu a dh’fhuireach.

Seanfhaclan na seachdaine

Is math an sgàthan sùil caraid: a friend’s eye is a goodmirror. This is self-explanatory. Cha toir a’ bhòidhchead goil air a’ phoit: beauty won’tboil the pot. In other words, beauty is not everything (a good one to say, with a resignedsigh, to the mirror in the morning when “Pierce Brosnan” or “Catherine Zeta-Jones” failsto appear in your reflection!)

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast