
17/12/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 24
Duration: 04:32
Litir 24: SgĂ ilean
Anns an litir o chionn mìos bha mi ag innse dhuibh mu bhoireannach à Astrà ilia is aithne dhomh a thug sgà ilean, neo sgail-uisge, leatha don Eilean Sgitheanach. Cha do mhair e slà n ach dà latha mus deach a bhriseadh ann an stoirm. Agus bheirinn comhairle do dhuine sam bith a tha a’ tighinn don Ghà idhealtachd bho dhùthaich eile gun a bhith a’ toirt sgà ilean leis. Còta gu cinnteach, ach chan eil sgà ilean gu mòran feum nuair a tha a’ ghaoth là idir mar a bhios i gu tric air Ghà idhealtachd.
Ach tha sgà ileanan gu mòran feum ann an dùthchannan eile far am bi tòrr uisge ann ach far nach bi cus gaoith’ ann aig an aon à m. Ann an ceann a deas is taobh sear Àisia, mar eisimpleir, bidh mòran gan cleachdadh gu h-à raidh anns an rà ith fhliuch, neo monsoon mar a chanas iad. Chìthear manaich Bhudastach ann an Thailand ann an earradh cròch neo orains, a’ coiseachd na srà id, is chan eil cà il aca nan là mhan ach sgà ilean snasail dubh.
Agus anns na beanntan gu tuath air na h-Innseachan, far a bheil daoine, anns an fharsaingeachd, gu math bochd, ’s ann tric a chìthear bodach a’ coiseachd tro bhealach à rd, eadar craobhan rhododendron, gun bhrògan air a chasan is le glè bheag a dh’aodach air. Ach bidh e a’ toirt sgà ilean leis fo achlais mar a bhios muinntir nan oifisean mòra ann an Lunnainn gach madainn is feasgar.
Mar a shaoileadh sibh, ’s ann airson an cumail fhèin tioram a tha a’ mhòr-chuid a’ giùlain sgà ilean leotha. Ach gu deas air na beanntan anns na sgìrean teth is fliuch gu h-à raidh ann an taobh sear nan Innseachan faisg air Bà gh Bheangà il, tha adhbhar a bharrachd ann. Cha do smaoinich mi air a seo gus an cuala mi còmhradh air an rèidio turas le boireannach à baile faisg air Calcutta.
Bha am fear-naidheachd a bha a’ deanamh an agallaimh air mothachadh do rud annasach fhad ’s a bha e anns an sgìre sin. Bhiodh mòran de mhuinntir an à ite a’ coiseachd timcheall le sgà ileanan. Agus bhiodh na sgà ileanan suas fosgailte, os an cionn. Ach ’s e an rud a chuir iongnadh air – nach robh an t-uisge ann aig an à m! Bha e tioram ach, a dh’aindeoin sin, bha na sgà ileanan suas.
“Carson a tha sin?” dh’fhaighnich e dheth fhèin, agus ’s e sin a’ cheist a chuir e air a’ bhoireannach air an rèidio.
“Uill, nach eil e follaiseach?” fhreagair am boireannach, “tha airson ar dìon.”
“Ach cha robh an t-uisge ann,” thuirt am fear eile, “neo a’ ghrian na bu mhotha.” (leis gu robh e sgòthach)
“O,” ars’ am boireannach, “chan e uisge neo grian a tha a’ cur dragh oirnn.”
“Uill,” thuirt am fear-naidheachd, “dè tha a’ cur dragh oirbh ma thà ?”
“Tha,” ars’ ise, “nathraichean.”
Aig an à m seo dhen bhliadhna, tha e coltach, bidh na nathraichean puinnseanta, ris an canar cobras, a’ leum a-mach às na craobhan air daoine a tha a’ coiseachd fodhpa. Ach ma tha sgà ilean os do chionn, chan fhaigh an nathair a fiaclan annad agus tha deagh chothrom agad faighinn air falbh. Ma ’s breug bhuam e, is breug thugam e!
O chionn greis gheall mi dhuibh gun toirinn tòimhseachan dhuibh bho à m gu à m. Agus airson crìoch a chur air an litir an t-seachdain-sa, ged nach eil ceangal aige do nathraichean neo sgà ileanan, seo fear eile.
Is mi mi-fhìn,
Is mi gach duine
Ach sgrìob mo dhruim
’s cha mhi duin’ idir.
Seo e a-rithist:
Is mi mi-fhìn,
Is mi gach duine
Ach sgrìob mo dhruim
’s cha mhi duin’ idir.
Uill, faodaidh sibh smaoineachadh air agus innsibh mi dhuibh de th’ann an ath sheachdainn.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.